Bho ghairm a' choilich gu gath an t-seillein

SGUIR Gairm an-uiridh an déidh dha tighinn a-mach a h-uile ràithe fad lethcheud bliadhna. Dà cheud àireamh uile gu léir, làn sgrìobhaidhean Gàidhlig de gach seòrsa, a thug breith do na dusain - mura h-e na ceudan - de leabhraichean.

Ciamar a leanas tu sin? A bhrosnaicheas tu litreachas Gidhlig ann an digh a fhreagras air ar linn? A ghlidheas tu leughadairean Gairm ’s a chuireas tu ris na th’ ann dhiubh?

Fhuair sinn dara leth na freagairt bho chionn bliadhna nuair a thinig e am follais gun robh idh aig cl-bhualadairean Gairm, Martins of Berwick, ann a bhith cur iris r air chois. Bha sin a’ ciallachadh nach robh feum air cilidhean ’s a leithid a chumail son airgead a thogail mar a rinn Ruaraidh MacThmais, Finlay J ’s an cirdean ann an 1951 gus Gairm a chur a’ dol.

Hide Ad
Hide Ad

Tha an leth eile againn a-nis ann an riochd Gath. Tha e coltach ri Gairm an iomadh digh - an aon mheudachd, an aon chumadh, sil ris an aon tricead, mran de na h-aon sgrobhadairean, car an aon mheasgachadh de rosg ’s de bhrdachd, de dh’aistidhean ’s de sgeulachdan, de lirmheasan ’s de dhealbhan camara. Tha sin glic. Bha ochd ceud no mar sin de leughadairean aig Gairm nuair a sguir e, agus crdaidh Gath riuthasan. Aon uair ’s gum bi an luchd-deasachaidh cinnteach gu bheil iad a’ toirt nan leughadairean sin leotha, faodaidh iad gluasad air adhart mar a chithear iomchaidh.

Tha dithis de luchd-deasachaidh aig Gath, mar a bha aig Gairm an uair a thisich e: Dmhnall Meek agus J NicDhmhnaill. Se Meek a sgrobh na lirmheasan (clir a-nis cho math ri leabhraichean) aig an deireadh, mar bha MacThmais a’ deanamh sna bliadhnachan (no ’n e deicheadan?) mu dheireadh de Ghairm. Tha sin ag obrachadh gl mhath.

Ciamar a tha an luchd-deasachaidh fhin a’ faicinn na h-iris ir? An didh taing a thoirt do MhacThmais son a lethcheud bliadhna de sheirbheis tha iad ag rdh: "Chan urrainn dhuinn a bhith be mar Ghidheil mura bi ar litreachas a’ leudachadh ’s a’ doimhneachadh, ’s mura bi cothrom ann don mhac-mheanmna cleasan ra fheuchainn."

Tha iad a’ cur an cill mar tha math agus dona ann an saoghal na Gidhlig an-drsta ("fs is bs ann an glacaibh a chile"), a’ toirt taic lidir do dh’Achd Gidhlig, ’s ag rdh mun Phrlamaid: "Bidh sinn an dil gun ionnsaich cuid de na buill a tha caran aineolach mu chisean nan Gidheal facal Gidhlig no dh, agus nach bi iad cho fada an eisimeil an seanmhairean ’s an sn-seanmhairean (nach maireann, o chian nan cian). Is truagh ar cradh ma dh’fheumas sinn ar creideas agus ar cairt-aithne a thoirt s a’ chladh."

Is toil leam sin! Guth sgth nam mle comataidh a’ dol ’na ghath. Bha gath riamh ann am peann MhicThmais agus a rir choltais tha an luchd-deasachaidh ra ga leantainn gu dleas. "Bidh sinn an dchas gath solais a chur air gnothach no dh nar litreachas agus nar n-eachdraidh, ach bidh sinn a’ cur gath de shersa eile cuideachd - gath beag, biorach an t-seillein - an ss mar as fheudar."

Rud a tha air leth math mun ritheachan r se cho fosgailte faoilteach ’s a tha i. Aig toiseach a h-uile pos sgrobhaidh tha dealbh beag dubh-’s-geal den ghdar le eachdraidh-bheatha ghoirid ann an dath. Se buidhe-ruadh a thagh an luchd-deasachaidh. Tha mi comasach air a leughadh a-nis ann an solas fann an fhoghair ach nuair a laigh mo shil an toiseach air ann an solas lidir an t-samhraidh sa chaidh is gann a dhanainn a-mach d bha e ’g rdh. Am bi diofar dhath ann bho rithe gu rithe? Ma bhitheas, bragha!

Tha Gath 1 pacte le sgrobhadairean aithnichte ’s iad a’ danamh an t-sersa rud as fherr a n iad. Se na h-aistean aig Wilson MacLeid, Tnaidh Dilworth ’s Niall M. Brownlie bu mhotha a chrd riumsa, agus a’ bhrdachd aig Maoilios Caimbeul, ach bidh diofar roghainn aig gach leughadair, ’s a thaobh sgeulachdan tha mi seachd toilichte a rdh gur e "A’ Cumail na Crach" le Dmhnall Uilleam Stibhart, nach eil ach ’na 30an, a b’ fherr leam air fad. Is toil le Dmhnall Uilleam an sean ’s an r a chothlamadh ’s gu dearbha bhuail e ’m buillsgean an-seo.

Hide Ad
Hide Ad

Tha e furasta fhaicinn gun robh an dara sil aig an luchd-deasachaidh ris an igridh - tha posan ann bho oileanaich ann an Colaiste a’ Chaisteil agus bho Jack Caimbeul, a tha air a’ cheathramh bliadhna ann an Ardsgoil Gherrloch - ach tha comhairle agam dhaibh. Romham air a’ bhrd an-drsta, cho math ri Gath 1 ’s e cho gleansach, tha a’ chiad cheithir ireamhan de CHOSMOnot.

Chan eil COSMOnot gleansach idir agus chan eil ach 16 tdd anns gach ireamh, ach tha e a’ toirt gire orm, lachain mhra gire, rud nach d’rinn Gath. Tha COSMOnot ln dealbhan ’s features le tiotalan mar "Suirghe san Oifis" , "Leisgeulan Lapach na Seachdain" agus "Comhairle bho Antaidh Annag". Tha e air a dheasachadh - ’s gu re mhr air a sgrobhadh - le Iris Mhr NicFhearghais, a tha ’na ficheadan ( is i a th), uirichte staigh, a dhth brmair, a’ coimhead Sex in the City ’s a’ leughadh fada cus de ritheachain bhoireannach.

Tha Iris ag innse dhomh gum bi ireamh 5 a-mach a dh’aithghearr ach as didh sin gum bi COSMOnot ri fhaotainn air an eadar-lon a-mhin (www.cosmonot.co.uk). Seo an cothrom aig Dmhnall ’s J. Ma tha iad ag iarraidh leughadairean ga a tharraing, ’s a bhith foillseachadh rosg aoireil de shersa nach robh againn sa Ghidhlig bho sguir Iain MacCoinnich a chur a-mach A’ Bheithir-Bheuma ann an 1845, bruidhneadh iad gu modhail ri Iris agus iarradh iad cead oirre COSMOnot fhoillseachadh gach rithe mar phirt de Ghath.

Fire r a’ nochdadh?

Tha Gath ri fhaotainn bho Gath Publishing Subscriptions Department, Seaview Works, Berwick upon Tweed, TD15 1RS. Tha e a’ cosg 14 air son ceithir ireamhan (17 an Roinn Erpa, 22 an crr den t-saoghal). Gheibhear COSMOnot bho [email protected] air 1 gach ireamh.

RAGHNALL MacilleDHUIBH

Related topics: