An t-àit' againn an eachdraidh, an t-àit' aig an eachdraidh annainne

Tha mi a' cur fàilte bhlàth air An Fhìrinn agus a' Bhreug: Deich Dealbhan-Cluiche le Tormod Calum Dòmhnallach, air a dheasachadh le Michelle NicLeòid (AUP, £12). Rugadh Tormod Calum (1927'“2000) ann a Thunder Bay, Canada, ach thogadh e ann an Tunga ann an Leódhas. Thug e a bheatha mar sgrìobhadair a' toirt iomradh air muinntir Leódhais, air an àit' acasan ann an eachdraidh, agus air an àit' aig eachdraidh anntasan. Rinn e seo san dà chànain 's ann an ceithir modhan-sgrìobhaidh '“ bàrdachd, sgeulachdan, nobhailean, dealbhan-cluiche. Duine dìcheallach. Duine comasach.
De rinn a bhean son a bhileag paipeir fhaighinn a tha leigeil a ceile as a' phriosan? Rinn Tormod Calum drama a The Order of Release le Millais.De rinn a bhean son a bhileag paipeir fhaighinn a tha leigeil a ceile as a' phriosan? Rinn Tormod Calum drama a The Order of Release le Millais.
De rinn a bhean son a bhileag paipeir fhaighinn a tha leigeil a ceile as a' phriosan? Rinn Tormod Calum drama a The Order of Release le Millais.

Sgrìobh e co-dhiù 14 dealbhan-cluiche Gàidhlig, agus seo a-nist an fheadhainn as giorra. Chanainn-sa gu bheil ceithir seòrsaichean dràma san leabhar. An toiseach tha trì pìosan ann (‘Cnoc Chùsbaig’, ‘Anna Chaimbeul’, ‘A’ Bhean Iadach’) a tha dlùth-stéidhte air òrain, le danns annta cuideachd, agus gach bìdeag seanchais gu goirid, geur, air a tomhas ann an lidean, mar gum bitheadh, seach ann am briathran. Ás na trì seo se ‘Anna Chaimbeul’ as motha a ghlacas ar n-aire, chan ann a chionn ’s gur e as fheàrr, ach a chionn ’s gun do chuir an t-ùghdar fiaradh annasach dhan sgeul – chaidh Anna dhan Spàinnt mar cheannaiche fìon agus sìoda, agus thachair rudeigin.

“Dè rinn sibh?” tha an seanchaidh a’ faighneachd. “Thu fhèin agus Señorita Perez. Juanita . . .”

Tha Anna a’ freagairt: “Chaidh sinn còmhla ri chèile.”

An seanchaidh: “Chaidh sibh còmhla ri chèile?”

Anna: “Chaidh mise còmhla ri Juanita.”

“Chaidh sibh còmhla ri chèile.”

“Chaidh. Chaidh sinn còmhla ri chèile.”

“Fad oidhche?”

“Fad oidhche. Oidhche Shathairne.”

“Dè rinn sibh air an t-Sàbaid?”

“Chaidh sinn dhan eaglais.”

“Carson?”

“Bha Juanita airson faicinn an t-sagairt.”

“Chaidh ise a-steach chun an t-sagairt?”

“Chaidh.”

“An deach thusa?”

“Cha deach.”

“Fhuair ise maitheanas?”

Hide Ad
Hide Ad

Tha Anna ’na tost, agus tha an seanchaidh a’ co-dhùnadh: “Ach cha d’ fhuair thusa maitheanas.” Bha bàthadh ainmeil Ailein, mar sin, ’na bhreitheanas a thugadh air Anna air son a peacaidh.

Tha an dara seòrsa dràma san leabhar cuideachd air a riochdachadh le trì pìosan – ‘Ròpan’, ‘Bàthach Chaluim’, ‘Chan Fhada gu Madainn’. An seo se a’ charactarachd as làidire ’s as tarraingiche. Ann an ‘Ròpan’ tha fear a’ feuchainn ri inntinn a dhèanamh suas, cleas Hamlet, an téid e a sheòladh ann am bàta beag leis fhéin a-null a dh’Ameireaga, ’s tha a charaid a’ magadh air. Ann am ‘Bàthach Chaluim’ tha còir aig Calum a bhith ri breabadaireachd gus airgead a dhèanamh dhan teaghlach, ach tha e leagte air bàthach a thogail an uair a tha a h-uile duin’ eile san sgìre air son eaglais a thogail, oir tha dùsgadh san àite.

Agus ged a tha ‘Chan Fhada gu Madainn’ stéidhte air òran a rinn Murchadh MacPhàrlain, tha e dol fada seachad air. Tha Ieoc (Seoc?) gu bhith dol air beulaibh sguad-losgaidh sa mhadainn air son “gèill an aghaidh a nàmhaid”. Saoilidh mi gu bheil an sgrìobhadh san dealbh-chluich seo cho cumhachdach ri dad a leugh mi riamh mun Chogadh Mhór. “Leis a’ bheigleid tilgidh Tomaidh radan marbh a-null chun na seithir aig Ieoc. Laighidh e an sin, ri taobh a chasan, bho seo a-mach. Tha fuil air uachdar . . . Fosglaidh am ministear a shùilean a-rithist, tionndaidh e a cheann, maoidhidh e air Ieoc gum feum e dhol air a ghlùinean. Dùinidh am ministear a shùilean a-rithist, pasgaidh e a làmhan, nì e casaid, feithidh e. Nì Ieoc oidhirp air seasamh; cha tèid aige air, is e ceangailte ris an t-sèithear. Leigidh e e fhèin sìos chun an làir air a ghlùinean, is e fhathast ceangailte ris an t-sèithear.”

Ann an àit’ eile tha Tomaidh ag ràdh: “Feumaidh tu ithe, Ieoc. Feumaidh duine ithe ’son gun cac e, agus cac ’son . . .”

Tha Ieoc ga chrìochnachadh dha: “A bhith beò; cac ’son a bhith beò . . .”

Chan eil anns an treas seòrsa ach aon phìos, ‘Aimhreit Aignis’. Tha e diofraichte on chòrr leis cho dìleas ’s a tha e do chlàr na h-eachdraidh. Chan eil ann gu ìre ach reenactment.

Anns an t-seòrsa mu dheireadh (dà phìos, ‘An Ceistear ’s am Bàrd ’s na Boireannaich’ agus ‘Òrdugh na Saorsa’) tha eachdraidh ’na dibhearsain. Anns a’ chiad fhear tha Tormod Calum a’ caitheamh diofar linntean eachdraidheil an àirde còmhla a dh’fhaicinn ciamar a thuiteas iad. Tha Seumas VI, baidhseagalan agus òran luaidh a’ nochdadh am measg eile. Ach se, ’na mo bheachd-sa, ‘Òrdugh na Saorsa’ as tarraingiche, as inntinniche ’s as éibhinne air fad. Tha e stéidhte air a’ pheantadh aig Everett Millais (1829–96) The Order of Release, a tha a’ sealltainn gaisgeach leòinte aig doras prìosain latha air choreigin as déidh Blàr Chùil Lodair, ’s a bhean òg a’ sìneadh bileag pàipeir dhan t-saighdear dhearg a tha ga leigeil a-mach. Tha an dràma air fad a’ gabhail àite, chan ann ann an 1746, ach ann an 1852–53 nuair tha Millais ag obair air an dealbh. Se an dà phrìomh charactar eile Oighrig Rusgain, a tha Millais trang a’ peantadh mar bhean òg an deilbh, agus Iain a céile, an critig ainmeil, a tha a’ cantainn rudan mar: “Bu chòir fios a bhith agad gur e na h-ealainean an rud as cudromaiche ann am beatha an duine. Na h-ealainean. Agus an Diadhachd.”

Tha esan agus Millais mar dhà bhailiun a tha Oighrig a’ sìor bhriogadh. Aoir sgaiteach.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Tormod Calum a’ toirt seachad stiùireadh mionaideach a tha a’ toirt gach dealbh-chluiche beò ’nar mac-meanmna, leithid “Tha brògan boga orra uile gus nach dèan na casan aca fuaim sam bith” no “Tha am boireannach a’ dèanamh atharrais bhalbh de phartan a’ snàigeadh air a broilleach le a corragan”. Chan eil teagamh sam bith nach eil e airidh air aithneachadh mar aon de na sgrìobhadairean dràma as fheàrr a bh’ againn riamh ann an Gàidhlig. ’S tha Michelle NicLeòid ri moladh air son a cuid obrach – aig an deireadh tha notaichean inntinneach air na dealbh-chluichean, agus tar-sgrìobhadh air pàirt de chòmhradh a bh’ aice ri Tormod Calum ann an 1993. Ma tha thu an sàs ann an dràma Ghàidhlig ’s ma tha taobh agad do dh’eachdraidh, leugh An Fhìrinn agus a’ Bhreug.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 5 DÙBHLACHD 1936

Am Bìobull Ur

Is e tha mi ciallachadh an Tiomnadh Nuadh, air a chur am mach maille ris na Sailm, na Laoidhean agus na Dàna. Tha e eadar-dhealaichte o ghin a chuireadh an clò gus a so, a chionn gu’m bheil a’ Ghàidhlig ’s a’ Bheurla taobh ri taobh air an aon duilleig.

Tha sinn fo mhór chomaine do’n Ollamh Urramach G. A. Frank Knight air son an leabhar gasda so a chur ’nar làmhan. Is esan is Ard Chléireach aig Comunn a’ Bhìobuill an Albainn, agus is ann ’na cheann a chinn an déidh air a leithid so de ullachadh a dhèanamh air son muinntir a dhùthcha. Bha chosdais trom agus bha urrais fhoghainteach ri fhaighinn mu’n gabhadh adhart ’sam bith dèanamh leis an obair. Cha do ghabh an t-Ollamh Knight fois no clos gus an deachaidh gach ceap-tuislidh a thilgeadh ás an rathad, agus so againn, a nis, crìoch a shaothair agus leabhar f’ar comhair a bheir toileachadh do mhìltean. Gheibhear e an trusgan inich aig trì is sèa sgillinnean, agus ma’s caomh leinn fhaighinn an cruth na’s fìnealta, bidh sin furasda dhuinn a suas gu cóig tasdain deug. Tha fear nan trì tasdan is nan sèa sgillinnean gun mheang, gun chearb, agus anabarrach bòidheach.

Faodar ainmeachadh gur e ’n Dotair D. I. MacLeòid a chunnaic a’ Ghàidhlig troimh’n chlò agus tha ’n obair cho dlùth air a bhi coimhlionta ’s a b’urrainn dhith a bhi. Tha Bheurla, mar an ceudna, ceart, cothromach.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Biadh

This is the second piece of the series introducing words and phrases about different topics, and who doesn’t like talking about food?

Tha an t-acras orm. I’m hungry.

Tha an t-acras gam tholladh. I’m starving (lit. the hunger is making a hole in me).

Tha seo blasta. This is delicious.

Dh’ithinn mo chorragan às dèidh seo. I would lick (lit. eat) my fingers after this.

Dh’ithinn bò eadar dà bhana a’ cho-op. I could eat a cow between two co-op vans.

Hide Ad
Hide Ad

Note that the form dh’ithinn is the conditional tense of ith used for the first person singular; otherwise you say dh’itheadh e/i ‘he/she would say’. Tha an t-uisge glas fom fhiaclan. This is mouth-watering. (literally, the grey water is under my teeth).

An gabh seo ithe? Is this edible?

Chaidh am biadh air m’ anail. The food went down the wrong way. (literally, the food went on my breath)

Tha mi cho làn ri ugh. I’m as full as an egg.

Why not visit a Gaelic café in your area or invite a Gaelic-speaking friend for lunch and try out some of these phrases. Gum meal thu do bhiadh! Enjoy your meal!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning