Poileasaidhean a nì feum dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan

Le taghadh air fàire, dh'iarr an t-Albannach air na prìomh phartaidhean innse dhuinn dè dhèanadh iad gus cùisean a leasachadh air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

Jamie Stone, tagraiche aig na Lib-Deamaich airson Gallaibh, Cataibh is Ros

Bheir sinn cumhachd air ais do choimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Tha na feachdan poilis againn a-nis fo stiùir cheannardan ann an Glaschu, agus tha oifigearan le gunnaichean air a bhith nochdadh gu cunbhalach air ar sràidean. Bha aig ar comhairlean ri gearraidhean mòra a chur an sàs sna buidseatan foghlaim aca. Feumaidh seo uile atharrachadh.

Hide Ad
Hide Ad

Tro ar planaichean, thèid leth billean not a thogail gach bliadhna a bhios a’ ciallachadh nach fheum comhairlean na buidseatan foghlaim aca a ghearradh. Nì sinn cinnteach gum bi barrachd gnothaich aig ùghdarrasan ionadail ris na dòighean-obrach a bhios aig oifigearan poilis. Cuidichidh na Lib-Deamaich tuathanaich is croitearan a dh’fhuiling ri linn mar nach do sgaoil an SNP taic-airgid dhaibh ann an àm. Cuideachd, nì sinn cinnteach gum faigh a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan cothrom ceart air leasachaidhean còmhdhail is banna-leathainn.

Leah Franchetti, tagraiche aig na Làbaraich airson Gallaibh, Cataibh is Ros

Tha trì prìomhachasan againn: cìsean a thogail bho na daoine as beartaiche a tha cosnadh barrachd air £150,000 sa bhliadhna, airgead a chosg air foghlam, agus stad a chur air gearraidhean air an NHS is seirbheisean eile. Feumaidh sinn na sgilean a tha dhìth air ar n-òigridh a thoirt dhaibh. Tha mi airson gun tèid airgead a chosg air foghlam gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga air a’ Ghàidhealtachd cothrom air obraichean.

Tha sinn air a dhèanamh glè fhollaiseach gun cumadh Riaghaltas Làbarach CalMac fo shealbh a’ phobaill agus ’s e aon de na ciad rudan a dhèanamaid mar Riaghaltas, stad a chur air mar tha seirbheisean Chluaidh is nan Eilean gan cur a-mach gu tairgse. Chleachdadh am Partaidh Làbarach cumhachdan na pàrlamaid gus airgead a chosg mu choinneamh leasachaidhean an àite a bhith gearradh airgead nan sgoiltean is sheirbheisean eile.

Alasdair Allan, tagraiche Partaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Eilean an Iar

Cuiridh an SNP millean acair de dh’fhearann fo smachd choimhearsnachdan, agus cumaidh sinn faraidhean RET air na h-aiseagan. Cuiridh an SNP às do na cìsean ionadail a th’ aig tòrr ghnìomhachasan beaga ri phàigheadh, agus bidh an t-airgead bho Oighreachd a’ Chrùin air a sgaoileadh gu coimhearsnachdan.

Tillidh na h-iasadan airson croitearan a tha a’ togail thaighean. Bidh an SNP a’ dùblachadh nan uairean cùram-chloinne a gheibh clann fo aois sgoile saor is an-asgaidh, agus a’ trusadh 500 nursaichean-coimhearsnachd ùra. Bidh sinn ag obair gus cur às do bhochdainn connaidh. Tha e cuideachd na amas dhuinn dèanamh cinnteach gum bi an àireamh dhaoine le Gàidhlig a’ dol suas.

Iain Finnie, tagraiche liosta aig a’ Phartaidh Uaine airson sgìre na Gàidhealtachd is nan Eilean

Hide Ad
Hide Ad

Cumaidh Partaidh Uaine na h-Alba orra ag iomairt gus dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean aiseig ChalMac fo shealbh a’ phobaill. Cha bu chòir do phrothaid a bhith na phrìomh amas airson nan seirbheisean seo. Tha sinn a’ smaoineachadh gur e an dòigh as fheàrr frithealadh air feuman a h-uile duine, seirbheisean fhàgail fo shealbh a’ phobaill.

Cuiridh sinn prìomhachas air bun-structar do sgìrean dùthchail, leithid rathaidean is am bann-leathann, an àite phròiseactan daora nach dèan mòran feum. Tha sinn ag iarraidh cur às don Chìs Comhairle, agus cìs nas cothromaiche a thoirt a-steach stèidhichte air togalaichean, a bhios fo smachd ùghdarrasan ionadail a-rithist. Tha cùisean doirbh do thuathanaich an-dràsta, ach bheir sinne reachdas ùr a-steach a ghabhas ealla cheart ri luach an àiteachais don Ghàidhealtachd, do na h-Eileanan agus do dh’Alba.

Raghnall Friseal, tagraiche aig na Tòraidhean airson nan Eilean an Iar

Air sgàth ’s gu bheil am Partaidh Nàiseanta a’ bruthadh airson an dàrna referendum tha mi airson daoine a bha na aghaidh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a riochdachadh. Tha e cudromach gu bheil partaidh làidir ann a tha strì an aghaidh a’ Phartaidh Nàiseanta. Le Ruth Davidson os cionn a’ Phartaidh Thòraidhaich ann an Alba tha sinn a’ coinneachadh ri mòran dhaoine a tha gu math dòchasach mun phartaidh againn. Tha mi a’ creidsinn gu mòr ann an seirbhisean poblach agus seirbhis slàinte a tha làidir, ach airson sin a choileanadh feumaidh eaconamaidh làidir a bhith againn agus ’s e am Partaidh Tòraidheach an aon phartaidh a tha comasach air sin a dhèanamh.

Dàibhidh Coburn BPE, Ceannard Ukip ann an Alba

Tha sinn ag iarraidh gun till busaichean-puist feuch gum bi e nas fhasa do dhaoine siubhal gu h-ionadail. Obraichidh sinn le companaidhean-fòn gus am bi siognal math air feadh Alba agus chan eil astar a’ bhanna-leathainn math gu leòr ann an àiteachan dùthchail.

Tha Ukip gu dubh an aghaidh oifigearan le gunnaichean a bhith falbh mar nì àbhaisteach air a’ Ghàidhealtachd. Tha Ukip an aghaidh chìsean-gnothachais airson oighreachdan seilg. Ma thèid cìs mhòr, stèidhichte a thoirt a-steach, stadaidh tòrr oighreachdan a bhith sealg agus bheir sin droch bhuaidh air eaconamaidhean ionadail.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach

AN CRÙISGEAN LÀN

Tha feum air foidhidinn an uair a thig sinn gu bhi ’g amharc air mearachdan a’ Ghàidheil. Chan e gu’m bheil e dad na’s ciorramaiche na a choimhearsnaich, ach gabhaidh sinn na’s miosa fàillinnean annsan na an dream eile.

Hide Ad
Hide Ad

Cò a chunnaic riamh Gàidheal nach robh gaolach air seann sgeulachdan? Ma tha iad mu bhuidsichean, mu ghisreagan no mu thaibhsearachd thig iad gu sònruichte ri chàil, agus tha fichead leisgeul aige air son a bhi gabhail suim do shaobh-chràbhadh.

Is mór an t-atharrachadh a thàinig air a bheachdan o cheann leth-cheud bliadhna, gidheadh tha e fhathasd a’ creidsinn an tomhas beag no mór ann an cuid de na faoineasan anns an robh na daoine bh’air thoiseach air a’ creidsinn. Ma their sinn nach eil bonn ’sam bith air son nan seann bheachdan ud, gheibh sinn gu leòir a chuireas nar n-aghaidh agus chan fhaigh sinn móran a chuireas leinn le’n uile chridhe. Tha ar muinntir gu h-àraidh gu daingeann de’n bharail gu’m bheil taibhsean ri’m faicinn fhathasd agus gur h-ainneamh baile no leth-thìr anns nach faighear a h-aon no dhà aig am bheil an comas iongantach ris an canar an “dà-shealladh”. Biodh sinn ceart no ceàrr, bha fiughair an uair a “thàinig an Soisgeul gu bhi làidir” (o cheann dlùth air ceud bliadhna) gu’m bàsaicheadh an creidimh so.

Cha d’rinn e sin fhathasd, cho fad ’sa tha cuid de na gisreagan air an gabhail a staigh. Tha ar crùisgean làn eòlais ach tha seann bheachdan duilich iomain air falbh. AONGHAS MACEANRAIG

Gaelic guide for learners

Last week we looked at the difference between mòr and mhòr and learned that the form of the adjective depends on whether the noun is masculine or feminine. Today you will find out how to detect masculine and feminine nouns. There are guidelines for this, which help with about 80 per cent of nouns in Gaelic:

Nouns are usually feminine:...

...if the last syllable is slender (i.e. has an e or i in it), e.g. cèic, litir, madainn

...if the word ends in -ag, e.g. caileag, uinneag, feòrag

...if the word ends in -achd, e.g. sgoilearachd, còcaireachd

...if it is a part of the face, e.g. sròn, cluas, sùil

...if it is a musical instrument, e.g. fidheall, clàrsach, pìob

...if it is a star, planet etc, e.g. grian, gealach, reul.

Nouns are usually masculine...

...if the last syllable is broad (i.e. it has an a, o or u in it), except -ag, and -achd, e.g. faileas, boireannach, fèileadh

...if it ends in -air, e.g. iasgair, clachair.

Hide Ad
Hide Ad

The ability to define masculine and feminine nouns will help you decide which form of the adjective and which form of the article to use with the noun in different positions.

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week

Birnam - Braonan

Birnam (Brannan in 1345) most likely reflects braonan, ‘little wet place’. The same element also appears in Loch Bhraoin in Wester Ross - Loch Broom in English.

When Shakespeare wrote Macbeth, he was not familiar with the name; his source for the play spelt the name as Birnane. Shakespeare’s first folio edition of Macbeth spells the name Byrnan and Byrnam, whilst later editions chose the less correct Byrnam or Birnam throughout. The form ending in -m became so famous it seems to have largely displaced the authentic name for the place. The form Braonan however was reinstated in the late twentieth century on the bilingual railway station sign.

The original form may have been remembered locally. One source from 1900 mentions Birnam Hill as Branac in the saying: Tha ceò air Branac ‘there is mist on Birnam Hill’.

• For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org