Chan eil ceartas ann an gaol no ann an cogadh

GED a tha From the Line: Scottish War Poetry 1914–1945, deas­aichte le David Goldie agus Roderick Watson (Association for Scottish Literary Studies, £12.50), a’ deanamh ceartas do bhàrd­achd le boireannaich, agus ged a tha mìle rud math eil’ ann, chan eil e a’ deanamh ceartas dhan Ghàidhlig.
British troops negotiating a trench as they go forward in support of an attack on the village of Morval during the Battle of the Somme. Picture: PABritish troops negotiating a trench as they go forward in support of an attack on the village of Morval during the Battle of the Somme. Picture: PA
British troops negotiating a trench as they go forward in support of an attack on the village of Morval during the Battle of the Somme. Picture: PA

Am measg nan 138 dàn bhon dà chogadh chan eil ach deich sa Ghàidhlig – ceithir le Somhairle MacGill-Eain, a dhà le Iain Rothach, ‘Bisearta’ le Deòrsa Caimbeul Hay, ‘Òran Arras’ le Domhnall Ruadh Chorùna, ‘Luach na Saorsa’ le Murchadh Moireach agus ‘El-Alamein’ le Calum MacLeòid. Cha do sgaoil na deasaichean an lìon aca farsaing, oir tha a h-uile gin dhiubh siud ach ‘El-Alamein’ ann an O Choille gu Bearradh no An Tuil.

Tha mi mì-riaraichte air dhà no trì adhbharan. Chan eil dad follaiseach a’ ceangal ‘An Tìr’ le Iain Rothach ris a’ chogadh ann: tha e toirt iomradh air beanntan, sruthain agus féidh, a’ crìoch­nachadh “si Tìr nan Gaisgeach a th’ ann, / Tìr nam Beann, nan Gaisgeach, ’s nan Gleann, / si Tìr nan Gaisgeach a th’ ann.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha iomadh dàn eile ann an An Tuil a’ toirt thugainn sùil an fhir a chunnaic diofar thachart­asan an dà chogaidh: gas puinn­seanach (‘Òran a’ Phuinnsein’), na Dardanelles (‘Òran a’ Chogaidh’), campa prìosain (‘Dearg­adain Phóland’), am blackout (‘An Dubhsgaile’), etc.

Tha iomadh iomadh dàn nach eil ann an An Tuil a’ toirt thug­ainn tuilleadh – ‘An Eala Bhàn’, òrain gun chunntais don Cheus­air, na dàin aig Dòmhnall Alasdair MacDhòmhnaill mun àm a bha e ’na ghunnair san RAF, leithid ‘Dùsgadh Anabaich’, ‘Am Bomair’, ‘Am Bomair Lancaster’, ‘A’ Cuimhneachadh 1945’, etc.

Agus an Iolaire. Ma tha ‘An Tìr’ airidh air àite ann a From the Line, tha ’s aon dàn no òran mun Iolaire, àrd theisteanas ìoran­achd a’ chogaidh. B’e seo an coth­rom caillt’ air “duais” a thoirt dhan fhear as fheàrr.

Chan eil sìon san ro-ràdh mu bhàrdachd Ghàidhlig a’ Chiad Chogaidh. Gu dearbh chan eil am facal “Gaelic” a’ nochdadh idir, ged a tha rudeigin ann mu an often-despised minority culture and language. Tha car cus air a dheanamh, ’na mo bheachd-sa, de neoichiontachd nan dàn bho 1914 – leithid ‘An Tìr’? Air an làimh eile, mun Dara Cogadh, ri ‘Bisearta’ tha na deasaichean ag ràdh perhaps the finest poem of ‘total war’ . . . Hay’s tears for the Arab population of Bizerta do him honour.

Far an deach an ASLS ceàrr b’e nach do thagh iad deasaiche neo comhairliche a bha eòlach air bàrdachd Ghàidhlig. Ma bha poileasaidh aca mun chùis, chan eilear ga mhìneachadh. ’S dòcha nach robh ann ach: “Na Gaidhil? Tha na h-òrain acasan cho fada, ’s le eadar-theangachadh tha iad dà uiread sin.”

Tha cruaidh fheum air cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig an dà chogaidh. B’e ar dleastanas riuthasan a thuit. A bheil duine ga dhèanamh?