Nach ann a-mhàin nar n-òige as urrainn sgilean ùra ionnsachadh agus nithean às ùr fheuchainn.

Tha Fraoch Nic an Deòir a' dearbhadh, ma tha dearbhadh a dhìth, nach ann a-mhàin nar n-òige as urrainn sgilean ùra ionnsachadh agus nithean às ùr fheuchainn.
Fraoch Nic an Deoir a nochdas, le a seanchas agus a h-ealain, sa phrogram Dealbhan FraoichFraoch Nic an Deoir a nochdas, le a seanchas agus a h-ealain, sa phrogram Dealbhan Fraoich
Fraoch Nic an Deoir a nochdas, le a seanchas agus a h-ealain, sa phrogram Dealbhan Fraoich

Chan e nach eil Fraoch, a rugadh ann an Ìle agus a tha a’ dèanamh a dachaigh san eilean an-diugh, air iomadach rud a dhèanamh na beatha, ach thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha i air ceum eile a ghabhail, a’ cur eòlas air obair telebhisein agus a bhith air beulaibh a’ chamara. Bho phrògraman fa leth mar Am Boireannach a dh’ith Bò, a’ gluasad an uair sin gu sreathan leantainneach mar Eileanan agus Bailtean Fraoich, tha i air àite a dhèanamh dhi fhèin ann an dachannan dhaoine, a’ toirt sealladh thugainn air diofar cheàrnaidhean dhen dùthaich agus sin uile ga lìbhrigeadh ann an dualchainnt Ìle.

Tha e follaiseach a’ coimhead Fraoich a’ còmhradh ri na tha i a’ coinneachadh is i air chuairt, gu bheil tlachd mhòr aice ann an daoine agus sna sgeulachdan aca. Tha i airson beachdan dhaoine a chluinntinn agus blas fhaighinn air na nithean a tha cudromach dhaibhsan. Tha i a’ toirt spèis dhaibh is i ag iarraidh àite no cuspair fhaicinn tro na sùilean acasan, ge bith an ann a-muigh air an t-sitig no mu chuairt a’ bhùird làn de bhiadh blasta a chruthaich i anns a’ chidsin.

Hide Ad
Hide Ad

Tha a-nise a’ chompanaidh riochdachaidh Caledonia TV a th’ air a bhith ag obair còmhla ri Fraoch airson grunn bhliadhnaichean air cothrom a thoirt dhi dhà de na rudan as fheàrr leatha a thoirt còmhla ann an aon phrògram – seanchas agus ealain.

Bho làithean a h-òige bha Fraoch sònraichte measail air dealbhan de dh’aghaidhean dhaoine a tharraing. Rinn i na ficheadan dhiubh tro na bliadhnaichean, bhon a chaidh i an toiseach gu Colaiste Ealain Dhùn Èideann aig aois sia bliadhna deug. Chun an latha an-diugh is fìor thoil leatha feuchainn ri samhail neach air choreigin a ghlacadh. Ach chan e rud furasta a th’ ann idir, lasair san t-sùil no fiamh-gàire nàireach a chur sìos air pàipear.

Tha bliadhnaichean air a dhol seachad gun Fraoch an cothrom fhaighinn dealbhan dhaoine a dhèanamh ach fìor ainneamh. Ach anns an t-sreath ùir seo, tha sin ag atharrachadh. Le clàr-dhealbh agus sorchan dha, pàipear sgaoilte air agus gual-fhiodh na làimh, tha i a’ siubhal na dùthcha an tòir air daoine inntinneach còmhraideach a tha deònach leigeil leatha an dealbhan a tharraing.

Cò againn leis an toil duine a bhith a’ togail fiù ’s dealbh dhinn, gun luaidh air suidhe socair airson uairean a thìde fhad ’s a tha duine a’ dèanamh dealbh dhinn. Agus sin far a bheil an sgil a th’ aig Fraoch ann a bhith a’ tarraing sgeulachd a-mach à duine cho prìseil. Tha an còmhradh a’ leantainn air ais is air adhart fhad ’s a tha ìomhaigh a’ tighinn beò air an duilleig. Tha seòrsa de dhraoidheachd ann a bhith nad fhianais air obair ealain ga chruthachadh, suathadh peansail ann an siud, loidhne nas truime an seo, dorcha an siud, nas soilleire an seo agus beag air bheag tha coltas an duine a’ nochdadh. Is do dhuine againn a’ lùigeadh feuchainn air sinn fhèin tha leasan beag anns gach prògram cuideachd.

Ach inntinneach is ged a tha na h-eileamaidean fa leth, ’s e a tha a’ dèanamh Dealbhan Fraoich cho tarraingeach, an càirdeas a tha ga thogail ann an ùine cho goirid eadar i fhèin agus a h-aoighean. Bho Ena NicDhòmhnaill ann an Caolas Phaibil an Uibhist a Tuath a choisinn urram MBE airson na rinn i do chroitearachd; Dòmhnall Dòmhnallach “An Eireag” anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ gur iseanan dhaibhsan a tha ag iarraidh chearcan san iar-thuath; tè òg às an dearbh eilean, Fiona Cruickshank, a th’ air tilleadh gu eilean a h-àraich an dèidh gu leòr siubhail; Dòmhnall Mac a’ Phì, iasgair agus dàibhear agus a tha cuideachd na athair do thè-spòrs gu math ainmeil, Kerry Nic a’ Phì; boireannach iongantach a Èirisgeigh, Catrìona NicAsgaill a tha am meadhan nan naochadan agus i mu dheireadh thall ag aideachadh gun d’ fhuair i bonn BEM airson a seirbheisean don Ghàidhlig, ’s e an t-iongantas gur e prògraman leth-uair a th’ annta!

Mus fhalbh i air a cuairt, ge-tà, tha Fraoch a’ dèanamh dealbh de sheann charaid, Seumas MacPhàrlain, à Port Ilein ann an Ìle. Iasgair trang a th’ ann, a’ cur seachad mòran dhe bheatha air druim a’ chuain, agus tha bliadhnaichean on a bha Fraoch a’ miannachadh a dhealbh a dhèanamh.

Tha Dealbhan Fraoich air BBC ALBA gach Diardaoin aig 8.30f.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 16 FAOILLEACH 1936

Am Bàillidh Ur

Tha iomadh fichead bliadhna o’n thàinig am bàillidh gu àite dligheach fhaighinn mar fhear-dreuchd air oighreachdan Gàidhealach. Roimhe sin b’ e am maor-mór agus am maor-gruinnd aig an robh riaghladh, fo làimh luchd-lagha an Dun-éideann.

Hide Ad
Hide Ad

Tha am bàillidh ’na dhuine ionnsaichte, cèirdeil, agus is airidh e air meas agus urram o’n t-sluagh uile. Am meas agus an t-urram so tha e a’ faighinn gun sòradh. Tha e daonnan dlùth do’n mhullach an uair a tha luchd-riochdachaidh ri thaghadh air son bhòrdaibh no chomhairlean, agus anns gach staid eile ’sam bheil luchd-ùghdarrais ri shireadh tha e daonnan air fharraid air thoiseach air móran. Bha uair is bha ar-am-mach eadar e féin is na croitearan, ach cha do mhair e ro fhada agus, o cheann iomadh latha, tha iad cho mór aig a’ chéile ’s a bha iad riamh. Tha ’m bàillidh càirdeil ris na h-uile, ach cha fhreagair dha bhi nochdadh coibhneis sònruichte do neach ’sam bith seach a chéile. Tha e math air tuathanachas agus comasach air comhairle cheart a thoirt seachad a thaobh àiteachaidh agus ionaltraidh.

Cha bu mhath leinn an latha fhaicinn anns nach biodh e na b’ fhaide maille ruinn agus tha e glé choltach nach faic.

Cho fad ’s a bhios tuath is tighearnan ’sa Ghàidhealtachd bidh feum air bàillidhean.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

An Geamhradh

Are you stuck in the snow and wondering how to talk about winter in Gaelic? Here are some helpful words and phrases:

Am Faoilleach ‘January’

An Gearran ‘February’

An Dùbhlachd ‘December’, literally ‘the gloominess’. Note that all months in Gaelic have a definite article.

It is always easy to talk about the weather, especially when it is bad or extraordinary, like sneachd ‘snow’ seems to be in the Western Isles.

Tha an sneachd ann! ‘It’s snowing!’

Tha cur is cathadh ann ‘The snow is drifting.’

fuar ‘cold’

Tha i cho fuar ris a’ phuinnsean ‘It is extremely cold’, literally ‘as cold as poison’.

reòthte ‘frozen’

Most people feel uncomfortable in the snow because it’s sleamhainn ‘slippery’. Tha an rathad sleamhainn ‘The road is slippery’, Tha dèigh air an rathad ‘There is ice on the road’. But some enjoy the white fun, a’ dol a sgitheadh ‘going skiing’ or a’ togail bodach sneachda ‘building a snowman’. Luckily it’s not quite as dark and gloomy now: Tha an latha a’ sìneadh ‘The days are getting longer’.

Hide Ad
Hide Ad

For more words and phrases, visit Am Faclair Beag at faclair.com.

Bi faiceallach air an rathad! ‘Be careful on the road!’

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning