Mì-chinnt a' fàgail sgleò air cùisean Bhrexit air a' Ghàidhealtachd

Coltach ri iomadach nì eile a bheir buaidh air eaconamaidh na h-Alba agus air eaconamaidh Bhreatainn, 's ann air sgìrean iomallach is sgìrean a tha feumach air taic a thuiteas a' bhuille as cruaidhe nuair a thig Brexit gu buil aig a' cheann thall a rèir choltais. Tha sin dha-rìribh fìor mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, ach an-dràsta 's e 's motha a tha cur dragh air daoine air a' Ghàidhealtachd: a' mhì-chinnt.
Togalach ur a chaidh fhosgladh ann an 2015 aig Pairc Gnothachais na h-Oitire ann Dùn Omhain, goireas a chaidh a thogail le taic bho HIE agus an t-Aonadh EorpachTogalach ur a chaidh fhosgladh ann an 2015 aig Pairc Gnothachais na h-Oitire ann Dùn Omhain, goireas a chaidh a thogail le taic bho HIE agus an t-Aonadh Eorpach
Togalach ur a chaidh fhosgladh ann an 2015 aig Pairc Gnothachais na h-Oitire ann Dùn Omhain, goireas a chaidh a thogail le taic bho HIE agus an t-Aonadh Eorpach

A rèir Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul: “’S e an rud as motha a tha cur dragh oirnn nach bi am maoineachadh eadar-amail ann tuilleadh bhon Aonadh Eòrpach, a rinn feum cho mòr dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan thairis air na bliadhnaichean. Cuideachd, bha coinneamh-fòin againn le Rùnaire na Stàite airson Alba, Dàibhidh Mundell BP; agus às bith dè am poileasaidh sgìreil a bhios ann, chan eil barantas sam bith ann gum bi sin a’ frithealadh gu sònraichte air na feuman againne. ’S e sin carson a tha am maoineachadh eadar-amail bhon Aonadh Eòrpach ann: gus sgìrean a chuideachadh le bhith dèiligeadh ri anacothrom. Chan eil fhios againn fhathast dè an t-airgead a thig bho Dhùn Èideann, no Lunnainn no an ruig e air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.”

Bha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, cuideachd den bheachd gun robh feum air barrachd cinnt a thaobh dè bha a’ dol a thachairt às dèidh Brexit.

Hide Ad
Hide Ad

“’S e an cunnart as motha, agus am fear as duilghe a thomhas, gun caill sinn barrachd sluaigh, agus gun caill sinn barrachd dhaoine òga. Feumaidh sealladh soilleir a bhith againn air dè tha romhainn, co ris a bhios cùisean coltach nuair a dh’fhàgas sinn an t-Aonadh Eòrpach, agus chan eil sin againn an-dràsta. Tha sia mìosan air a dhol seachad, ach chan eil cùisean dad nas soilleire.

“Dh’fhaodadh gum bi cùisean nas fheàrr do dh’iasgairean. Cuidichidh not nas laige turasachd. Bha àrdachadh mòr san àireamh luchd-turais an-uiridh, agus tha coltas ann gum bi àrdachadh ann am-bliadhna cuideachd. Air an làimh eile, tha tòrr dhaoine bho Taobh Sear na h-Eòrpa ag obair ann an turasachd air a’ Ghàidhealtachd, agus mar sin tha e na adhbhar iomagain dhuinn gum bi gainnead luchd-obrach againn ann an taighean-òsta is an lùib ghnothachasan turasachd eile. Tha cothrom agus cunnart ann a thaobh turasachd. Feumaidh sinn iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd soilleireachd a thoirt dhuinn a thaobh VAT, a thaobh daoine bhon Aonadh Eòrpach a tha fuireach san dùthaich seo. Ach cha d’ fhuair sinn sin fhathast.”

’S e aon rud gu cinnteach a bheir buaidh air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, a bhith a call airgead Eòrpach airson phròiseactan bun-structair. Mar a thuirt aon tè, cia mheud rathad a chithear air taobh siar na Gàidhealtachd às aonais soidhne le rionnagan an AE ri a thaobh?

A rèir neach-labhairt bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Mar bhuidhinn leasachaidh eaconamach don sgìre, tha HIE a’ sùileachadh gum faighear suas ri £5m gach bliadhna bho Mhaoinean Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa.

“Sin mar 5% den bhuidseat gu lèir againn sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Tha sinn air an t-airgead sin a chosg gus pròiseactan bun-structair a mhaoineachadh, mar thogalaichean no làraich airson gnothachais san sgìre. Tha na leasachaidhean sin fìor chudromach do na h-oidhirpean gus gnothachasan a thàladh chun na sgìre agus gus taic a chumail ri gnothachasan ionadail a tha ag iarraidh leudachadh air an obair aca.

“A’ coimhead air Maoinean Structarail, chaidh cha mhòr €1bn de thaic bhon AE a chosg san sgìre bho 1990.

“Rinn taghadh farsaing de bhuidhnean bho air feadh na sgìre feum den airgead sin – buidhnean poblach, prìobhaideach agus bhon treas roinn – agus tha am maoineachadh sin air cuideachadh le bhith cur ri bun-structar na sgìre, eadar rathaidean, calaidhean, bun-structar conaltraidh, leasachaidhean is bun-structar airson OGE, prògraman leasachadh gnothachais, prògraman sgilean agus goireasan do choimhearsnachdan.”

Ach a dh’aindeoin nan draghan agus a’ mhì-chinnt, tha daoine cuideachd den bheachd gu bheil cothroman gu bhith ann an lùib Bhrexit.

Hide Ad
Hide Ad

Thuirt Dàibhidh Richardson, Manaidsear Leasachaidh airson Caidreachas nan Gnothachasan Beaga (A’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan): “Tha cunnartan follaiseach ann a thig an cois Bhrexit do chuid a roinnean gnìomhachais, mar gainnead luchd-obrach do ghnothachasan turasachd, ach tha ìomhaigh làidir aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan gu h-eadar- nàiseanta agus tha muinntir na sgìre air leth innleachdach. Mar a thuirt Fo-rùnaire na Stàite airson Alba, am Morair Dunlop, ann an còmhraidhean le luchd-gnothachais an t-seachdain sa chaidh ann an Inbhir Nis, ‘Far an tig atharrachadh thig cothrom’.

“Tha Brexit air fàire, agus ma dh’obraicheas riaghaltasan ionadail agus na riaghaltasan nàiseanta mu choinneamh a bhith toirt piseach air cùisean eaconamach, dh’fhaodadh gun dèan a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan glè mhath às.”

Ach gus am bi soillearachadh ann a thaobh nan cunnartan agus nan cothroman, tha muinntir na Gàidhealtachd agus iomadh sgìre eile fhathast gu bhith fo iomagain a thaobh na thachras nuair a thig Brexit.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Aig an taigh ‘at home’

This week’ we introduce some words and phrases to use around the house.

An seòmar-suidhe ‘the living room’

An cidsin ‘the kitchen’

An seòmar-cadail ‘the bedroom’

An taigh-beag ‘the toilet’. Taigh-beag literally means ‘little house’ and comes from the days when the toilet was situated in a small house outside. It’s the hyphen that lets you differentiate between ‘toilet’ taigh-beag and a ‘small house’ taigh beag.

A bheil duine a-staigh? ‘Is anybody home?’

Tha mi anns an amar ‘I’m in the bath’

Tha an taigh na bhùrach ‘The house is a mess’

Càit a bheil a’ bhriogais agam? ‘Where are my trousers?’

Gabh fois air an t-sofa ‘Relax on the sofa’

Tha e seasgair ‘It’s cosy’

Shuas an staidhre ‘upstairs’

Shìos an staidhre ‘downstairs’

Note that shuas and shìos describe the position upstairs and downstairs. For movement, suas ‘up(wards)’ and sìos ‘down(wards)’ are used.

To finish off, here’s a little proverb: Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, taigh gun ghean gun ghàire ‘A house without a dog, a cat or a little baby is a house without humour and laughter’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning