Ag ionnsachadh na h-aibisidh (agus mar a làimhsicheas tu tràlair)

Tha cuimhne agam o chionn iomadach bliadhna gun deach prògram pìlot a chlàradh air sreath ùr Gàidhlig far an cuirear eòlaichean cànain an aghaidh a chèile gus dearbhadh cò as eòlaiche air caran agus cleasan na Gàidhlig.

Gu mì-fhortanach, cha chualas guth air bhon uair sin, ’s mar sin, nach mì bha air mo dhòigh nuair a nochd prògram den dearbh sheòrsa air BBC Alba o chionn ghoirid. Ann an Aibisidh tha dà sgioba fo stiùir sàr eòlaichean Gàidhlig, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Iain Mac’IlleMhìcheil, a’ feuchainn ri càch a chèil’ a mhealladh gus comharraidhean a chosnadh. Air a lìbhrigeadh le eòlaiche eile, Ùisdean MacIllinnein, se prògram spòrsail, eirmseach a th’ ann, a tha toirt seann bhriathrachas agus tòimhseachain Gàidhlig gu aire a’ mhòrshluaigh.

Ged as ann air farpais cheist a tha Aibisidh stèidhichte, se am plòigh ’s an dibhearsain eadar na h-aoighean an tarraing as motha. Sann ri seanfhaclan ’s gnàthan-cainnt a dhèiligear sa mhòrchuid ach chòrd e rium mar a chaidh iomradh a dhèanamh air briathrachas ùr cuideachd, ’s nach mì a dh’fhairich foghlamaichte nuair a thuig mi na bh’ ann an “clisg-phuing” mus do bhuail e air a’ phanal!

Hide Ad
Hide Ad

Chanainn gur ann air an adhbhar sin a chòrdas prògram den t-seòrsa seo ri fileantaich agus luchd ionnsachaidh na Gàidhlig – chan eil dad nas tarraingiche na bhith ’g ionnsachadh tro dhibhearsain no a’ dearbhadh ar comasan fhèin!

Ach mas fheàrr leibh ur prògraman gun fhoghlam ’nan cois, ’s fhiach sùil a thoirt air sreath ùr bho Chaledonia Productions, Caileagan an Iasgaich. Tha Caledonia aithnichte son prògraman “reality” – eil cuimhne agaibh air Caileagan an Airm no Leadaidh ’s Bracaist? – agus mar a chunnacas le prògraman dhe leithid sa Bheurla, tha meas mòr aig a’ mhòrshluagh orra.

San t-sreath seo, chuir triùir chaileagan Sgitheanach, Màiri, Caroline ’s Catherine, deich latha seachad aig muir ag iasgach nan trosg ’s nan adag air tràlair sa Chuan a-Tuath. Mar tha fios againn, chan e obair fhurast’ a tha seo fiùs ma tha thu cleachdte ri bhith air bòrd soitheach den t-seòrsa, ’s feumaidh mi aideachadh gun robh truas mo bheatha agam ris na truaghain seo.

Ach a dh’aindeoin ’s gun robh iad a’ fulang cur na mara fiùs mus do dh’fhàg iad an cidhe, chuir na caileagan an obair romhpa le dìcheall ’s dealasachd, ’s nach iad a shoirbhich aig a’ cheann thall! Sreath aotrom, àbhachdach agus anabarrach èibhinn – ’s math a rinn sibh a chaileagan.

Tha e coltach gu bheil boireannaich gu math fasanta air BBC Alba leis gun do nochd sreath eile a tha a’ dèiligeadh ri cùisean bhoireannach – Craic. Anns na prògraman seo, thèid dèiligeadh ri roinn de chuspairean a bhuaileas air beatha nam boireannach: teaghlach, tràilleachd, cùisean airgid ’s eile. Gheibhear diofar sheallaidhean bhon deagh roghainn de bhoireannaich a bhios a’ nochdadh, ach bhuail e orm gum biodh e inntinneach cluinntinn na chanadh fireannaich air na h-aon cuspairean. Saoil an e Craic a bhiodh ann fhathast?