Boinne ann am beul na gaoithe

B’ éiginn do dh’itealan Flybe eadar Glaschu agus Beul Feirste tilleadh a Ghlaschu an uair a fhuaras lorg air cearb theicnigeach dìreach an déidh dha togail air chun nan speuran.

• Ged a dh’fheumas oileanaich á Alba pàigheadh suas ri £9,000 ma théid iad gu oilthigh ann an Sasainn, an Éirinn a-Tuath no anns a’ Chuimrigh, tha na morairean Forsyth agus Foulkes ag iarraidh air Westminster cumhachdan Riaghaltas na h-Alba a lùghdachadh gus nach bi aig oileanaich ás na trì dùthchannan sin na h-aon suimean a phàigheadh ma théid iad gu oilthigh ann an Alba.

• Tha na mìltean ag éigheachd an aghaidh an airm air Ceàrnag Tahrir ann an Cairo a-rithist an déidh tuaireap a dh’fhàg 79 marbh aig geam buill-choise ann am Port Said.

Hide Ad
Hide Ad

• Cluinnidh Pàrlamaid na h-Alba deasbad Di-Ciadain an aghaidh Caolas Bharraigh a bhith ’na “raon sònraichte gléidhteachais”, reachdas a chuir SNH air a’ chaolas an aghaidh toil móran de mhuinntir an àite.

• Fhuair Tomaidh Sheridan ás a’ phrìosan an déidh beagan ’s bliadhna son mionnan eithich a thoirt sa chùis aige an aghaidh na News of the World. Chuireadh ás don òrdagh a bhiodh ga bhacadh o bhith a’ bruidhinn ris a’ phoball ’s ris na meadhanan.

• Gheibh Facebook co-dhiù $5 billean an uair a théid a’ chompanaidh Chailifòirneach air margadh nan earrann. Se Mark Zuckerberg, 27, co-stéidhichear na làraich, aig am motha bheil de dh’earrannan – 28.4 ás a’ cheud, ’s iad luach $24 billean an déidh a’ chur-air-bhog phoblaich.