Boinne ann am beul na gaoithe 19/11/2011

THA cion-cosnaidh dhaoine òga ’na adhbhar imcheist do dh’aonaidhean foghlaim bho dh’fhoillsicheadh gu bheil an àireamh as àirde riamh san RA de dh’òigridh (16-24) gun obair.

• Bhòt an Lìog Àrabach cur ás greis do bhallrachd Siria, agus thug iad rabhadh gun téid a peanasachadh mura sguir i de làmhachas làidir air an t-sluagh.

• Tha an dà chuid Pailistìnich agus Iùdhaich ann an Jaffa, Israel, feargach mu mhilleadh a rinneadh air cladhan, teampaill agus taighean-bidhe Àrabach. Tha gràin ris an 20 ás a’ cheud de Phailistìnich a tha a’ fuireach ann an Israel air éirigh, agus tha mar phoileasaidh aig companaidhean togail leithid Bemuna taighean a thogail do Iùdhaich a-mhàin.

Hide Ad
Hide Ad

• Tha an àireamh de dhaoine fo chasaidean gràin-chreidimh ann an Alba aig an ìre as àirde bho chionn cóig bliadhna. B’e oifigearan poilis a bu mhotha a dh’fhuiling bho eucoirean ceangailte ri gràin-chreidimh.

• Tha poileas a’ rannsachadh mèirle fosailean dìneasair ann a Bhaltos san Eilean Sgitheanach. Agus rinneadh milleadh mór air creag a tha cudromach a thaobh airceòlas an Linn Iurasaig faisg air Bàgh Bheararaig.

• Tha innleadairean ann an California a’ cumail a-mach gun do chruthaich iad an stuth as aotruime san t-saoghal. Ged a tha e làidir, tha e ceud uair nas aotruime na tha Styrofoam, a tha dèanta de chop poilistaidhrein.

• Bidh tachartas ann an Roinn na Ceiltis ’s na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu, aig 4 uairean air Di-Ciadain 30 Samhain, a’ comharrachadh foillseachadh an dà leabhair a dheasaich Dòmhnall Meek de sgrìobhaidhean an Oll. Urr. Tòmas MacCalmain. Fios bho [email protected]

Related topics: