'S e am fèileadh beag bu docha leam: Trevor-Roper is co-fheall Cheilteach

'S e cruthachadh traidiseanan Gàidhealach airson cuairt Rìgh Seòras IV gu ruige Dùn Èideann ann an 1822 am prìomh eisimpleir a thathar a' cleachdadh ann an teòraidh ris an canar '˜Invented Tradition' ann am Beurla - luchd-riaghlaidh a' cruthachadh chleachdaidhean deas-ghnàthach no samhlachail mar dhòigh air smachd a chumail air na h-ìslean.

Air làraich-lìn leughar mar eisimpleir: “Scotsmen celebrate …with supposedly ancient symbols, such as the kilt and the bagpipe but they are modern and the notion of a distinct Highland culture did not exist prior to the seventeenth century.”

Tha màthair-adhbhair a leithid ri lorg ann am pàipear a sgrìobh an t-Ollamh Hugh Trevor-Roper airson co-labhairt ann an 1977 anns an robh e a’ cumail a-mach gun deach traidisean Gàidhealach - am fèileadh beag, rud nuadh, na mheasg - a chruthachadh agus a sparradh air muinntir na Galltachd le co-fheall Cheilteach.

Hide Ad
Hide Ad

Thug an t-ùghdarras a bha aige toirt air mòr-chuid de dh’aithrisichean gabhail ris a’ bheachd seo gun cheist. A chionn ’s gu bheil a’ bhuaidh a tha air a bhith aig an sgeulachd cruthachaidh seo air a bhith cho maireannach, ’s fhiach sùil gheur a thoirt oirre.

Ged nach deach cus rannsachaidh a dhèanamh, cha deach mìr de dh’èideadh Gàidhealach a chruthachadh airson na taisbeanaidhean a chuireadh air dòigh airson turas an Rìgh. Tha an t-Oll. Trevor-Roper ag ainmeachadh trì tùis airson cruthachadh nuadh an fhèilidh bhig: dà litir agus an cuimhneachan aig na bràithrean Iain agus Teàrlach Allen, na bràithrean Sobieski Stiùbhart.

Chaidh a’ chiad litir a sgrìobhadh a rèir coltais le fear Evan Baillie Obar Bhritheachan agus chaidh a foillseachadh an dèidh a bhàis anns an iris The Edinburgh Magazine ann an 1785. Tha Baillie a’ freagairt iarrtas airson fiosrachaidh, a’ cumail a-mach gun robh am fèileadh beag “rather of late than ancient usage.” Tha an litir ag innse gun do cho-dhùin fear Tòmas Rawlinson aig an robh fùirneis iarainn ann an Inbhir Gharadh mu 1730 gun gearradh e am fèileadh mòr na dhà leth agus gun cuireadh e an leth-shuas a dh’aona taobh airson a dhèanamh nas goireasaich dhan luchd-obrach Ghàidhealach aige. Tha leabhraichean cunntais Rawlinson air leth mionaideach ach chan eil dad annta mu cheannach aodaich no dèanamh fhèilidhean.

Ged nach eil sgeul air cò a bha a’ sireadh an fhiosrachaidh bho Bhaillie, tha an dàrna litir a tha Trevor-Roper a’ cleachdadh mar fhianais cuideachd a’ freagairt iarrtas airson fiosrachaidh, ach bho neach a tha aithnichte. Ann an 1798, dh’fhoillsich The Scots Magazine litir gun urra mun èideadh Ghàidhealach a chaidh gu Sir John Sinclair of Ulbster a bha air gabhail ri triubhas tartain mar an t-èideadh a bhiodh air na Caithness Fencibles.

B’ e John Pinkerton an sgrìobhaiche agus bha e a’ freagairt iarrtas sealltainn gur e rud nuadh a bh’ anns an fhèileadh bheag agus iarrtas taic a thoirt do chleachdadh triubhais. Gu mì-fhortanach don teòiridh aig Trevor-Roper, bha Pinkerton ag ràdh “the philibeg, arose from the ancient haut de chausse an article of dress, used in France from about the year 1500 to 1590.” Chan eil Trevor-Roper a’ toirt guth air a seo.

Mu dheireadh tha Trevor-Roper ag ainmeachadh cunntas mu 120 bliadhna na b’ anmoiche a thug na bràithrean Allen, no Stiùbhart mar a bh’ aca orra fhèin, ged a tha e a-rithist ag aideachadh gun robh an obair aca air a bhreacadh le sgeul mhìorbhail agus meall-sgrìobhadh.

Tha Trevor-Roper cuideachd a’ cumail a-mach nach do dhearbh duine sgeulachd Rawlinson gu ceàrr. Ach a chionn ’s gu bheil e ag ainmeachadh The History of Highland Dress (1962) aig Dunbar, tha fhios gun robh e mothachail gun robh Stiùbhartach Ghairt, a bha na shàr eòlaiche air a’ Ghàidhealtachd na latha, air gearan gu làidir mu dheidhinn.

Dè a-rèist a bha fa-near do Threvor-Roper agus am pàipear ealanta a sgrìobh e?

Hide Ad
Hide Ad

Bha e air a bhith na oifigear sna seirbheisean fàisneis aig àm a’ chogaidh, ag obair gu h-àraid air innleachdan meallaidh. Fad ùine mhòr an dèidh sin bha dlùth-dhàimh aige ris an t-seirbheis fàisneis agus bha e a’ beachdaireachd air co-obraichean a bha a’ taobhadh ris an làimh chlì. Bha e ainmeil mar dhuine connspaideach buaireanta. Mheòraich Sir John Habakkuk ann an Oilthigh Oxford am b’ e “a fundamentally unpleasant person … using rudeness as a disguise for nastiness” a bh’ ann an Trevor-Roper.

’S cha b’ e seo a’ chiad turas a bha e cùmhnach air an fhìrinn. Thug a charaid John Sparrow aig All Souls Oxford ionnsaigh air a’ cheasnachadh a rinn e air aithisg Coimisean Warren air foill-mhurt a’ Phrìomhaire Ceanadach mar “an account so marred by bias and blotted with inaccuracies.”

Bha Trevor-Roper ag iomairt an aghaidh a’ Bhile a bha airson cumhachdan a thiomnadh do dh’Alba. Sgrìobh e co-dhiù deich aistean a’ cur an aghaidh tiomnadh chumhachdan “Scotch” mar a bh’ aige air. Rinn e òraidean, nochd e air an telebhisean, rinn e lèirmheas air leabhar agus sgrìobh e litrichean gu pàipearan-naidheachd air a’ chuspair. Bha pàipear na co-labhairt san t-samhradh 1977 am meadhan na gnìomhachd seo.

A dh’aindeoin a chuid oidhirpean, fhuair am Bile troimhe ach chaill an Riaghaltas Làbarach molaidhean reifreann 1979 agus chaidh e ma sgaoil. Choisinn Mairead Thatcher an taghadh pàrlamaid a lean, agus ochd latha fichead an dèidh sin thabhaich i moraireachd fad-beatha air Trevor-Roper. Leig e air gun robh seo na iongnadh dha ach b’ e suidheachadh poileataigeach a bh’ ann mar a bha fios aige fhèin agus aig mòran eile, aon neach ag ràdh gur e sin as adhbhar “(he) succeeded in becoming a peer and failed to become a knight.”

Bha Thatcher ag aithneachadh a luach mar neach a bha sgileil air deasbad ach throd i ris airson nach robh e a’ foillseachadh leabhar. Cha do nochd an leabhar na bheatha. Ann an 2008 thug Jeremy Cater, deasaiche Ameireaganach air na sgrìobhaidhean farsaing “Scotch” aig Trevor-Roper, The Invention of Scotland, am mìneachadh seo air a’ chùis “… the previous government’s proposals for Scottish devolution were shelved for an indefinite period. For [him] that removed a spur to action[.]”

Cha robh obair a bharrachd a dhìth. Bha Trevor-Roper air na h-amasan aige fhèin agus aig a mhaighstirean poileataigeach a choileanadh, a’ cleachdadh gu ìre mhòir innleachdan ris am faodar “propaganda dubh” a ràdh. Ach tha an dìleab a dh’fhàg e againn co-cheangailte ri uirsgeul air mar a chaidh am fèileadh beag a chruthachadh fhathast a’ cur fiaradh nar n-eachdraidh agus a’ cur teagamh ann an nì a tha na shuaicheantas nàiseanta an-diugh.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 20 Ògmhios 1936

Bha Dòmhnull agus Fionnladh glè eòlach air a chéile ged nach robh iad a’ fuireach air an aon taobh de’n dùthaich. Cha robh càirdeas mór eatorra, ach cha mhò bha iad an gruaim ri chéile aig àm ’sam bith.

Choinnich iad aon latha ’sa bhaile bheag ’sam b’ àbhuist do mhuinntir na sgìreachd an gnothaichean a thoirt gu buil. Cha robh iad ro shuilbhir ri chéile, ach chaidh iad a staigh a ghabhail cupa tea còmhla. Mu’n d’thàinig iad am mach bha iad air làmhan a ghlacadh ann am bargan a thaobh chaorach. Bha iad glé ghaolach air a chéile an dèidh sin ach cha robh na mnathan aca a’ còrdadh cho math. Cha robh na boireannaich a’ tachairt ach ainneamh agus theagamh gur h-ann mar sin a b’ fhearr. Air latha fèille sònruichte thàinig an dà chàraid tarsuinn air a chéile, agus bha iad a’ falbh cuideachd air an ais agus air an aghaidh ré còrr is uair a dh’ùine. Mu dheireadh chonnsaich na mnathan mu thimcheall prìsean adaichean agus cha b’ urrainn do na fir gu ro mhath an ciùineachadh. An ceann tacain thuirt Fionnladh, is e fàs sgith de’n deasbud, “Cha chreid mi, a Dhòmhnuill, nach téid sinn a staigh a ghabhail drama.” “Tha mi toileach,” fhreagair am fear eile agus rinn iad ceum gus na boireannaich fhàgail.

Hide Ad
Hide Ad

“Cha téid bhur cas,” dh’éigh na mnathan agus iad iomaguineach a thaobh ’dé dh’fhaodadh tachairt. Cha d’thuirt iad an còrr mu adaichean agus bha iad càirdeil riamh tuillidh.

Gaelic guide for learners

Prepositional pronouns are a feature of Gaelic grammar that does not occur in English, writes Carol Shields. These are a group of prepositions, for example at and on (aig and air) that combine with the personal pronouns me, you, him, her, us, you, them (mi, thu/sibh, e, i, sinn, iad). The personal pronouns combined with aig give us the prepositional pronouns agam, agad, aige, aice, againn, agaibh and aca and as there is no verb ‘to have’ in Gaelic this particular combination is used to express ‘having’. Here are some examples of their use:

Tha càr agam, translated literally as ‘a car is at me’, means ‘I have a car’. Tha taigh agad (you have a house), tha bràthair aige (he has a brother), tha piuthar aice (she has a sister), tha an t-airgead againn (we have the money), tha biadh gu leòr agaibh (you have plenty food), chan eil brògan aca (they don’t have shoes).

The prepositional pronouns based on air (orm, ort, air, oirre, oirnn, oirbh, orra) are often used to express a person’s physical condition: tha cnatan orm (I have a cold), tha pathadh oirre (she is thirsty), tha an t-acras orra (they are hungry).

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week: Bannockburn - Allt a’ Bhonnaich

This name has a complicated history. The name of the current settlement takes its name from the watercourse that runs through it: Bannock Burn. This name first appears in a Latin text from 1200 AD as a hill named Bannauc; from the context this most likely refers to the hills to the west of Bannockburn. It is mentioned in medieval Welsh literature as the boundary between the Britons of the Old North and the Picts. The name in British most likely meant ‘abounding in summits or spurs’.

After the battle that took place here this week in 1314, the place was mentioned many times in Gaelic writing, usually referred to as Allt a’ Bhonnaich ‘the burn of the bannock’; a bannock being a type of flat bread. This is a translation of the modern Scots form, though this interpretation has no historical authenticity.

For more information visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org