Bàs Èirdsidh Sproat á Eilean Chola

B’e Èirdsidh aon den luchd Gàidhlig mu dheireadh á Eilean Chola, ach bidh e air ionndrainn gu mòr air iomadh adhbhar

Chaochail Èirdsidh Sproat, á Eilean Chola an Earra-Ghaidheal, Di-Sathairne seo chaidh an uair a bhàth e anns a’ mhuir. Bha e 70 bliadhna a dh’aois, agus thathar a’ tuigsinn gun do ghabh e buille cridhe aig stiùir a’ bhàt’ aige.

Rugadh Èirdsidh ann an Cola agus chaidh e dhan sgoil ann. Bhiodh e a’ cur tòrr ùine seachad as dèidh na sgoileadh ag obair ann am bùth an teaghlaich. Bha i aig teis-meadhan beatha an eil­ein aig an àm agus chòrdadh e ris gu mòr a bhith ag obair innte. Nuair a bha e ’na inbheach òg, rinn e obair-bhlosg­aidh air an rathad ùr eadar Àirigh nan Gobh­ar agus cidhe an aiseig, an dearbh rathad a chleachd e gus an t-eilean fhàg­ail beagan as dèidh siud. Rinn e a bheatha san sgìre mun cuairt air an Arthar
’s an Tairbeart eadar bruachan Loch Long agus Loch Laom­ainn, far an do thach­air e ri a bhean Mairead, no “Marilyn” mar as fheàrr a dh’aithnicheas daoine i.

Hide Ad
Hide Ad

Se Colach comas­ach a bh’ ann an Èirdsidh. Bha iomadh diofar dhreuchd aige thar a bheatha –fear-carbad-eiridinn ’nam measg – agus gu dearbh chanadh e fhèin gun deach e gu “Oilthigh na Beatha”. Chuir e a’ chuid as motha den bheatha obrach aige seachad ’na phoileasman do Mhin­istreachd an Dìon ann an Gleann Dùghlais, far an robh e cliùiteach air son cho gasta ’s a bha e ’na phearsa. Ghabh e an
cothrom a dhreuchd a leigeil dheth tràth nuair nach robh e ach 56, agus abair gun do chòrd an t-saorsa ùr seo ris. Bhiodh e tric ri iasgach, agus feumaidh gun robh gàire mòr air aodann air latha a bhàis, oir ghlac e a’ chiad rionnach den bhliadhna an latha sin. Bha e a’ dol air ais ’s air adhart a dh’Eilean Chola fad a bheatha ach, san dòigh chumanta th’ aig na Gaidhil, mar as aosta a dh’fhàs e, sann as trice a bha Cola a rùin ga thàladh.

Thar nam beagan bhliadhn­aichean a dh’fhalbh bhiodh Marilyn agus Èirdsidh a’ cosg a’ chuid as motha den ùine aca san eilean le an teaghlach a’ tighinn a chèil­idh orra son an làithean saora.

’Na oigridh bha Èirdsidh air a chuartachadh leis a’ Ghàidhlig
’s le dualchas an eilein. Tha Cola car gann de dhaoine mar seo an-diugh. Is tric a chluinn­eadh tu “Faighnich do dh’Èirdsidh” nam biodh ceist agad air eachdraidh no ainmean àite no sinnsireachd an eilein. B’ ann le ad an eòlaiche air a cheann a thachair mi fhìn ris ann an Iuchar na bliadhna sa, agus abair gun robh sgeulachdan inn­tinneach, èibhinn aige. Dh’in­nis e dhomh mu na cèilidhean ceòlmhor a bhiodh aca ann an seann talla na coimhearsnachd – bhiodh na balaich òga, e fhèin ’nam measg, a’ cumail leth-bhot­al am falach san fheur ri taobh an talla. Cha b’ ann tric a chuimh­nicheadh na balaich cà’ dìreach an do chuir iad na botail aig deireadh na h-oidhche agus an uair a thigeadh muinntir na Comh­air­le a ghearradh an fheòir, bliadh­naichean as dèidh làimhe, lorg­adh iad iomadh leth-bhotal, uile leth-lìonta!

Tha Èirdsidh air teaghlach fhàg­ail as a dhèidh – a bhean “Marilyn”, a mhic Uilleam, Cail­ean agus Graeme, agus còig oghaichean air an robh e gu math pròiseil.

Dàibhidh Byrne