Beul na gaoithe

Dhiùlt Roinn an Ionmhais an Sasainn cumhachd riaghlaidh air Oighreachd a’ Chrùin a thiomnachadh do dh’Alba, ach dh’aisig iad bad fearainn ann an Dùn Éideann agus còraichean iasgaich eisirean agus fheusgan do “bhuidhnean iomchaidh”.

Tha dàil bhliadhnaichean ro mhuinntir na Pàirce air na Lochan oir tha an t-uachdaran, Barry Lomas á Leamington Spa, Sasainn, a’ tagradh ’nan aghaidh. Feumaidh Cùirt an t-Seisein co-dhùnadh an e briseadh còraichean an uachdarain a th’ ann an oidhirp na coimhearsnachd air 20,000 acair de mhonadh briste a cheannach.

Do bhrìgh an turadh a th’ air a dhol ’na thart sna h-Eileanan Siar, thathar a’ tabhann innealan saora do luchd-còmhnaidh a ghabhas an cleachdadh ann an sistealan toileit air son uisge agus bùrn a chaomhnadh. Se “Save-a-Flush bag” an t-ainm a th’ orra.