Uair eile a bha buaidh aig Leòdhas air an taghadh ann an Ameireagaidh

Ann am beagan is seachdain taghaidh sluagh nan Stàitean Aonaichte Ceann-suidhe ùr. Aig an ìre seo chan eil cinnt an i, Hillary Clinton, tagraiche nan Deamocratach, a bhios a'dèanamh a slighe chun an Taigh Ghil no an tèid aig tagraiche nam Poblachdach, Dòmhnall Trump, an ceòl a chur air feadh na fìdhle ron 8mh là den t-Samhain. Tha aon nì cinnteach mun taghadh seo - tha gach tagraiche air a bhith connspaideach agus ge bith cò a bhuannaicheas aig a' cheann thall tha iomairt an taghaidh air a bhith salach agus mì-chneasta.
Domhnall Calum MacArtair a Borghston comhla ri Lyndon B. JohnsonDomhnall Calum MacArtair a Borghston comhla ri Lyndon B. Johnson
Domhnall Calum MacArtair a Borghston comhla ri Lyndon B. Johnson

Ann an iomadach dòigh chan eil an iomairt air a bhith eu-coltach ris an roghainn a bh’ aig Ameireaganaich ann an taghadh 1964 nuair a bha an Deamocratach, Lyndon B. Johnson, agus am Poblachdach, Barry Goldwater, a’ strì airson dreuchd a’ Chinn-suidhe. Bha an iomairt taghaidh sin buaireasach cuideachd le mòran a’ cur às leth Barry Goldwater gum biodh e ro dheònach am putan niùclasach a bhruthadh nan tigeadh èiginn air. B’ ann ri linn eagail on leithid sin agus beachdan Goldwater air còraichean catharra a chaidh fear-saidheans à Leòdhas a bha ag obair ann an Virginia, an t-Oll. Dòmhnall Calum MacArtair, an sàs ann an iomairt phoileataigich gus stad a chur air Goldwater agus gus Lyndon Johnson fhaighinn air ais dhan Taigh Gheal.

Bha Dòmhnall Calum MacArtair pòsta aig Diana Taylor, nighean le bràthair Lady Bird Johnson, bean LBJ, agus bha e air aithne a chur air saoghal poileataigs ann an Washington. Thàinig an t-eòlas sin agus a chliù fhèin mar shàr fhear-saidheans còmhla an uair a stèidhich Dòmhnall Calum agus Rodney Nichols, a bha nan co-obraichean aig a chompanaidh Melpar, a’ bhuidheann Scientists and Engineers for Johnson-Humphrey. Am measg nan sanasan a bh’ aig a’ bhuidhinn an aghaidh Goldwater bha In Your Guts You Know He’s Nuts agus airson Johnson All The Way With LBJ. Air an 3mh là den t-Samhain 1964 chaidh Lyndon Baines Johnson a thaghadh mar Cheann-sSuidhe le mòr-chuid airson nan Deamocratach nach fhacas a-riamh roimhe no às a dhèidh ann an eachdraidh poileataigs sna Stàitean Aonaichte.

Hide Ad
Hide Ad

Còrr is leth-cheud bliadhna on àm sin agus ann an seachdain an taghaidh ann an Ameireagaidh tha sgeulachd beatha Dhòmhnaill Chaluim MhicArtair ga h-ìnnse air BBC Radio nan Gàidheal. Tha ceithir bliadhna o bhruidhinn Iain MacArtair à Glaschu rium gu dùrachdach mu dheidhinn uncail Dòmhnall Calum air an robh e cho measail. “Bu chòir dhut prògram a dhèanamh air!” thuirt e rium. Aig àm ann an eachdraidh poileataigs nan Stàitean Aonaichte anns a bheil duine le sinnsireachd Leòdhasaich le ìomhaigh is beachdan connspaideach bho phrosbaig an t-saoghail mhòir, tha e na thoileachadh dhomh a bhith a’ toirt sgeulachd iongantach mu bhalach shònraichte à Borghastan an Càrlabhagh a bha a’ gluasad am measg luchd-poileataigs ann an Washington sna 60an do luchd-èisteachd BBC Radio nan Gàidheal.

Domhnall Calum le mhnaoi DianeDomhnall Calum le mhnaoi Diane
Domhnall Calum le mhnaoi Diane

Cha do choinnich mis’ a-riamh ri Dòmhnall Calum ach dhrùidh eachdraidh orm gu mòr.Tha a sgeulachd na thaisbeanadh air comasan is lèirsinneachd duine toinisgeil ach, cuideachd, air duine iriosal. Duine a fhuair cliù mar fhear-saidheans ann an Ameireagaidh a dh’aindeoin is gun do chaill e mòran de dh’fhoghlam foirmeil tro dhroch shlàinte na òige ag èirigh suas ann an Leòdhas. Duine a chaidh air adhart gu Oilthighean Chill Rìmhinn is Dhùn Èideann agus an dèidh ceumnachadh gu dreuchdan soirbheachail ann an saidheans anns na Stàitean Aonaichte. Ann an 1965, an dèidh taghadh Lyndon Johnson mar Cheann-suidhe, chaidh e a dh’obair mar Iar-cheannard air Rannsachadh is Teicneòlas ann an Roinn an Dìon, obair a chuir e aig teis-meadhan phoileasaidhean dìon anns a’ Phentagon. Còig bliadhna an dèidh sin stèidhich Dòmhnall Calum an companaidh teicneòlais is saidheans àrainneachd aige fhèin. Bha prìomh oifis Dynamac Corporation stèidhichte ann an Rockville, Maryland, agus anns na seachadan is na h-ochdadan bha oifisean aca air feadh nan Stàitean Aonaichte, ann an Virginia, New Jersey, Carolina, Florida, Ohio, Oklahoma agus California, a’ toirt cosnadh do suas ri mìle duine.

Bhàsaich Dòmhnall Calum aig aois 57 san t-Samhain 1988 is e air a shlighe air ais à Texas an dèidh dha fhèin is Diana a bhith a’ cèilidh air banntraich Lyndon Johnson. Tha e air a thiodhlaiceadh ann an Cladh Dhaile Mòir air taobh siar Leòdhais. Cluinnear mu bheatha agus mu dhìleab Dhòmhnaill Chaluim, ann an Ameireagaidh agus ann an Leòdhas, ann am Balach à Borghastan air BBC Radio nan Gàidheal, Diluain 7 Samhain is Dimàirt 8 Samhain aig 12.03 is 22.00, le ath-chraoladh Didòmhnaich 13 Samhain aig 10.00 is 13.00.

Catrìona Mhoireach, Riochdaire ‘Balach à Borghastan’

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 24 Dàmhair 1936

Domhnall Calum le mhnaoi DianeDomhnall Calum le mhnaoi Diane
Domhnall Calum le mhnaoi Diane

Tha ’n Gàidheal air thoiseach an iomadh nì, ach chan ann an litreachas no ’m bàrdachd. Tha e gasda air bòrd luinge, agus chan eil mòran ceàrr air gu àiteach fearainn no air son labhairt an cùbaid.

Aig aon àm bha e air a mheas anabarrach freagarrach air son a bhi feitheamh air uaislean, agus eadhoin gus an latha diugh tha sheirbhis am miadh nach beag am measg na feadhnach a tha cur feum air gillean-frithealaidh. Tha e modhail, iorasal, agus chan eil e leisg no ceacharra. Tha e daonnan air thoiseach, mar an ceudna, an uair a bhithtear a’ tional dhaoine ri àm cogaidh, oir tha e cruadalach, foghainteach, agus chan eil e furasd a shàrachadh le droch ghiollachd. Cha d’ fhuair e riamh ro àrd an dreuchd an airm; oir, ged a bha Tighearna Chluaidh agus Eachann Dòmhnullach ’nan seanailearean agus an àrd mheas, cha b’ fhear Gàidhlig an dara fear agus cha b’ fhada a mheal am fear eile an inbhe gus an d’ ràinig e. Mar shaighdearan bha na Gàidheil riamh fearail, gleusda, ach mar luchd-smachd no luchd-ùghdarrais bha iad, mar bu trice, ceum beag air dheireadh.

Anns a’ chùbaid, mar a thuirt mi, bha iad, agus tha iad fhathasd, ro dhuilich a chumail gu h-ìosal. Cha bhiodh am beachdan an còmhnuidh a’ ruith air thoiseach air beachdan a’ phobuill, ach labhradh iad le dealas agus bhiodh am briathran an deagh òrdugh.

Gaelic guide for learners: Hallowe’en - Oidhche Shamhna

Tobar an Dualchais has recordings relating to every season and festival of the year, and Hallowe’en (Oidhche Shamhna) is no exception. You can hear many accounts of how Hallowe’en was celebrated in different communities.

There are various references to a custom where girls would fling a rope over a wall and call out the words Cò siud thall air ceann mo ròpa? (Who’s that over there on the end of my rope?). It was said a voice would respond, giving the name of a future husband. Listen to Peggy MacRae of South Uist singing a song based on this tradition: http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/43784/1

Hide Ad
Hide Ad

Kate MacRae of Plockton recites a Hallowe’en rhyme: Èirich a bhean an taighe ’s thoir dhuinn am bonnach, ’S mura toir thu dhuinn am bonnach cha toir sinn urram ort tuilleadh. (Get up, woman of the house, and give us a bannock. And if you don’t give us a bannock we won’t honour you any more.): http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/1282/1

A fascinating account of the origins of Hallowe’en is given by Dr John MacInnes, who collected thousands of recordings for the School of Scottish Studies, in an interview with the BBC in 1989: http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/78577/1

An dòchas gun còrd Oidhche Shamhna ribh uile am-bliadhna!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning