Gaelic: Cha do thuig an luchd-stiùiridh cho cumhachdach ’s a tha ‘An Eala Bhàn’

BHA GRCH loma-làn air son “Far Far from Ypres”, a rinn­eadh mar chuimhneachan air a’ Chogadh Mhòr. Bha còrr agus fichead seinneadair ainmeil air an àrd-làr tron chuirm.
British troops moving up to the trenches, 2.5 miles East of Ypres, in 1917. Picture: GettyBritish troops moving up to the trenches, 2.5 miles East of Ypres, in 1917. Picture: Getty
British troops moving up to the trenches, 2.5 miles East of Ypres, in 1917. Picture: Getty

’Nam measg bha leithid Dick Gaughan, Barbara Dickson, Siobhán Miller agus Iain MacCalmain. B’ e Iain a bha ’na sgrìobhadair agus ’na stiùir­iche. Cha robh an ceòl-taic aig na seinneadairean ach gann, le dithis dhrumairean agus giotàr no dhà ri’n cluinntinn o àm gu àm, agus beagan taic o Phil Coineagan air a’ bhogsa-chiùil.

Bha an sgriobt stèidhichte air beatha agus bàs “Jimmy MacDonald”, a bha a’ riochdachadh saighdear àbhaisteach aig an àm – fear a dh’fhaodadh tighinn á àite sam bith ann an Alba. Còmh­la ris na h-òrain aig na saighdearan, bha dealbhan on chogadh ri’m faicinn air sgàilean aig cùl an àrd-làir. Dh’innis cuid de na h-òr­ain mu ionndrainn, agus mu dhòchas. Dh’innis cuid eile gu sgaiteach mu na beachd­an aig “Jimmy” ’s a leithid mu na h-oif­igearan a bha os an cionn. Ged a bha corra òran ann mar And the Band Played “Walt­zing Matilda” a rinn follaiseach an sgrios agus an oillt a bh’ ann, bha a’ bhàrd­achd Dulce et Decorum Est le Wilfred Owen fada na bu chumh­achdaiche na rud sam bith eile aig a’ chuirm. Chualas Màiri NicAonghais a’ gabhail An Eala Bhàn, ach cha b’ urrainn dhut gun a bhith faireachdainn gun do chuireadh ann i oir ’s gum biodh cuideigin le Gàidhlig a’ nochdadh. Cha robh coltas ann on sgriobt gun do thuig an luchd-stiùiridh idir cho fìor chumhachdach ’s a tha an t-òran seo, agus na ghabhadh a dhèanamh leis a thaobh dhealbhan agus eadar-theangachaidh.

Hide Ad
Hide Ad

A dh’aindeoin sin, bha mòran a bha math mun chuirm – gu h-àraid an t-seinn ’s an aithris aig Iain MacAnndrais, agus chòrd e gu mòr ri mòran de na bha an làthair. Bha a’ chuid bu mhotha dhen luchd-èisteachd air an cas­an fad grunn mhionaidean aig an deireadh.

Math ’s gun robh an oidhche, ge-tà, bha rudeigin a dhìth. Ged a bha mòran dhe na saighdearan a bh’ anns a’ chogadh mì-dheòn­ach bruidhinn mu na chunnaic ’s na dh’fhuiling iad, bha corra neach ’nam measg a bha fair­eachdainn gum feum­adh iad an sgeul aca innse do ghinealaich­ean eile mar chuimh­neachan air an fheadhainn a chaill am beatha. Nam biom­aid air clàran de nan guthan aig na saighdearan fhèin a chluinn­tinn, bhiom­aid air ceangal na bu dlùithe a dhèanamh ris na daoine, agus air sealladh gu math na bu treasa fhaighinn air na bha feitheamh “Jimmy” agus a chompanaich an uair a chaidh iad dha na trainnsichean.