• Bho dh’fhosgail an tùr craolaidh as àirde san t-saoghal ann an Tokyo an t-seachdain seo chaidh, tha 1.64 millean duine air tadhal ann.
• Chaidh dà dhràibhear làraidh a mharbhadh air an A9.
• Chuireadh Buidheann ùr Ghàidhlig air chois aig Comhairle na Gaidhealtachd air dhaibh cur ás do Chomataidh na Gàidhlig. Se Hamish Friseal a bhios os a cionn.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad• Thug Rangers seachad sgrìobhainnean do luchd lagha an SPL a’ buntainn ri cùmhnantan chluicheadairean a dh’fhaodadh a bhith mì-dhligheach.
• Thuirt an Taleban gum bu chòir do NATO air fad eisimpleir na Frainge a leantainn agus Afghanastan fhàgail.
• Bhuail crith-thalmhainn eile ceann a-tuath na h-Eadailt. Fhuair 16 daoine bàs.
• Chuireadh seachdnar an greim ann an Éirinn fo chasaid gun robh iad “a’ stiùireadh ceannairc”.