Mar a thug Eric Cregeen guth an t-sluaigh don eachdraidh againn

THA mi a’ cur fàilte chridheil air an dara leagan de Recollections of an Argyllshire Drover and Other West Highland Chronicles le Eric R Cregeen (Grace Note, £14.99).
Eric Cregeen a clàradh Lachlainn MhicLeòid, Griomasaigh, 1969.Eric Cregeen a clàradh Lachlainn MhicLeòid, Griomasaigh, 1969.
Eric Cregeen a clàradh Lachlainn MhicLeòid, Griomasaigh, 1969.

Se leagan còmh­daich-bhuig tha seo – thàinig a’ chiad fhear (còmhdach-cruaidh) a-mach bho John Donald ann an 2004.

Bha Eric Cregeen (1921–83) ’na Mhanainneach a thàinig a dh’ob­air a dh’Earra-Ghaidheal ann an 1954, a’ cur chlasaichean-oidhche air dòigh ás leth Oilthigh Ghlaschu air feadh na siorrachd. Ghabh e ann an Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1966. Bha a bhàs aig aois 62 ’na chall uabhasach, oir bha e cho sgileil le pheann ’s a bha e le teip-recòrdair agus dh’fhoillsich e tòrr, eadar leabh­raichean agus airtigealan.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Recollections … ’na chruin­neachadh sgoinneil de chuid de na sgrìobhaidhean as giorra aige, foillsicht’ an toiseach an diofar àiteachan eadar 1957 agus 1998. Tha dà airtigeal ann mu na clas­aichean-oidhch’ ud, ’s a dhà mu dhiofar sheòrsachan de dh’obair thradiseanta – dròbhaireachd cruidh agus bualadh arbhair le sùist.

Os cionn gach nì eile ge-tà bha Cregeen ’na fhear-eachdraidh sòisealta: se sin, b’i a’ phrìomh ùidh aige beatha nan daoine
cumanta san àm a chaidh. Tha dà rathad ann gu faighinn a-mach mu dheidhinn seo – sgrùdadh sheann phàipearan agus faighneachd dha na daoine fhéin. Tha dà airtigeal san leabhar far a bheil e a’ cleachdadh a’ chiad dhòigh: ‘The Tacksmen and their Successors’, stéidhte air pàipearan oighreachd ann an Caisteal Inbhir Aora, agus ‘Tradition and Change in the West Highlands’.

Ach sann ann an cuimhneachain nan daoine, agus anns a’ bhuntanas fhrionasach eadar beul-aithris agus eachdraidh, a bu mhotha a bha an tarraing do Chregeen. Tha trì airtigealan ann far a bheil e a’ cnuasachadh an dàimh sin, a’ tarraing eisimpleirean á Tiriodh ’s á àiteachan eile, agus trì a tha déiligeadh ri tùsan sònraichte: Dòmhnall Chaluim Bàin á Tiriodh; Dòmhnall Moir­easdan á Àird Tuna anns an Ros Mhuileach; bàird agus bàrdachd Thiriodh.

B’e talamh riaslach a bha Cregeen a’ treabhadh. Bha e a’ feuch­ainn ri thoirt a chreidsinn air luchd-eachdraidh gun robh luach anns a’ chuimhne thradiseanta – gun robh pàirt chud­romach de dh’eachdraidh ri
fhaot­ainn taobh a-muigh pàip­earan an ama. Gus an t-atharr­achadh seo a thoirt gu buil, rinn e trì rudan. An toiseach, nochd e gun robh esan cho comasach ri gin acasan ann a bhith a’ làimhseachadh seann phàipearan ’s a’ tuigsinn an luach. An uair sin, dhearbh e gun robh fiosrachadh cudromach ann an cuimhne nan daoine nach robh anns na pàip­earan idir, leithid: “The fact of tenants or crofters participating in a form of agrarian democracy
. . . which emerges from oral testimony is a valuable corrective to the impression given by estate papers and most written sources that the whole of society in the Highlands was controlled by laird, factor and minister.”

Leis gun do nochd e gum
faod­adh pàipearan a bhith aon-taobhach, dh’aidich e gum faod­adh cuimhne nan daoine a bhith aon-taobhach cuideachd, agus sheall e gum feumar an dà sheòrsa a chur còmhla mus bi each­draidh shlàn air a sgrìobhadh. “There is little point in asking which is more ‘true’, for not only does each have its own validity and use, but in written sources and unwritten alike one can make out strands that can be described as objective and others which are interwoven with the values, beliefs and myths of a community or class.”

Mu dheireadh, leig e fhaicinn gu bheil seòrsa de chód ri bhris­teadh mus dèanar ciall dhen
chuimhne thradiseanta. Gu mì-fhortanach chan eil an cód air fad air a thoirt seachad ann an Recollections . . . , ach tha pàirt­ean dheth air an ainmeachadh ’s air an dearbhadh an siud ’s an seo: mar eisimpleir, bidh an guth tradiseanta a’ cur pròiseas fada an céill mar aon tachartas luath, ag innse mu na dh’éireas do dh’aon duine (a tha gu tric càirdeach dhan neach-innse) seach do mhóran, agus uaireannan, nuair as miosa an t-uabhas, “the folk memory is faulty, or chooses to forget” – leithid mu àm na gorta an Tiriodh, nuair bha aig treas cuid de na daoine ris an t-eilean fhàgail. Bu ghann a dh’fhàg siud comharradh sam bith anns a’ chuimhne, fiùs aig na seanch­aidhean as fheàrr.

Leabhar luachmhor. Agus anabarrach inntinneach.