Boinne ann am beul na gaoithe - Litrichean

Bidh connadh caithte niùclasach air a ghiùlan bho Dhùn Rath gu Sellafield le rèile. Bidh sin a’ ciallachadh gun téid e tro mheadhan Inbhir Theòrsa.

Bidh connadh caithte niùclasach air a ghiùlan bho Dhùn Rath gu Sellafield le rèile. Bidh sin a’ ciallachadh gun téid e tro mheadhan Inbhir Theòrsa.

■ Se Comhairle Pheairt ’s Chinn Rois an aon chomhairle an Alba nach toir taic-airgid do sgoilearan gu bhith siubhal dhan dà aonad Ghàidhlig san sgìre, Acadamaidh Bhraghaid Albainn agus Bunsgoil Goodlyburn. Thuit rola nan sgoilearan Gàidhlig ann an Goodlyburn bho mu 21 ann an 2001 gu ochd ann an 2011.

Hide Ad
Hide Ad

■ Bha sgioba an laoineir a bhuail na creagan air costa na h-Eadailt o chionn seachdain, an Costa Concordia, ag innse do phasaidearan tilleadh do na cabanan aca fhad ’s a bha i a’ gabhail muir, mu 30 mionaid mus deach i air a cliathaich. Tha an sgiobair, Francesco Schettino, fo ghlais. Tha 11 duine marbh agus 21 a dhìth fhathast.

Glenfarclas

Thadhail Francis Diack (sgoilear Gàidhlig à Obar Dheathain) air an sgìre seo anns na ficheadan den linn a chaidh seachad, nuair a bha fhathast corra neach air fhàgail an sin aig an robh Gàidhlig na sgìre. Airson “Farclas” chlàr e am fuaimneachadh farchlash, mar sin tha am mìneachadh a thug sibhse seachad mòran nas coltaiche na “feur glas”.

Airson “Rechlerich” ge-tà, chlàr Diack am fuaimneachadh rechlérich, mar sin dh’fhaodadh e a bhith gur e “Ruighe a’ Chlèirich” a tha ann – “ruighe a’ phearsa-eaglaise” (tha àite air a bheil Baile na h-Eaglaise gu math faisg air làimh).

Seumas Grannd

Coille Ghiuthais

Ràt Mhurchais

An Aghaidh Mhòr

Faic An t-Albannach 31.12.11.

Beannachd air Nicola

BHA mi a’ coimhead air Question Time an oidhche roimhe. B’e fear de na cuspairean neo-eisimeileachd, agus bha Nicola air a cuairteachadh le nàimhdean, ’nam measg Dubhghlas Alexander. Cha robh iad a’ cuimhneachadh dhomh ach fithich ghrànda a bhiodh a’ toirt sgròbadh air caora a bha air a dhol far a h-amhaich.

Chan e gun robh Nicola air a dhol far a h-amhaich idir. Bha i briathrach, comasach agus toinisgeil. Chan eil fiosam ciamar a chum i a ciall agus Dubhghlas ga bìdeadh gun sgur.

Mo bheannachd air Nicola.

Tormod E Dòmhnallach

Douglas St, Tobar na Màthar

Tha sinn a’ cur fàilte air litrichean. Se an seòladh puist: The Gaelic Editor, The Scotsman, 108 Holyrood Rd, Edinburgh, EH8 8AS.