Mairead Ewing: Chaill sinne bana-ghaisgeach

NUAIR a bhiodh saoghal poilitics na h-Alba a' dèanamh luaidh air Mairead Ewing bha e eadar-dhealaichte bhon t-sean-fhacal Gàidhlig mas mhath leat do mholadh. An treub seo, bhathas a' dèanamh luaidh air neach a bhathas duilich a chall.

Bha daoine anns na prtaidhean gu lir measail oirre. Chunnaic iadsan rud tlachdmhor ndarrach innte ann an saoghal guineach nam poilitics. Dh'aithnich iad gur e bh' aca an seo cuideigin reusanta nach ligeadh an sgian a chuir ann an cch mar a bhios a' tachairt cho tric ann am poilitics. Bha i a' creidsinn rud gu lidir, ach cha robh sin a' ciallachadh gun fheumadh saoghal nam poilitics a bhi na bhlr fuileachdach.

Is bha call ann dha saoghal na Gidhlig is nan Gidheal cuideachd.

Seo t a bhiodh a' seasamh cirichean nan Gidheal is an cnan ged nach buineadh i dhan Ghidhealtachd, ged nach robh a' chnan aice ann, is ged nach robh i fis a' riochdachadh sgre a tha ga h-ainmeachadh fhin mar phirt den Ghidhealtachd, anns nach eil mran guth air an dualchas Gidhlig.

Mura b' e Mairead Ewing, agus cuideachd Rae Mhichie, ball Lib-Dem Earra-Ghidheal, is iongantach gum biodh an cothrom ann deasbadan a chumail ann an Gidhlig ann am prlamaid na h-Alba.

Chuir an dithis acasan moladh air adhart anns na Cumantan a dh' atharraich Bile na h-Alba, mar a bh' innte an uairsin agus a thug an cothrom dha luchd na Gidhlig bruidhinn anns a' phrlamaid nan cnan fhin.

Nuair a thnaig a' chiad sreath de dh' aithisgean-deasachaidh de Bhile na h-Alba a-mach ann an 1998, thuirt Ministear na Gidhlig, Brian MacUilleam, gu robh e den bheachd "gun fheumadh ite a bhi aig a' Ghidhlig" anns an linn r den phrlamaid r faileasach againn.

Cha robh e idir soilleir d a bhiodh sin a' ciallachadh nuair a thigeadh an gnothaich gu bith. Is abair e gu robh daoine gu ler gu math teagmhach mu dheidhinn ite a thoirt dha cainnt borb luchd-buain na mine ann an lchairt r an deamocrasaidh. Bha seirbheisich catharra is, feumar a rdh, luchd-naidheachd gu ler gu math m-thoilichte. Smaoinichibh, na "muileannan" a' dol a-mach a-rithist air na salchairean sin. Bha MacUilleam air a shon ceart gu ler ach cha b' e am bile aigesan a bh' ann.

Ach cha robh an sochair Gidhlig a bhruidhinn anns na deasbadan na anns na comadaidhean anns a' bhile gus an do chuir Ewing is Michie a-steach i. Sheas iadsan cirichean na Gidhlig, bhruidhinn iad as leth an sochair Gidhlig a labhairt anns a' phrlamaid nuair a thigeadh i gu bith.

Feumar cuimhneachadh nach robh e idir cho cinnteach gum biodh cothrom na finne againn anns an deamocrasaidh r. Cuimhnicheamaid nach robh oifigearan Gidhlig anns a' phrlamaid an toiseach, is gun fheumte str son an leithid de dhreuchd a chruthachadh. Cuimhnicheamaid cho luath is a chuir an t-seirbheis chatharra croch air planaichean bile na Gidhlig a bhi ann cho luath is a ghabhas as didh dhan phrlamaid tighinn cruinn ann an 1999, mar a chuireadh an aghaidh sanasan-raithid Gidhlig. Tha Achd na Gidhlig againn a-nis. Ach cuimhnichibh gun robh an fheadhainn ann an cumhachd ag argamaid bliadhnaichean nach robh feum an leithid a bhi ann.

Biodh sin mar a bhiodh e. Tha seasamh Mairead Ewing son na Gidhlig airidh air cuimhneachadh. Bha ise den bheachd gu robh e mar uallach dha Albannaich a bhi a' meas cnan a bhuineas do dh' Alba mar rud luachmhor agus a bhi a' feuchainn ri a bhi ga h-adhartachadh. Bha i coma ged nach do rugadh i ann an sgre a bha lidir a thaobh dualchas na cnan.

Chan eil i na h-aonar mar neach a chuir taic ris a' Ghidhlig ged nach robh adhbhar aca a thaobh eachdraidh na teaghlach. 'S iomadh comhairliche ann an Srath-Chluaidh a chuir am bht ri fghlam tro mheadhan na Gidhlig ann an Glaschu is ann an iomadh ite eile. Cite am biodh sinn s an aonais?

Tha balbh nar prlamaid fhn. Tha leis an fhaireachdainn gu robh sinn a' dol a-mach bith is sinn a' danamh beatha chich na b' fhasa. Mar gum biodh sinn gar n-obairt fhin gus cisean a dhanamh nas simplidh dha oifigich.

Tha an taic a chuir Ewing ris a' Ghidhlig a' sealltainn gu bheil deagh-ghean a-muigh an sin dhuinn.

Tha e a' sealltainn rud eile.

Gu bheil dthaich a-muigh an sin a tha, anns a' bhitheantas, ag iarraidh gum mair sinn, is nach toir maitheanas dhuinn mura dan sinne ar dchill cuideachd.

ENGLISH SUMMARY: The death of Margaret Ewing has deprived Gaelic of one of its most vocal supporters who pushed for Gaelic debates in the Scottish Parliament.