Sgrìobhadh airson Telebhisein '“ Gabhaibh an Cothrom air Leth seo

Bho chionn sia bliadhna, stèidhich Oilthigh Cailleanach Ghlaschu cùrsa sgrìobhaidh ùr. 'S e MATV ainm a' chùrsa agus 's e cùrsa sònraichte a th' ann airson oileanaich a tha airson dreuchd a leantainn a' sgrìobhadh dràma airson telebhisein. 'S e cùrsa Masters a th' ann, a' maireachdainn aon bhliadhna foghlaim, bhon fhoghar chun a' Ghiblein.
Oileanaich, Oidean is Luchd-taic MATV 2015. Picture: Guy HinksOileanaich, Oidean is Luchd-taic MATV 2015. Picture: Guy Hinks
Oileanaich, Oidean is Luchd-taic MATV 2015. Picture: Guy Hinks

Bidh MG ALBA a’ tairgse taic do sgrìobhadair aig a bheil ùidh ann a bhith a’ sgrìobhadh dràma airson telebhisein. Bheir an taic seo cothrom do sgrìobhadair an cùrsa seo a leantainn aig Oilthigh Cailleanach Ghlaschu, cùrsa a tha air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh sgilean agus a’ deasachadh sgrìobhadairean airson dreuchd ann an gnìomhachas telebhisein.

Tha an t-uabhas de chùrsaichean ann san là an-diugh a bhios a’ teagasg chuspairean a tha ceangailte ri telebhisean agus film. Ach math ’s gu bheil a’ mhòr-chuid dhiubh, tha MATV eadar-dhealaichte bho chàch.

Hide Ad
Hide Ad

Sa chiad àite, ’s e cùrsa a th’ ann a bhios a’ dèiligeadh ri dràma telebhisein a-mhàin. Tha miann mòr aig seanailean telebhisein agus an luchd-amhairc air prògraman agus sreathan dràma agus leis an sin bidh fuasglaidhean a’ nochdadh airson sgrìobhadairean ùra. Mar as fìosrachail a tha sgrìobhadairean, agus mar as cleachdte a tha iad ri saoghal cruthachaidh dràma airson telebhisein, ’s ann as motha bhios e na bhuannachd dhaibh. Tha susbaint ri lorg ann an MATV, a’ ciallachadh gum bi oileanaich comasach air na cothroman obrach a ghlacadh.

Tha ceanglaichean làidir eadar cùrsa MATV agus gnìomhachas telebhisein. Bhon a thòisich MATV, tha companaidhean telebhisein air a bhith ag obair cuide ris an oilthigh gach bliadhna. Tha seo – agus gu bheil iad fhathast ga dhèanamh an dèidh sia bliadhna – a’ sealltainn gu bheil meas aca sa chùrsa agus gu bheil ùidh aca sna h-oileanaich a tha a’ tighinn troimhe.

Am measg nan companaidhean aig a bheil ceangal ris a’ chùrsa tha MG ALBA, BBC ALBA, BBC, STV, Warner Bros, Freemantle Media agus Shed Productions. A bharrachd air a bhith ag obair còmhla ris an oilthigh agus a’ fosgladh an dorsan do dh’oileanaich, bidh feadhainn de na companaidhean seo a’ tairgse taic do dh’oileanaich a thaobh cosgaisean a’ chùrsa agus ’s e seo na tha MG ALBA a’ tairgse.

Tha luchd-teagaisg a’ chùrsa air an taghadh, air an dàrna làimh, bho shaoghal sgoilearach. Bidh iad a’ tairgse geur-bheachd air bun-stèidh is structair a tha riatanach airson tuigse feallsanachd agus chuspairean sòisealta a tha buntainn ris an t-saoghal sa bheil sinn beò. Tha an t-eòlas seo na bhuannachd làidir agus air leth cudromach airson dràma fìor a chruthachadh a thàlaidheas agus a thoilicheas an luchd-amhairc.

Air an làimh eile, tha an sgrìobhadh fhèin ann – a’ mhòr-chuid den chùrsa, agus an t-adhbhar a chaidh a stèidheachadh sa chiad dol a-mach. Tro bhliadhna a’ chùrsa, bidh na sgrìobhadairean ag obair air sgriobtaichean agus pròiseactan, le taic bho na tuitearan sgrìobhaidh. Bidh na sgriobtaichean seo aca mar chairt-ghairm; bidh seo riatanach nuair a bhios iad a’ sireadh obrach.

Tha na tuitearan sgrìobhaidh air a bhith ag obair nan sgrìobhadairean telebhisein airson faisg air deich bliadhna fichead. Tha Chris Dolan agus Ann Marie di Mambro ainmeil ann an saoghal dràma telebhisein; tha iad air an t-uabhas dràma inntinneach a sgrìobhadh agus bidh iad a’ sgrìobhadh fhathast.

’S e stòras dha-rìribh sònraichte a tha anns na tuitearan seo. Bidh iad a’ tairgse taic, comhairle, gliocas agus mion-sgrùdadh coibhneil do na h-oileanaich.

A bharrachd air an sin, bidh iad a’ toirt seachad sheallaidhean inntinneach air cùl cùrtair a’ ghnìomhachais agus a’ dèanamh cinnteach gum bi na h-oileanaich deiseil airson an t-saoghail a bhios romhpa. Ionnsaichear an t-uabhas le bhith ag obair còmhla ri Chris agus Ann Marie bho là gu là agus, os cionn adhbhair sam bith eile airson an cùrsa a thoirt a-mach, ’s fhiach e a dhèanamh air sàillibh gur iadsan a bhios ga theagasg.

Hide Ad
Hide Ad

Dh’aontaicheadh aon oileanach gu h-àraid leis an seo, tha mi glè chinnteach. Rinn Chrisella Ros an cùrsa bho chionn trì bliadhna. Chòrd e rithe agus thàinig i a-mach le Masters.

Bhon uair sin, tha Chrisella air sreath dràma ainmeil, Bannan, a chur air bhonn airson BBC ALBA, le Chris Young is Young Films às an Eilean Sgitheanach.

Mar a bhios Chrisella fhèin ag ràdh, ‘Cha bhithinn air Bannan a chruthachadh mura b’ e ’s gun do rinn mi cùrsa MATV. Le taic fhialaidh agus treòrachadh coibhneil bho thuitearan a tha ag obair sa ghnìomhachas, bha mi air mo dheagh dheasachadh airson dreuchd nam sgrìobhadair dràma airson telebhisein.’

Thèid sgoilearachd MG ALBA a thairgse do aon sgoilear, a tha fileanta sa Ghàidhlig, san t-Sultain 2016. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Dhiardaoin 19 Cèitean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein agus ciamar a chuireas sibh a-steach airson sgoilearachd MG ALBA, tadhalaibh air www.tvfictionwriting.com no lean @MATVGlasgow air Twitter.

O chionn 80 bliadhna - on Weekly Scotsman, 9 Céitean 1936

Chan eil na Gàidheil na’s gaolaiche air deoch-làidir na muinntir eile, ach tha e air a chur orra gur iad a thug uisge-beatha an toiseach chum a’ mhargaidh. Biodh sin ceart no ceàrr, bha móran dheth air a dhèanadh ’nam measg o cheann dà cheud bliadhna agus tha gus an latha diugh.

Tha e air a reic aig an taigh agus thairis, agus is ainneamh dùthaich anns nach faighear e eadar ceithir roinnibh ruadha an domhain. Their cuid nach eil coire ann ma ghabhar e an tuairmeachd, ach tha móran eile de’n bharail nach còir a bhlasad idir. Is e am beachd is cumanta gu’m bheil e, mar nithean eile, ro mhath ’na àite féin, ach mur gabhar e le stuaim gur feàrr a bhi ás eugmhais. Is ainneamh Gàidheil leis nach feàrr deur uisge-bheatha no gloine de leann no de fhìon dearg na Frainge, gidheadh aig aon àm bha fìon air òl gu math tric air feadh ar dùthcha. Tha drongairean, anns a’ Ghàidhealtachd, air amharc a sìos orra mar amadain agus dream nach fiù, ach chan eil iad cho lìonmhor an diugh ’sa bha iad roimh àm a’ chogaidh.

Tha ’n deoch-làidir air dol an daoiread agus chan eil e cho furasda do mhuinntir a ceannach ach a mhàin iadsan aig am bheil deagh thighinn-a-staigh. Tha taighean-òsda nas gainne anns na siorramachdan tuathach na bha iad anns na làithean a chaidh seachad agus an cuid de na h-Eileanan chan fhaighear gin idir.

Place name of the week

Tyndrum - Taigh an Droma

Hide Ad
Hide Ad

There are two places with this name. The better-known one is in Gaelic Taigh an Droma ‘the house of the ridge’, sitting as it does at the boundary between Perthshire and Argyll. The ‘ridge’ or druim is that of Druim Albainn ‘the ridge of Scotland’, the great range running through this part of Scotland, dividing the watersheds. Very close to here is Càrn an Droma ‘the cairn of the ridge’. One old text mentions ‘Betwix Carne Druyme and Badenoch is the month called Drum-Allabyn’ (Between Carndrum and Badenoch is the mounth (or mountain) called Drumalban).

There is another Tyndrum near Foyers, but this is a ‘false friend’ being in Gaelic Trian an Droma ‘the third part of the ridge’. Nearby is Trinloist or An Trian Loisgte ‘the burnt third part.’ The identity of this last third part is alas unknown.

• For more information visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org

Gaelic guide for learners

The Gaelic learner soon encounters a rule against ‘double definites’. Ronald Black termed it ‘the TB Rule’ in his Cothrom Ionnsachaidh. TB was a mnemonic for Taigh na Bruaich ‘the house of the brae’, anglicised as Tighnabruaich. ‘The house of the brae’ is expressed as ‘house of the brae’ in Gaelic, with only one ‘the’. We see the rule in action in this and many other place-names: when two nouns come together connected by the genitive, only the second noun is preceded by the definite article. To forget the rule, Ronald Black added, was as fatal to speaking good Gaelic as contracting TB!

Here are a few more examples: Baile a’ Chaolais (Ballachulish) is ‘the town of the kyle’; Druim na Drochaid (Drumnadrochit) is ‘the ridge of the bridge’; Loch nam Madadh (Lochmaddy) is ‘the loch of the hounds’.

We can draw another lesson from these examples. We see the Gaelic word for ‘the’ take three different forms – a’, na and nam. These are genitive forms of the definite article with a masculine, feminine and plural noun, respectively. If this sounds complicated, your ear can keep you right with a few familiar examples.

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk