Nobhailean taobh muigh na h-imire: eachdraidh 's an còrr dhen t-saoghal

Tha mi a' cur fàilte shònraichte air dà leabhar, An Creanaiche agus An Uinneag don Iar, a chionn 's gu bheil iad taobh a-muigh na h-imire a tha a' mhórchuid de nobhailean Gàidhlig a' treabhadh, se sin, Gàidhealtachd agus Galldachd an latha an-diugh. 'Dé mu dheidhinn eachdraidh?' bidh mi a' faighneachd. Agus: 'Dé mu dheidhinn a' chòrr dhen t-saoghal?'
Balla Bherlin ga leagadh an 1989: dh'fheuch an teaghlach Schmidt ri teicheadh mun deach a thogailBalla Bherlin ga leagadh an 1989: dh'fheuch an teaghlach Schmidt ri teicheadh mun deach a thogail
Balla Bherlin ga leagadh an 1989: dh'fheuch an teaghlach Schmidt ri teicheadh mun deach a thogail

An toiseach, ma-thà, ’s iongantach gun leugh thu nobhail ghoirid am-bliadhna, neo fad iomadh bliadhna ’s dòcha, a tha cho inntleachdach ’s cho math air a sgrìobhadh ri An Creanaiche: Myself, Lee Oswald and the Murder of JFK, le Màiri NicEachairne agus Ruairidh MacIlleathain (Sandstone, £7.99). Feumar a ràdh an toiseach, ged a tha ainm Màiri ’na chois mar ùghdar, gu bheil i ficseanail. Se Ruairidh a sgrìobh an nobhail. Se Màiri am prìomh charactar; chan eil ann ach gu bheil cuid de na caibidealan sgrìobhte bho shealladh Ruairidh, agus a’ chuid eile sgrìobhte bho shealladh Màiri.

Ged a tha móran teagaimh mu dheidhinn có ì Màiri, tha fios againn uile có è Ruairidh – tha e ’na sgrìobhadair agus ’na chraoladair aig a bheil ùidh air leth anns an àrainneachd, ann an ainmean-àite agus ann an litrichean do luchd-ionnsachaidh. Sin a’ phearsantachd a th’ aige san nobhail cuideachd.

Hide Ad
Hide Ad

Ach si a’ cheist có th’ ann am Màiri. A’ chiad turas a thachras Ruairidh rithe, sann air trèana. Tha i ga aithneachadh bho na meadhanan ’s a’ tighinn thuige le ròlaistean air choreigin mu dheidhinn bàs John F Kennedy. Bha i eòlach gu pearsanta air Lee Harvey Oswald, tha i a’ cumail a-mach. Chan è a rinn am murt ach cuideigin eile. Se co-fheall a bh’ ann, tha i ag ràdh, le Lyndon Baines Johnson aig a’ mhullach . . . Chan è gu bheil am fiosrachadh seo uile a’ sruthadh aiste air a’ chiad choinnimh. Chan è idir. Tha ùidh gu leór aig Ruairidh anns na th’ aice ri ràdh gus gu bheil iad a’ coinneachadh iomadh uair eile ann an diofar àiteachan. Ruairidh a’ cur cheistean daonnan, ise tric gan seachnadh. Air uairean tha e mar fuil fhaighinn á cloich.

Tha na còmhraidhean seo, eadar an sgrìobhadair aig nach eil fhios dé bu chòir dha a chreidsinn agus am boireannach a tha a’ fulang thrioblaidean follaiseach inntinn, air an làimhseachadh air leth math. Chan e sin a-mhàin, ach gu bheil cuimhne air Murt na h-Apann ann an 1752 – air Cailean Ruadh am bàillidh a chaidh a mharbhadh le aig Dia tha fhios có, agus air Seumas a’ Ghlinne a chaidh a chrochadh air a shon ged nach robh làmh aige sa ghnìomh – air fhighe gu sgileil a-staigh dhan sgeul. Tha tiotal na nobhail, An Creanaiche, a’ tighinn bho rud a thuirt Seumas a’ Ghlinne, “Có air bith as coireach, is mise an creanaiche.” Se sin, is mise a tha fulang. Agus tha a dhà na thrì dhe na caibidealan air an seatadh air Cnap a’ Chaolais far an deach Seumas a chrochadh ’s far a bheil ceann Drochaid Bhaile a’ Chaolais an-diugh.

Mar sin, tha An Creanaiche ’na sgeul air rùn-dìomhair saiceòlach co-cheangailte ri murt agus ri gaol, ri poilitigs Ameireaganach agus ri eachdraidh Albannach. Tha e air innse le faiceall agus le foidhidinn. Tha e anns an t-sreath “Lasag”, se sin, ficsean furasta-ri-leughadh do dh’inbhich òga, far a bheil geàrr-chunntasan Beurla aig toiseach a h-uile caibidil, agus corra fhacal doirbh air a mhìneachadh aig bonn na duilleige. Ach ged nach eil feum agad air dad dheth siud, tha còir agad An Creanaiche a leughadh. Tha e sgoinneil.

A’ tionndadh a-nis chun an leabhair eile, An Uinneag don Iar le Mìcheal Klevenhaus (Sandstone, £7.99), sann mu Bhalla Berlin ’s mun sgaradh a rinn e ann an aon teaghlach òg a tha e. No gu bhith nas mionaidiche, bha an teaghlach Schmidt – Hans, Maria agus an dithist òga, Alexander agus Katharina – a’ fuireach ann an togalach air a’ Bhernauerstrasse a bha dol a bhith air fhalmhachadh mar phàirt dhen bhalla: bha e, gu litireil, ’na “uinneag don Iar”. Bha iad leagte air teicheadh. “Ghabh a bhean – an rugsag leis an nighinn oirre – grèim air an ròpa, shreap i tron uinneig is sìos an ropa gus an do leig i dhi fhèin tuiteam gu plangaid an luchd-smàlaidh.” Siud dithist aca anns an Iar. Dé mu dheidhinn Hans? “Bha e na sheasamh anns an t-seòmar-chadail agus am balach beag ri a thaobh ann am baga fosgailte is e a’ gal . . . Chuala e briseadh tron doras . . . Cha b’ urrainn dha sreap sìos le mhac anns a’ bhaga na làmhan.”

Mar sin tha an teaghlach ’na dhà phàirt, neo ann an da-rìribh ’na thrì: a’ mhàthair ’s an nighean anns an Iar, ’s chan eil fada mus bi iad a’ fuireach ann an Uibhist; an t-athair anns a’ phrìosan air son feuchainn ri teicheadh; am mac ann an sgoil far an ionnsaich e a bhith dìleas dhan Stàit. Tha an nobhail mu dheidhinn mar a thig iad còmhla a-rithist, beag air bheag, agus tha iongnadh mór a’ feitheamh ruinn aig an deireadh.

Tha An Uinneag don Iar anns an t-sreath “Lasag” cuideachd. Ach seo an leasan as cudromaiche a tha mise a’ toirt ás: ged as ann ás a’ Ghearmailt a tha Mìcheal Klevenhaus, cha leig sgrìobhadairean Gàidhlig a leas a bhith ’nan Gearmailtich mun sgrìobh iad mun Ghearmailt, ’s cha leig iad a leas a bhith ’nan eachdraichean no ’nam fàidhean mun sgrìobh iad mu linn eile. Chan eil a dhìth ach misneachd, mac-meanmna agus beagan rannsachaidh sna làithean-saora. Mar eisimpleir, dh’fhóghnadh seachdain ann am Berlin agus seachdain ann an Köln gus An Uinneag don Iar a sgrìobhadh. Agus tha e math dha-rìribh.

Tha an léirmheas seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelticsociety.scot

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 11 SULTAIN 1937

An Diugh ’s am Màireach

Tha fios againn mar a tha a’ Ghàidhlig an diugh ach chan aithne dhuinn ciamar a bhios i am màireach. Am briathran eile, is léir dhuinn na th’ againn ach chan fhaic sinn ach dona na dh’fhaodas a bhi romhainn.

Hide Ad
Hide Ad

Thuirt an t-Urramach an t-Ollamh Mac Phàrlain, Ceann-suidhe Eaglais na h-Alba, gu’m bheil tuillidh Gàidhlig air a labhairt anns na h-Eileanan is Faide Mach na ’n cearna ’sam bith air tir-mór – a réir àireamh sluaigh. Bha e air ùr thilleadh o sgrìob a ghabh e ás leth na h-Eaglaise air feadh nan siorramachdan tuathach, agus anns gach àite ’san robh e bha a chluasan daonnan fosgailte air son fuaim na seann chànain. Chan eil teagamh nach eil a’ Ghàidhlig air a cumail an deagh mheas anns an Eilean Fhada, ach tha àiteachan air tir-mór, mar an ceudna. Far am bheil i air a labhairt leis an t-sluagh chumanta ceart mar bha i o cheann nam ficheadan bliadhna. Air Còrsa na h-Aird an Iar, o Chinn-tìre gus an oisinn is faid ás de Chataibh, tha i mùirneach leis a’ phobull nàiseanta, agus faodar an nì ceudna a ràdh a thaobh a cor anns na h-Eileanan is Faide Staigh.

Cho fad ’s a mhaireas na Gàidheil mairidh a’ Ghàidhlig ach tha coigrich a’ tighinn chugainn mar thuil agus a’ fuadach am mach nan seann luchd àitich. Chan fhaigh a’ Ghàidhlig bàs mur dùinear an sluagh o fhearann an sìnnsre.

AONGHAS MacEANRAIG

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

A’ smaoineachadh

A common Gaelic word for ‘thinking’ is smaoineachadh (writes Coinneach MacFhraing). To express ‘thinking about’ something, it is followed by the preposition air, e.g. tha mi a’ smaoineachadh air iomain ‘I’m thinking about shinty’, or by mu dheidhinn, e.g. Tha i a’ smaoineachadh mu dheidhinn Sheumais.

A way of saying ‘think’ that imparts something of a ‘methinks’ flavour uses the defective verb ar. It can be used to mean think’ or though’ and is always followed by the preposition le which introduces the person doing the thinking: Ar leam gu bheil sin ro mhòr! ‘I think that that is too big!’; Ar le Màiri gun robh thìde aice falbh ‘Màiri thought that it was time for her to go’.

‘Thinking’ in the sense of holding an opinion can be expressed by am beachd: Tha iad am beachd gu bheil thu luideach ‘they think that you’re shabby’. Am beachd can also mean ‘thinking of’ or ‘intending to’: Bha iad am beachd lòn a ghabhail ‘they were thinking of having lunch’.

Chan eil mòran agam mu Chrìsdean (lit. ‘I don’t have much about ...’) means ‘I don’t think much of Christopher’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities on site and by distance-learning