Gaelic: Am bu chòir Breatainn a bhith ann? - Reifreann 2014

Tha mise brath gum BU CHÒIR, ach an i sin a’ cheist a tha dhìth?
Adam Byrne, Gaelic writer and dialect specialist with his three children, from left, Saorsa, 4, Lachann, 4, and Caoimhe, 6. Picture: contributedAdam Byrne, Gaelic writer and dialect specialist with his three children, from left, Saorsa, 4, Lachann, 4, and Caoimhe, 6. Picture: contributed
Adam Byrne, Gaelic writer and dialect specialist with his three children, from left, Saorsa, 4, Lachann, 4, and Caoimhe, 6. Picture: contributed

Nam bheachd-sa fhé, chan eil ceist againn ann. Tha Alba na dùthaich iomlan ’s bha bho cheann deagh thacain, mun robh “Breatainn” na smaoin ann an ceann-circ an t-seathaimh Sheumais. Tha mi car buailteach cumail a-mach corra uair nach eil mi am feum mo bheachd a mhineachamh idir. Sraiceil, ’s e a their ead rium, is cinnteach.

Ach seo a-nis, dé cho ùiseil ’s a bhitheamh sin? Theirinn nach fhaigh sinn buaidh á cùis sam bith ach le bhith togail chridh­ean dhaoine. Chan atharraich mi beachd aig duine beò le bhith ag innseamh dhaibh gum BU CHÒIR, gun tighinn air na h-aobh­aran a th’ agam air son a’ bheachd seo a ghléidheil.

Hide Ad
Hide Ad

Feumaidh mi àiteachamh, ge-tà, nach toir mi móran seachad orra-san an ceartuair. Cha chreib mi nach eil a’ chuid as motha de dhaoine a-nis mothachail gu leòr air an leithid; cho beàrtach ’s a tha sinn a thaobh cumhachd nàdarraich ’s cho comasach ’s a tha sinn mar shluagh. Tha fios ann glan gun reachamh againn a bhith neo-eisimeileach gun fhasgamh Brataich na h-Aonachd oirnn. Nach tubhairt Luchd an Ionmhais ann an Lunainn fhé nach bitheamh na h-uile h-aon dhinn ach nòt na bu mhiosa dheth an déidh dhuinn falbh; agas sin an aithris a bu dubh­aiche a bh’ aca?

Na tha bualamh orm-sa a chàirdean, agas ’s e atharrachamh na ceiste bh’ ann le bhith ag innseamh na fìrinne, nach eil aobhar no aobhraigin ri chluinn­tinn air car-son a bu chòir don Rioghachd Aonaichte bhith na dùthaich ann am bith. Cha chualaidh mise riadh barail bhon taobh thall a dh’ath­arrachamh prìs a’ bheothaich dhomh-sa. Cha chreib mi nach tubhairt Tòmas Péin rudaigin mar seo a leanas uaireigin: “gu bheil beachd a tha air a cumail bho cheann fhada – nach eil dad ceàrr air rudaigin – a’ leigeil fiamh a’ choltais oirre gu bheil i ceart”. Shin agaibh, cha chreib mi, mar a tha coltas na Rioghachd Aon­aichte. Tha i air a bhith ann treis a-nis, óch tud, ’s e 300 bliadhna a th’ air dol seachad, feumaidh gu bheil còir aice a bhith ann fhathast.

Ge-tà, gu dé a th’ ann an “dùthaich”, mar a their tu? Dé air a bheil sinn a’ stéidheachamh dìleab ar cloinn? ’S e an fhìrinn a th’ ann nach urrainnear “Breat­ainn” a ghléidheil bhon nach téid aig gin de na luchd-poil­eat­achd no duine fo ghréin eile ar brosnachamh chum a gléidh­eil. Có ás a tha sinn moiteil dhith? Dé dhith tha toirt na tog­ail ud d’ ar cridhean? Dé dhith a bheireas air na ribeagan air cùl ar muin­eal­an dol nan seasachd ’s sinn a’ smaoineachamh air Breat­ainn?

An ann bhon nach b’ urrainn do Luchd-Poileatachd seo a chur an céill gu ceart? Chan ann. Tha an teanga theoma leam-leat aig a’ mhór chuid aca. ’S e seo a th’ ann: chan eil gas air fhàgail leis an cum­amh ead beò i. Tha Breat­ainn cho marbh ris a’ chloich ’s chan eil aca a-nis ach a bhith bagairt oirnn gum BU CHÒIR dhuinn a bhith moiteil áiste, dìr­each mar a bhithinn-sa deis dèan­amh bho cheann ach treis mur an robh deagh fhios agam gur math le daoine cothrom an gnothach a réiteachamh mar as fheàrr leocha fhé.

’S mar sin, chan e a’ cheist an dà-rìreamh AM BU CHÒIR DO DH’ALBA BHITH NA DÙTH­AICH NEO-EISIMEILEACH? Chan eil fuasglamh na ceiste sin air atharrachamh bho cheann 300 bliadhn’, ’s sinn cho comasach ’s a bha sinn riadh.

’S e fuasglamh na ceiste seo air a bheil feum againn bhon t-sluagh air 18mh Sultain: AM BU CHÒIR DO BHREAT­AINN A BHITH NA DÙTHAICH ANN?