Siùrsachd, in-imrichean, tinneas Lyme an Uibhist, uile ann an sreath ùr Eòrpa

Darren Linc cuide ri Olga Szczesnowicz - te a tha airson fuireach as deidh dha Brexit tachairt
Darren Linc cuide ri Olga Szczesnowicz - te a tha airson fuireach as deidh dha Brexit tachairt
0
Have your say

Thàinig Eòrpa, mar phrògram, gu bith aig àm gu math caochlaideach dhan sgìre. Bha an t-Aonadh Sòbhietach air tuiteam às a chèile, bha Iugoslàbhia fo chogadh sìobhalta, is bha Gàidheil a’ toirt sùil a bharrachd air a’ bhuaidh a bha an EU a’ toirt air a’ bheatha làitheil aca. B’ e 1993 a bh’ ann. Bha tòrr bruidhinn an uair sin mu dheidhinn saoghal poileataigs Bhreatainn a sgaoileadh ’s a’ sgapadh bho chrìochan Lunnainn. Dùthchannan, sgìreanis daoine a’ tighinn na b’ fhaisge air a chèile mar Eòrpaich, gu cultarach agus gu poileataigeach.

An-diugh, tha dealachadh fa-near eadar an Rìoghachd Aonaichte is an EU, is tha sinne mar phrògram ag amas air a bhith ag aithris air dè tha sin gus a bhith a’ ciallachadh dhuinne ann an Alba, bho eileanan gu bailtean, aig muir is air tìr. An-uiridh, choimhead sinn air a’ bhuaidh a thug a’ bhòt airson an EU fhàgail air Eòrpaich ann an Alba, is choinnich sinn ri daoine a bhòt airson is an aghaidh Bhrexit. Chùm sinn cuideachd deasbad stiùidio a’ beachdachadh air dè na roghainnean a bh’ air thoiseach oirnn.

Angela NicillEathain anns a' Pholainn

Angela NicillEathain anns a' Pholainn

Am-bliadhna, tha ceistean gu leòr ann fhathast. Le cion adhartais a thaobh aonta dealachaidh, chan eil cus coltais ann aig an ìre seo gu bheil Breatainn is an EU faisg air a bhith deiseil gluasad air adhart gu bruidhinn mu aonta malairt, am measg eile. Tha barrachd a’ faighneachd dè dìreach an t-seòrsa Bhrexit a tha gus a bhith ann. Ciamar a thèid a dhèanamh is cuin, cò a bhuannaicheas is cò a chailleas? Tha feadhainn a’ ceasnachadh an tachair e idir. Cumaidh sin a’ dol sinn.

Air falbh bho Bhrexit is tha Eòrpa gus a bhith a’ coimhead air buaidh nan teintean fiadhaich ann am Portagal, buaidh na dibhe ann a Lituàinia, siùrsachd san Òlaind, is àrdachadh anns na tha a’ tighinn dhan Phòlainn de dh’Ugràinich anns na trì bliadhna a dh’fhalbh.

Tha an sreath ùr seo, ge-tà, a’ tòiseachadh ann an Uibhist, far a bheil an ìre de thinneas Lyme fada nas àirde na sna h-eileanan eile faisg air làimh, is nas àirde na an ìre ris am biodh dùil ann an Alba air fad. Tha sinn gus a bhith a’ coimhead air an adhbhar dha sin, is air dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn.

Bidh cuid a’ cur na coire air fèidh airson a bhith a’ sgapadh ghartan, ach bidh cuid eile ag ràdh gum feum barrachd rannsachaidh a bhith ann gus an tèid tuigse a ruighinn mu dè dìreach as adhbhar dhan tinneas a bhith cho bitheanta ann an Uibhist, is mar sin dè dh’fheumas tachairt airson a lùghdachadh.

Tha sia prògraman deug gus a bhith san t-sreath seo. Cothrom, tha sinn an dòchas, air aithrisean a thoirt dhuibh air tòrr math dhe na cuspairean is dhe na h-àiteachan as inntinniche agus as cudromaiche bho air feadh na Roinn Eòrpa.

Tha prògraman Eòrpa rim faotainn air iPlayer a’ BhBC.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 30 DÀMHAIR 1937

Na Gisreagan

Chan eil neach n-ar measg nach àicheich gu duineil gu’m bheil cuid no turus aige ri gisreagan an dòigh ’sam bith, gidheadh tha saobh-chreideamh a’ mairsinn o linn gu linn, agus tha e’n diugh cho beo ’sa bha e ri àm ar seanar. ’Dé tha ’ga chumail gun dol air dichuimhne, tha e duilich a dheanadh am mach.

Bha gisreagan maille ruinn o aimsir glé thràth an eachdraidh dhaoine. Bha iad air an aobharachadh an toiseach, a réir coltais, le toil a bhi’g aoradh do ni air chor-éiginn. Leis nach robh beachd ro shoillear aig muinntir air an Cruthadair cha robh dhaibh ach dealbh agus cumhachd a thoirt Dha a réir am mac-meanmna féin. Dh’éirich rabhaidhean is manaidhean uidh air n-uidh, agus thàinig geasaibh, eolais agus cronachain gu bhi air an ainmeachadh gu tric an dachaidhean a’ phobuill. Chan fhaod aon chinneach a thilgeadh air cinneach eile gu’m bheil a toirt tuillidh gèill ’sa tha esan do shaobh-chràbhaidh, oir is i an fhìrinn mu’n ghnothach nach eil gin dhiubh saor o’n dubhailc so. Rachamaid an ear no’n iar, tuath no deas, gheibh sinn an sluagh an tomhas mór no beag a’ cur ùidh an cleachdaidhean agus an nòsan a bhios chum math no rath dhaibh, mar a tha iadsan a’ saoilsinn, ann an giulan am mach an cùisean làitheil.

Tha gisreagan an dlùth dhaimh ri taibhsleireachd air feadh na Gàidhealtachd. Tha cheud aon fhathasd fo neul aig luchd-fìosrachaidh ach tha’n t-aon eile air iadeach leo mar ni solusach.

AONGHAS MacEANRAIG

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Iain Ìomhair from Shinness played an important part in Cath Druim nan Cup ‘the battle of the ridge of the cups’ writes Alasdair MacMhaoirn.

Iain (John) was a Mathanach (Matheson), and Ìomhair (of Ivor) denotes a particular branch of that clan. Iain Ìomhair was well known for his skill with bogha ’s saighead ‘bow and arrow’.

He was asked to join an invasion of Dùthaich ’ic Aoidh ‘Mackay’s country’, the north coast and the north-west Cataibh (Sutherland). The adventure culminated in Cath Druim nan Cup in 1433 – cath means ‘battle’, druim ‘ridge’ and nan Cup ‘of the cups’, referring to the cup-marked stones located where the battle was fought, on the slopes of Beinn Laghail (the mountain pertaining to law, lagh, or perhaps the ancient god Lugh).

Iain at first refused to take part, but his wife was of a different opinion. When it came Iain’s dinner that night, she served him slop. ’S e biadh coin a tha seo! arsa esan ‘this is dog food, he said’. ’S e cù a th’ annadsa! arsa a bhean ‘you’re a dog, his wife replied’. So Iain could only take up his weapons and join the invasion.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities on site and by distance learning