Saltire, an crann os cionn gach croinn

BHA A’ CHIAD leabhar Gàidhlig de shreath ùr chomaigean, Saltire, air a chur air beulaibh an t-sluaigh aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èid­eann Diar-Daoin.
Thathar an dòchas gum piobraich na h-euchdan aig Saltire ar n-òigridh gu smaointinn mur n-eachdraidh agus mun GhàidhligThathar an dòchas gum piobraich na h-euchdan aig Saltire ar n-òigridh gu smaointinn mur n-eachdraidh agus mun Ghàidhlig
Thathar an dòchas gum piobraich na h-euchdan aig Saltire ar n-òigridh gu smaointinn mur n-eachdraidh agus mun Ghàidhlig

Fhuair Iain agus Clare Fear­ghasdan, aig a bheil Diamond Steel Comics ann an Dùn Dèagh, taic bho Chomh­airle nan Leabh­raichean gus Gàidhlig a chur air an t-sreath ghrafaigeach, a chaidh a dhealbhadh le Iain fhèin agus le oileanaich á Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone.

Le eachdraidh-bhrèige stèidh­ichte gu ìre air sgeulan ’s faoin­sgeulan á eachdraidh na h-Alba fhèin, tha iad a’ toirt thugainn saoghal ùr miotas­ach agus Saltire, a’ chiad oschuraidh (super­hero) Albannach a bh’ ann a-riamh. Gu dearbha, seo a’ chiad leabhar oschuraidheach a chaidh a thionndadh gu Gàidhlig. Thàinig an t-eagran Beurla, Saltire Invasion, a-mach aig deireadh 2013.

Hide Ad
Hide Ad

Se an tè a chuir Gàidhlig air Asterix ann an Dùthaich nan Cruithneach, Raghnaid Sandi­lands, a tha ag eadar-theangachadh leabhraichean Saltire. Thèid an dàrna fear Beurla san t-sreath fhoillseachadh air 6 Sultain, agus an dàrna fear Gàidhlig tràth an-athbhliadhn’.

Anns a’ chiad leabhar, Ionns­aigh, tha Saltire ’s a dhream de cheatharnaich – sianar ás a’ Ghaidh­ealtachd, sianar ás a’ Ghalltachd – a’ dìon na tìre an aghaidh Ìmpireachd na Ròimhe. Ach anns na leabhraichean a tha ri thighinn cuiridh iad an gual­ainn ri chèile an aghaidh iomadach nàmhaid a thig ’nan rathad thar dà mhìle bliadhna. Se Ròm­anaich, Sagsannaich agus Lochlannaich as motha a bhios ann, ach seach gu bheil Saltire neo-bhàsmhor, bidh e uile-làthair­each rè nan linntean ud a’ seas­amh na dùthcha maille ri grunn chreutairean os-nàdarra a bhios mar luchd-faire a’ fuireach sna ceàrnan aca fhèin.

Bidh acasan ’s aig Saltire ’s a chuid laochraidh ri coinneamh a thoirt do ghrunn bhleigeardan le’n os-chumhachdan olca. Anns an dàrna leabhar (Lèirsgrios Pt 1), se bàn-sìthe am prìomh eascar­aid a bhios ann dhaibh, le stòir­idh stèidhte air na Lochlannaich.

Ma shoirbhicheas leis an t-sreath seo, saoilidh mi gun dèan e dà rud fìor chudromach. Air an duilleag Facebook aig Diamond Steel Comics, bha beachd ann bho athair òg aig nach robh Gàidhlig a bh’ air an leabhar Beurla a cheannach, agus dùil aige am fear Gàidhlig a cheannach cuideachd gus an leughadh “taobh ri taobh”.

Tha fhios nach e sin an dòigh as fheàrr air Gàidhlig ionnsachadh, ach chomh­arraich e – dhòmhsa, co-dhiù – gum faod Saltire a bhith a’ tarraing aire òig­ridh ’s dhaoine aig a bheil ùidh sa ghnè litreachais seo gu Alba ’s an fhìor eachdraidh aice, agus gu cultar agus cànan nan Gaidheal mar an ceudna.

A’ marbhadh dà eun le aon chloich, mar gum b’ eadh.