Bradan á linne ’na mhèirle fhathast

THA ceangal àrsaidh agus dlùth eadar Alba ’s am bradan. Tha an t-iasg iongantach seo ’na shamhla air lùthchleasachd, gliocas agus dìomhaireachd a tha a’ ruith tro litreachas agus fionnsgeulan na dùthcha. Le iasgach fhathast fo shealbh prìobhaideach, tha e cuid­eachd ’na shamhla làidir air sgaraidhean sòisealta ’s air an strì eadar uachdaran agus sluagh. Ach bhon tha an riaghaltas gu bhith ag ath-sgrùdadh leasachadh fearainn, agus bile ùr Iasg­aich agus Tuathanachais Uisge air fàire, tha cothrom ann iasg­ach na h-Alba a dhraghadh a-steach dhan 21mh linn.

Is fhiach iasgach slaite timch­eall air £130 millean sa bhliadhna don econamaidh. Le daoine air leth beartach deònach na mìl­tean not a phàigheadh, tha prìs a’ chead iasgaich air iomadh linne cho daor ’s nach fhaod
a’ mhòrchuid a pàigheadh. Tha iom­adh linne eile dùinte, ’nan àiteachan cluiche do dhaoine uaisle ás gach pàirt den t-saoghal.

Chan e mhàin gu bheil seo mì-mhoralta, tha e cumail cosnadh luachmhor bho choimhearsnachdan ionadail, oir, beartach ’s gu bheil ceathrar bhancairean á Lunnainn, tha ceud iasgair clas-obrach a’ cosg barrachd airgid ann an seachdain air bùithtean, air leabaidh ’s breacaist, neo
air taigh-seinnse. Agus chan eil coimhearsnachd Ghaidhealach ann nach fhaigh buannachd á sèasan luchd-turais a leanas gu deireadh an Dàmhair.

Hide Ad
Hide Ad

Dh’ath-chruthaich Nirribhidh na laghan iasgaich aice sna 60an, ’s tha i ’na h-eisimpleir do mhòr­an ann an Alba a tha a’ strì air son leasachadh fearainn. B’ e
am prìomh amas, a rèir Helge Dyrendal, comhairliche aig Bòrd Manaidsearachd Nàdair Riagh­altais Nirribhidh, an dà chuid air­gead agus daoine a chumail sna sgìrean iomallach. “Rinneadh ceangal eadar sealbh còireachan iasgaich bradain agus sealbh na talmhainn, oir bha an riaghaltas ag iarraidh gum faigheadh tuath­anaich cosnadh á bunaitean eile a bharrachd air àiteachas agus obair thradiseanta.”

Agus mar a tha am mathan cho lìonmhor ’s e a’ biathadh ri taobh aibhnichean-bradain Can­èid­eanach, sann bho na h-aibhnichean bradain acasan a gheibh coimhearsnachdan iomallach Nir­ribheach beòshlaint, agus airgead bho cheadan iasgairean a’ toirt cosnadh eile do thuathan­aich bheaga.

Air aibhnichean far a bheil gyrodactylus salaris air am bradan a mharbhadh, tha na coimhearsnachdan air bàsachadh. Ged nach do sgaoil na beigearan beaga gu aibhnichean na h-Alba fhathast, tha na h-uachdarain mhòra a-cheart cho comasach air an cuid obrach.

Agus Nirribhidh cuideachd den bheachd nach fheum iasg­ach brad­ain a bhith toirmisgte do mhuinntir na dùthcha, tha am­annan sònraichte ’s prìs­ean nas ìsle ri’m faighinn air fiùs na h-aibh­nichean as cliùitiche. Ach tha na laghan seo 40 bliadhna a dh’aois, ’s tha laigsean annta: tha an t-iasgach as fheàrr glèidh­te do na beartaich, ’s faod­aidh tuathan­aich, mòr no beag, prothaidean mòra dhèanamh á iasg fiadhaich.

Tha e duilich mìneachadh a thoirt air an toileachas a gheibh­ear á là air abhainn còmhla ri dlùth charaid, no á feasgar air a’ mhòintich leat fhèin, a’ tilgeil maghar ri breac. Tha e nas duil­ghe fhathast a thuigsinn car son a tha an lagh a’ ceadachadh prìs a chur air beathaichean a tha cho saor ri eun air an sgèith. B’ ann
le cuimhne air aintighearnas a shiubhail iomadh Albannach chun an t-Saoghail Ùir, agus mar a mhìnich Dùghlas Emmett, an t-àrd-oifigear gnìomha aig Comh­airle Iasgaich agus Seilge Wai­kato, tha muinntir Seallainn Nuaidh air leth dìonadach mu na còireachan a th’ aca an-diugh. “B’e am prìomh adhbhar gun do dh’fhàg mo shinnsearan nach robh fearann, iasgach no sealg ri’m faighinn ach aig na h-uachd­arain. Do mhuinntir Seallainn Nuaidh tha an t-iasgach ’na chòir-bhreith, agus bhiodh cuid deònach bàsachadh air a shon. Bidh tuathanaich a’ feuchainn ri prìsean a chur air an-dràsta ’s
a-rithist, ach cha tig ás ach fòir­neart agus poidseadh. Tha am bradan ’s am breac ’nam beath­aichean fiadhaich ’s tha an t-uis­ge a’ tuiteam ás na speuran. Chan eil iad fo shealbh duine beò.”

Gu dearbh. Chan eil cead iasg­aich nàiseanta a’ cosg ach $130 sa bhliadhna, ’s an t-airgead sin a’ dol air ais gu sgeamaichean leasachaidh uisgeachan agus pròis­eactan àrainneachd. Thall ann an Alba Nuadh, far am faighear an t-aon ghnè de bhradan ’s a th’ ann an Alba – bradan a’ Chuain Siar – tha cead iasgaich an-asg­aidh do chlann fo aois 13, agus cha phàigh inbhich ach $47 anns a’ bhliadhna. Eilean Thasmain $37, Alasca $24, Montana Thormoid Mhic Gill Eathain $0. Saoil an còrdadh sin ri clann ana-coth­rom­aichte Ghlaschu ’s Pheairt?

Thuirt labhraiche gum biodh an Riaghaltas “a’ leasachadh ’s ag ùrachadh rian agus cruth iasgach uisge gus a dhèanamh iomch­aidh dhan 21mh linn”. Mar dhìl­eab bho Linn nam Fuadaichean, chan eil an suidheachadh a th’ againn a’ còrdadh ri riaghaltas a tha luath gus a’ bhratach shòis­ealach a thogail ’s a tha a’ feuch­ainn ris an ìomhaigh aig dùthaich adhartach a chruthachadh. Chan eil gràdh-dùthcha a tha stèidh­ichte air bratach agus seallaidh­ean brèagha ach falamh ma tha a’ chuid as fheàrr den dùthaich toirmisgte don t-sluagh – caran coltach ri Nigèirianach a bhith pròiseil á stòrasan mèinneil a dhùthcha.

Hide Ad
Hide Ad

’S na Nàiseantaich ag iarraidh cumhachd air Oighreachd a’ Chrùin, dh’fhaodadh còireachan iasgaich fo a sealbh a bhith air an toirt don dùthaich, mar shamhla gun tig dùthaich nas cothrom­aiche cuide ri barrachd chumhachdan do dh’Alba. Dh’fhaodadh bùird iasgaich, mar phoileasaidh oifigeil, còireachan a cheannach bho shealbhadairean prìobhaideach thar bliadhnaichean, le cean­nachd èigneachail bho sheal­bhadairean neo-làthaireach agus ias­g­ach bradain Di-Dòmhnaich – mì-laghail an-dràsta – air fhosg­ladh dha na h-uile gus an uair sin. Glacaidh foidhidinn iasg, ’s tha iasgairean air fuireach fada gu leòr air atharrachadh nach tàinig.

Coltach ri mòran anns an t-Saoghal Ùr, tha sinnsirean Albannach aig Dùghlas Emmett. “Tha mi ’nam Shutharlanach air taobh mo mhàthar,” thuirt e. “Chan eil fios agam co ás a bha iad, ach tha mi air leth toilichte gun do dh’fhàg iad.”

Cho fad air falbh bho sgàth
a’ chiad Dhiùic Chataich, tha
cuimhne a’ crìonadh. Ach aig £1,500 air son seachdain air Abh­ainn Bhrùra agus na gleanntan fhathast falamh, tha a dhìleab
a-cheart cho làidir ’s a bhà.