Beul na gaoithe

Fhuaras gun robh suimean ceàrr anns a’ chùmhnant a thugadh do FirstGroup air son Prìomh Loidhne-Rèile a’ Chost’ an-Iar, ’s chaidh a dhubhadh ás.

• Chaidh uàrd ann an ospadal an Ràigh Mhóir a dhùnadh son glanadh air leth seach gu bheil am buga os-làidir Clostridium Difficile a’ meudachadh.

• Chaochail an seinneadair Gàidhlig Ceap-Breatannach Raylene Rankin le aillse, aois 52.

• Dh’fhosgaileadh Sgoil Ùr MhicNeacail an Steòrnabhagh gu h-oifigeil air dhi bhith air a dùnadh gu h-obann sa mhìos a dh’fhalbh. Bidh faisg air 1,100 sgoilear innte.