Guthan - agus ceòl - a' tighinn beò tro theigneòlas an latha an-diugh

Tha e annasach an cumhachd a th' ann an guthan agus ann an ceòl. Agus tha e air leth inntinneach a bhith a' cur beagan eòlais air na daoine air cùl nan clàran.
Calum Peutan a Staoinibrig a' cluich aig banais ann an IleCalum Peutan a Staoinibrig a' cluich aig banais ann an Ile
Calum Peutan a Staoinibrig a' cluich aig banais ann an Ile

B’ e sàr phìobaire a bh’ ann an Calum Peutan à Staoinibrig ann an Uibhist a Deas. Rugadh e ann an 1931 agus chuir e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha anns an sgìre aige fhèin, a’ togail thaighean, ach bha e air a bhogadh ann an ceòl na pìoba agus a’ gabhail a h-uile cothrom a bhith a’ cluich. Chluicheadh e aig an taigh, aig bainnsean, tòraidhean, dannsaichean, cèilidhean anns an sgìre, agus aig na Geamannan a bha a’ gabhail àite gach samhradh. Tro bhith a’ bruidhinn ri a mhac, Coinneach (a b’ àbhaist a bhith ag obair aig Tobar an Dualchais mar mhanaidsear teignigeach) tha sinn a’ faighinn dealbh de dhuine aighearach a bha a’ faighinn toileachais mhòir bho a chèol agus bho a choimhearsnachd. “Bhiodh e a’ co-fharpais aig na Geamannan gach bliadhna,” tha Coinneach ag ràdh, “agus thigeadh e dhachaigh le poca làn chupannan airson a phìobaireachd agus airson lùth-chleasachd. Sguir e a bhith a’ co-fharpais anns na 1980an, oir mar a bha e fhèin ag ràdh, b’ fheàrr leis stad “aig a’ mhullach” coltach ri Muhammad Ali!”

Ged a sguir e a bhith a’ co-fharpais, chùm Calum air a’ cluich gu deireadh a bheatha, tric a’ cuideachadh phìobairean òga agus san dòigh sin a’ toirt seachad na sgilean mìorbhaileach a bh’ aige fhèin. Agus ged a b’ e ceòl mòr, ceòl clasaigeach na pìoba, a’ phrìomh rùn aige, bha e deònach cuideachd a bhith a’ cluich airson nan dannsairean aig na Geamannan, oir bha e fhèin air a bhith math air dannsadh na òige. Chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1970. Dh’ eug e ann an 2009 ach ’s urrainn dhuinne a chluinntinn fhathast, agus a’ cheòl air an robh e cho dèidheil agus cho sgileil. Èist ris a’ cluich ‘An Cath Gailbheach’ aig www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/65247/1

Hide Ad
Hide Ad

Nuair a dh’èisteas tu ri Ceit Nic a’ Mhaoilein, à Beinn a’ Bhaghla, a chaidh a h-ainmeachadh sa cholbh seo roimhe, tha a guth àlainn a’ tighinn tarsainn cho soilleir, ‘s gun toireadh e a chreidsinn ort gun robh thu san èisteachd far an deach a clàradh.

Nam biodh Ceit beò an-diugh, ’s dòcha gum biodh i air CD a thoirt a-mach agus a bhith aithnichte mar sheinneadair fad is farsaing ach rugadh i ann an 1892 agus na latha fhèin bha i dìreach a’ seinn na dachaigh agus aig corra chonsairt anns an sgìre. An dèidh a bhith ag obair greis air mhuinntireas air tìr-mòr, thill i dachaigh a choimhead às dèidh a màthar. Bha i an uairsin a’ cumail loidsearan, mar as trice daoine a bha ag obair anns an sgìre, nam measg an neach-cruinneachaidh Calum MacIlleathain, a bhiodh a’ fuireach aice is e a’ clàradh san sgìre. Chaidh a clàradh grunn thursan eadar 1949 agus 1970 an dà chuid airson cruinneachadh Chanaigh agus airson Sgoil Eòlais na h-Alba agus gheibhear faisg air leth-cheud clàr bhuaipe air an làrach-lìn. Tha Ceiteag NicDhòmhnaill, nighean a peathar, air innse dhuinn cho moiteil ‘s a bhiodh i nam biodh fhios aice gun robh na h-òrain aice a-nise rin cluinntinn air feadh an t-saoghail. “Cha robh dad a’ còrdadh rithe cho mòr ri bhith a’ seinn aig consairt,” thuirt i. “’S i bhiodh toilichte nan robh fhios aice mu dheidhinn seo!” Cluinnear i a’ seinn ‘Gaol ise, Gaol I’ air www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/85287/1

Uaireannan tha buaidh shònraichte aig na clàran a tha a’ nochdadh air an làraich.

Cha robh Donnchadh Currie à Ile ach dà bliadhna a dh’aois nuair a chaidh athair, Alistair, a mharbhadh ann an tubaist. Mar sin, cha robh cuimhne sam bith aige air guth athar a chluinntinn agus chuir e annas mòr air nuair a fhuair e fios bho Thobar an Dualchais, a’ sireadh cead òrain athar, clàraichte ann an 1953, a chleachdadh air an làrach-lìn. “Cha robh fhios agam dè chanainn”, tha e ag ràdh, “agus b’ e rud mìorbhaileach a bh’ ann nuair a chuala mi e a’ seinn – a’ chiad turas riamh a chuala mi a ghuth. ” A bharrachd air an tlachd a thug na clàran dhan teaghlach, bha buaidh nas fharsainge aca cuideachd, oir às dèidh dhaibh nochdadh air an làraich, thòisich daoine a bhith a’ bruidhinn mu Alistair agus chuala Donnchaidh fiù ‘s bho chuideigin a bha ag obair còmhla ri athair air latha an tubaist agus a bha còmhla ris aig àm a bhàis. Buaidh shònraichte dha-rìribh! Èìstibh ri Alistair a’ seinn ‘Sìne Bhàn’ aig www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/990/1

Chan eil Calum, Ceit agus Alistair beò an-diugh, ach tro na clàran aca, tha iad fhathast a’ labhairt.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 4 SULTAIN 1937

An Gaol Nach Tréig

Tha na Presbyterianaich agus Eaglaisean eile glé bhuailteach air a bhi ’faighinn coire d’a chéile a thaobh phuingean beaga nach eil furasda do neach ’sam bith a chur ceart. Cò a chruthaich an cruinne? Agus ciamar? Tha a’ cheud té de na ceistean so furasda gu leòir a fhreagairt, ach tha an dara té, a réir coltais, thar eòlas agus tuigse dhaoine. Bha uair is bha sinn a’ cur ar n-aonta ri Calvin gu buileach a thaobh chùisean de’n t-seòrsa so. O chionn ùine nach eil cho fada thionndaidh sinn, car mar char, le Darwin a bha ’g àicheadh a’ chunntais a thug Maois air toiseach gach nì agus a bha cumail am mach gu’n d’ fhàs aon seòrsa chreutairean á seòrs air chor-éiginn eile. Air an latha diugh chan eil sinn a’ creidsinn gu litreil aon chuid ’an Calvin no ’n Darwin a thaobh a’ ghnothaich so; ach tha sinn toileach ceistean nach urrainn sinn an ceartair fhuasgladh fhàgail mar a fhuair sinn iad gus am faigh sinn barrachd solus. Chan eil an so ach aon de na cùisean mu’m bu chleachdadh leis na Gàidheil a bhi ri móran deasbuid. Tha iad a nis a’ fàs na’s glice agus a’ toirt fainear gu’m bheil na h-uiread an obair cruthachaidh is freasdail nach gabh tuigsinn. Is còir do mhuinntir a bhi riaraichte leis a’ bheagan an àite bhi ’strìth ris an iomlan.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

A bheil sibh sgìth?

Are you tired? Let’s look at the Gaelic relating to various states of sleeping and waking, writes Coinneach MacFhraing.

For starters there are tha e na chadal ‘he is asleep’, or tha i na trom-chadal ‘she’s fast asleep’. What about tha iad nan suain ‘they are in a deep slumber’? This can also be used if someone is daydreaming! If it’s getting late and you are half-asleep, you might say tha mi eadar mo chadal ’s mo dhùsgadh ‘I’m between waking and sleeping’.

Hide Ad
Hide Ad

One nice way of saying ‘awake’ is with the phrase air mo chois ‘on my feet’. You could use it in a setting like bha mi air mo chois anmoch a-raoir ‘I was up late last night’. Another idiom is tha mi nam dhùsgadh or tha mi nam dhùisg ‘I am awake’. If you woke in the middle of the night, you could say dhùisg mi anabaich ‘I woke up prematurely’.

If there is only time for a quick nap, we use the phrase gabh norrag ‘take a nap’: ghabh mi norrag feasgar ‘I took a nap this afternoon’.

Until next week, dèan cadal sàmhach! ‘sleep well’!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities on site and by distance-learning

Related topics: