O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly scotsman’, Di-Sathairne 9 Giblean 1932

Bho àm a’ chogaidh tha Ghàidhealtachd a’ tighinn air a h-aghaidh am meas ’san urram agus, mar an ceudna, an suidheachadh aimsireil.

Tha’n còrr de’n dùthaich a’ fulang an iomadh rathad, ach tha ise na’s fearr dheth na bha i roimhe, a chionn gu’m bheil a mic is a nigheanan a’ faighinn cosnaidh an caochladh dhreuchdan aig an taigh.

Gabhamaid maighstireachd-sgoile mar eisimpleir. Is ainneamh teaghlach aig nach eil aon no dhà a dh’ionnsaich i, agus tha iad daonnan bàigheil ris an t-seann dachaidh. Leis gu’m bheil miadh air teagasg Gàidhlig, gheibh iad, gu tric, sgoilean laghach gun dol ro fhada o’m pàrantan. Tha’m pàigheadh math, agus chan eagal do’n t-seann chàraid.

Hide Ad
Hide Ad

Tha carbadan-ola an ceann oibre ach beag anns gach cearn, agus tha gillean òga, sgairteil a’ faighinn beoshlaint timcheall orra an iomadh rathad. Tha cuid dhiubh a’ cur a suas taighean-gnothaich air an làimh féin agus tha cuid eile a’ faighinn cosnaidh a freasdal dhaibh.**

’San treasamh àite, tha na Gàidheil a th’aig baile a’ togail thaighean ùra agus ’gan suidheachadh air coigrich ré an t-samhraidh.

Eadar a h-uile rud a th’ann tha an sluagh na’s fearr dheth gu mór na bha iad roimh àm a’ chogaidh agus tha a choltas orra gu’m bi fad iomadh latha ri tighinn.

aonghas maceanraig

**“Motor vehicles are coming into vogue in almost every district, and capable young men can make them a source of livelihood in quite a variety of ways. Some who are enterprising open places of business – or garages – on their own account, and others find employment in working for them.”