Boinne ann am beul na gaoithe

CHAIDH an rathad iarainn bho Inbhir Nis chun an Agaidh Mhóir a dhùnadh air sàilleabh maoim sléibhe ri a thaobh eadar an Slochd agus Drochaid Chàrr.

■ Thadhail Dòmhnall Trump air a’ Phàrlamaid air son fianais a thogail an aghaidh tuathanasan gaoithe agus poileasaidh na dùthcha mu chumhachd ath-nuadhachail. Chruinnich luchd-coiteachaidh bho dhà thaobh na h-argamaid air taobh a-muigh an togalaich.

■ Chaidh bàs a mhaoidheadh air an triùir de phanal breith Chomann Ball Coise na h-Alba an déidh dhaibh Rangers a pheanasachadh a réir riaghailtean na buidhne.

Hide Ad
Hide Ad

■ fhuair Seòras Galloway BP còrr agus aon mhaoidheadh bàis cuideachd bho thug e Bradford an-Iar bho na Làbaraich. Thuirt e bho chionn ghoirid gur e slum a bh’ anns an àite san do thogadh e ann an Lochee, Dùn Dé.

■ Fhuair dithist a chuir pasgain chunnartach gu Neil Lennon cóig bliadhna prìosain.

■ Tha fearmairean Ìle ag ràdh nach bi àrach spréidh tuilleadh san eilean mura dèanar rudeigin gu àireamh ghèadh a thoirt sìos.

■ Gu tubaisteach, chaidh ainm an sgrìobhadair fhàgail far an léirmheas “Am figheadair feòir” an seo air 31 Màrt. Se Raghnall MacilleDhuibh a sgrìobh e.

Tha onghail is iorghall gan togail fhathast le eascairdean poilitigeach timcheall rannsachadh Leveson agus ceanglaichean aig Riaghaltasan Taigh an Ròid is Westminster ri News Corporation. Dh’aidich Murdoch nach do rannsaich e ceart na casaidean far-chluaise aig News of the World.

■ Tha an Fhraing air ceann iomairt airson seasamh nas làidire ann an Siria agus an fhòirneart a thoirt gu crìch. Mharbhadh faisg air 70 duine le aon spreadhadh ann am baile Homs an t-seachdain sa agus is iomadh naidheachd oillteil eile a tha a’ braonadh bhon dùthaich.

Related topics: