Ceithir eile do Shomhairle

Tha ceud bliadhna am-bliadhna bho rugadh am bàrd Somhairle MacGill-Eain (1911–1996), ’s tha na leabhraichean a’ dòrtadh a-mach

“GIN ony tung in the warld can gíe tae MacLean a vyce tae haud furth in as bauld an crouse-like as in his ain Gaelic leid, it maun be the Lawland Scots.” Sin a tha Derrick McClure ag ràdh ’na leabhar Sangs tae Eimhir: The Dàin do Eimhir o Sorley MacLean Owerset intae the Lawlan Scots Tung (Acair, £11.95).

Chan eil fhiosam a bheil e fìor. Tha e toirt gu cuimhne cho soirbheachail ’s a bha na h-eadar-theangachaidhean Fraingeis aig Dòmhnall Seumas MacLeòid de dh’òrain Dhonnchaidh Bhàin. J’ai vu le cerf brun et les biches / Montant le défilé, côte à côte; / J’ai vu le cerf brun et les biches.

Hide Ad
Hide Ad

Mas e ’s gu bheil e fìor, car son a bhitheadh? Rudeigin sònraichte ann an cumantas? A thaobh spiorad ‘Dàin do Eimhir’, nach bochd nach deach an cur gu Ruiseis cho luath ’s a thàinig iad a-mach. Dh’innseadh siud rudeigin dhuinn.

Ach chan eil teagamh nach eil Albais agus Gàidhlig a’ compàirteachadh fhaclan, àiteachan, ar n-aithneachas mar nàisean. Dé cho fada ’s a tha iad siud gar toirt ann an Sangs tae Eimhir?

Tha McClure ag eadar-theangachadh Dàn XXXIX, ‘Grìosach’, mar ‘Greishoch’. “Mar thèid grìosach mhall an teine . . .” Like sweirie greishoch frae the fire . . .

Tha tòrr mu Dhùn Éideann am bàrdachd Shomhairle, leithid Dàn XI “Tric ’s mi gabhail air Dùn Èideann / baile glas gun ghathadh grèine . . .” Aft sic name I’d cry tae Embra: / toun sae gray, nae sun-glints dertin . . .

Baile glas? Chan eil cànan Robert Fergusson iomchaidh gus beachd mar siud a thoirt beò. Tha an aon rud fìor mu Dhàn XLVI “Tha sinn còmhla, a ghaoil, / leinn fhìn ann an Dùn Èideann . . .” My luve, we’re here thegither / in Embra aa our lane . . .

Nach truagh nach eil ‘Calbharaigh’ ’s a shreathan mar “cùil ghrod an Glaschu / far bheil an lobhadh fàis” anns na ‘Dàin do Eimhir’ agus mar sin nach eil e anns an leabhar seo.

Co-fhaireachdainn Albannach? Tha siud a’ tighinn a-mach beagan nas fheàrr. Ann an Dàn XXX tha “Alba aigeannach nan saor” a’ dol gu Scotland, the spreitsome hame o the free.

Ach a dh’innse na fìrinn, air fianais Sangs tae Eimhir, chan ann mar sin a tha an rud ag obair. Chan e saidheans a th’ ann an eadar-theangachadh ach ealain. Chòrd a’ chiad rann de ‘The Sellin o a Saul’ (‘Reic Anama’) rium on a chuir e Burns ’nam inntinn. “Bàrd a’ strì ri càs an t-saoghail . . .” Bard, wi aa life’s tyauvin taigl’t – / talent’s huredom an the slavement / at hes swick’t o men the maist feck – / Na! but me ye’ll no hear sayin / sellin sauls wad gíe us aisement.

Hide Ad
Hide Ad

Chòrd a’ chiad rann de ‘The Wale’ (‘An Roghainn’) rium leis cho coltach ri ballad ’s a bha e. “Choisich mi cuide ri mo thuigse . . .” Alang I traikit wi my kennin / outbye aside the sea; / we gaed thegither but it wes haudin / a haet awa frae me.

Os cionn a’ chòrr chuirinn a’ chiad thrian de ‘Dugs an Wolfs’ (‘Coin is Madaidhean-Allaidh’). “Thar na sìorraidheachd, thar a sneachda . . .” Athort Eternitie, its snaws athort, / I see the sangs I haena vrocht: / I see the sprecklin steid o thair paws / ower the lown, the lythe white snaws; / feiriche birses, bluidie tongues, / feimin wolfs an spirlie hunns, / lowpin the taps o hill-dykes heich, / throu crynit trees’ scog rinnin skeich . . .

Chan fhaic mi ciall sam bith ach gun gin bàrdachd mhath eadar-theangachadh math. Chan aithne dhomh duine nach eil a’ meas ‘Coin is Madaidhean-Allaidh’ mar shàr shàr bhàrdachd.

Agus bòst McClure mun Albais? Chan è. Tha neartan agus laigsean aig Sangs tae Eimhir. Bu chòir ‘Dàin do Eimhir’ eadar-theangachadh do gach cànain san t-saoghal. Bhiodh neartan ’s laigsean aig a h-uile té.

BHA e ’na fhaireachdainn agam riamh, cho fads a b’ urra dhomh deanamh a-mach o na bloighean a chunna mi dheth ann an clò ’s ann an làmh-sgrìobhainnean, gun robh an dàn fada ‘An Cuilithionn’ cho prìseil mar bhàrdachd ris na ‘Dàn do Eimhir’ fhéin. Gun robh MacGill-Eain air “talla nam bàrd bu bheò” a ruigheachd dà uair, mar gum bitheadh.

Bha e furasta daonnan breith a thoirt air na ‘Dàin do Eimhir’, oir bha iad ann an leabhar iongantach a thàinig a-mach ann an 1943. Ach ‘An Cuilithionn’? Chum am bàrd a’ mhórchuid dheth air cùl na còmhla, agus nuair a thàinig na madaidhean-allaidh chun an dorais ga iarraidh, shuidh e sìos agus dh’ath-sgrìobh e e, a’ cruthachadh dàn ùr.

Car son a rinn e sin? Uill, bha beachdan ann air daoine mar Dame Flora MacLeod of MacLeod (bha e ’na h-aghaidh), Marjory Kennedy-Fraser (bha e ’na h-aghaidh), agus Joe Stalin (bha e air a shon). Bha na beachdan seo caran, hrrrmmph, mì-iomchaidh do dh’Àrd Mhaighstir-Sgoil a’ Phluic – ach ceadaichte, chanainn-sa, do bhàird òga ’s do bhodaich. Mar sin, dé, nuair leig e seachad a dhreuchd, an cron?

An-diugh tha cruaidh fheum againn air obraichean móra ealain mar ‘An Cuilithionn’ a tha toirt ri chéile bàrdachd ghlòrmhor lirigeach, tuigse dhomhainn eachdraidheil agus sealladh farsaing air càs an t-saoghail gu fianais a thogail an aghaidh uilc a’ chalpachais. Mar sin, thàinig An Cuilithionn 1939 and Unpublished Poems, deasaichte le Christopher Whyte (Association for Scottish Literary Studies, £12.50), a-mach aig an àm cheart.

Hide Ad
Hide Ad

Is samhlachail ealain a mhaireas, agus tuigidh sinn uile samhlaidhean. Air son “Dame Flora” leughaidh sinn “bancairean”. Air son “Kennedy-Fraser” leughaidh sinn “telebhisean”. Air son “Stalin” agus “An t-Arm Dearg” leughaidh sinn “rudeigin a shàbhaileas sinn bho uilc a’ chalpachais”.

Mar sin, se An Cuilithionn 1939 an leabhar Gàidhlig as fheàrr ’s as cudromaiche a thàinig a-mach am-bliadhna. Tha an ro-ràdh aig Whyte luachmhor; tha an dàn (1,638 loidhne fada) ’na dhearg thoileachadh o thoiseach gu deireadh; tha na notaichean ag innse gu h-éifeachdach co è no ì gach duine a th’ air ainmeachadh; ’s mar nach robh sin gu leór, tha 45 dàin eil’ ann nach deach fhoillseachadh roimhe – a-rithist le eadar-theangachadh Beurla agus notaichean.

Chan eil ach aon ghearain agam. Se sin gu bheil a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghàidhlig air an taobh dheas, a’ toirt a chreidsinn air an leughadair (oir tha sinn uile a’ leughadh o chlì gu deas) gun tàinig a’ Bheurla ron Ghàidhlig.

AS DÉIDH sin tha Somhairle MacGill-Eain / Sorley MacLean: Collected Poems in Gaelic with English Translations, deasaichte le Christopher Whyte agus Emma Dymock (Polygon, còmhdach cruaidh, £25), ’na mhealladh dùil.

An àite a bhith ’na gheàrr-chunntas air gach rud math agus cudromach mu bheatha ’s obair Shomhairle, tha ro-ràdhan nan deasaichean coltach ri notaichean-coise air puingean àraidh, mar gun robh iad sgìth. Tha ‘An Cuilithionn 1989’ ann gu h-iomlan, ach chan eil ann ach bloighean de ‘An Cuilithionn 1939’ agus 28 de na 45 “dàin nach deach fhoillseachadh”. Tha a’ Bheurla air an taobh chlì a-rithist. Tha na notaichean sgoinneil – thug cuid againn ar beatha a’ feitheamh riutha! – ach chan eil àireamhan ann a leigeas leinn an lorg. Mar sin, an déidh £25 a thoirt seachad air an leabhar bidh agad ri dhol troimhe a’ sgrìobhadh ri taobh gach dàin càite bheil na notaichean a tha ga mhìneachadh.

Tha mi fìor dhuilich siud uile a ràdh, oir seo an leabhar as grinne de bhàrdachd MhicGill-Eain bho nochd Dàin do Eimhir fhéin. Tha cuid dhiubh air a bhith grànda neo millte le mearachdan clò. Saoilidh mi fhìn gun tàinig an t-àm son dealachadh nan rathad: Gàidhlig MhicGill-Eain san dàrna leabhar ’s Beurla ann an leabhar dhi fhéin, mar a thachradh le cànan sam bith eile.

IS TOIL leam Dàn do Shomhairle: Poems for Sorley (Urras Shomhairle agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, £6) gu mór. Tha am prionnsabal a’ còrdadh rium: cuspair a thoirt do dh’aona bhàrd deug (seachdnar Ghàidhlig agus ceathrar Bheurla) agus leigeil leotha eaglais no muileann a dheanamh dheth.

Sgrìobh a’ mhórchuid de na bàird Ghàidhlig (Meg Bateman, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Catrìona NicGumaraid, Maoilios M Caimbeul, Aonghas MacNeacail) dàin làn meas air Somhairle. Dhiubh seo se Maoilios M Caimbeul as lirigeil, se MacNeacail as cudromaiche. Sgrìobh Rody Gorman nì nas aotruime: dàn Gàidhlig ‘Seanchas’ le eadar-theangachadh Beurla ‘biographygenealogyhistorytraditionlanguagestory’. Cheap e taobh de Shomhairle an sin gun teagamh. Agus sgrìobh Whyte (a rinn iomadh pìos bàrdachd air Somhairle roimhe) aon de na dàin mhóra làidire phearsanta ud a bhios a’ tighinn cho math bhuaithe ach aig nach eil ceangal ri Somhairle idir.

Hide Ad
Hide Ad

De na bàird Bheurla, se Jackie Kay as motha a tha fo bhuaidh Shomhairle, le loidhnichean mar the mild mad dogs of my poetry agus on Uist, on Hosta’s shore; or by the bay of Talisker. Tha Andrew Greig a’ sgrìobhadh air Ratharsair agus Robert Crawford air saighdear Gaidhealach san dàrna cogadh. Ach tha Seamus Heaney a’ tighinn a-mach le ceistean a bhuineas ri beatha (neo beathannan) Shomhairle ’s ri ‘An Cuilithionn’. Of all those starting out / High-horsed and spirited, / Instepped in their stirrups, / Who will stay young in the end? / Who’ll be . . . poet enough to survive / Those delusions . . . ?

Tha na trì delusions air an liostadh. Desire. Terror of death. Agus: social obligation.