Cuid de bheachdan an t-sluaigh air an taghadh ionadail ri teachd

Tha na taghaidhean ionadail gu bhith ann aig toiseach an ath-mhìos agus dh'iarr an t-Albannach air ceathrar luchd-bhòtaidh na beachdan aca a thoirt dhuinn air na taghaidhean agus air na tha cudromach dhaibh nuair a bhios iad a' bhòtadh.
V&A, Dun DeaghV&A, Dun Deagh
V&A, Dun Deagh

Laura NicIllInnein, Leòdhas

Chan eil fhios a’m an e an aois aig a bheil mi no a bheil an seòrsa de dh’ath-nuadhachadh ann am poileataigs nàiseanta agus eadar-nàiseanta ri linn an reifreinn air m’ ùidh a thogail tòrr a bharrachd anns an fheadhainn a tha a’ riochdachadh ar coimhearsnachdan agus ar dùthcha, ach, nam bheachd-sa, tha na taghaidhean ionadail a cheart cho cudromach ri taghaidhean nàiseanta. Tha faireachdainn ann a-nis gu bheil e cudromach bhòtadh agus gur dòcha gun dèan a’ bhòt agadsa beagan diofair.

Le na taghaidhean ionadail air fàire, dhòmhsa tha e cudromach gur e daoine air a bheil muinntir na sgìre eòlach a tha seasamh, agus air an aithnichear gur e a’ choimhearsnachd a th’ aig cridhe na cùise dhaibh, le fìor mhiann aca leasachadh a thoirt air an àite do na daoine. Tha mise fortanach san sgìre agamsa gu bheil eòlas air choreigin agam air a’ mhòr-chuid dhen fheadhainn a tha seasamh, agus bidh e duilich dhomh taghadh cò am fear (cha do sheas boireannach san sgìre idir) a tha mise smaoineachadh as fheàrr a nì an obair, ach tha earbsa agam gur e an t-àite ’s na daoine as cudromaiche dhaibh – agus dè th’ ann an coimhearsnachd, no dùthaich, às aonais dhaoine?

Catrìona Lexy Chaimbeul, Glaschu

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil mi a’ faireachdainn gu bheil taghaidhean ionadail buileach cho cudromach ri taghaidhean nàiseanta, ach a bheil sin air sàillibh mar a tha cùisean air an sealltainn dhan phoball? Chan eil an t-aon seòrsa margaidheachd no iomairtean a’ dol ’s a gheibh thu le taghadh nàiseanta. Ach aig an aon àm tha an cumhachd san dùthaich agus, mar a tha e air a riarachadh a-mach, cudromach aig a h-uile ìre. Cha bhi mise a’ dol le aon phàrtaidh agus tha mi an-còmhnaidh deònach a bhith gabhail ri tagraichean neo-eisimeileach no ri tagraichean bho phàrtaidh. Nì mi taghadh a rèir cò bhios nas fheàrr airson an obair agus dè nì iad airson na coimhearsnachd.

Tha an àrainneachd cudromach dhòmhsa, agus na tha mun cuairt oirnn. Tha trioblaid mhòr le air pollution ann an Glaschu, agus tha na h-àiteachan fosgailte le craobhan is pàircean uabhasach cudromach do shlàinte dhaoine. Tha na h-ealainean cudromach dhòmhsa cuideachd, an taic a bhios daoine a’ toirt do bhuidhnean beaga a tha ag obair sna h-ealainean, gu h-àraidh aig ìre ionadail agus iad a’ feuchainn ri diofar a dhèanamh dhan choimhearsnachd. Tha mi a’ coimhead airson phàrtaidhean a tha toirt taic do dhaoine aig nach eil mòran.

Art MacCarmaig, An t-Eilean Sgitheanach

Tha comhairlichean a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu iomadh nì cudromach don t-sluagh: an ìre de chìs comhairle a bhios againn ri pàigheadh, foghlam, obair shòisealta is slàinte, còmhdhail, cuid de rathaidean, cead dealbhachaidh, leasachadh eaconamach, cultar, turasachd is eile. Le nas lugha de dh’airgead aca, tha cuid ann nach bi ach a’ toirt taic do nithean reachdail agus tha cunnart mòr an lùib dhòighean smaoineachaidh den t-seòrsa sin, saoilidh mise.

Dh’fhaodadh comhairlean buaidh nach beag a thoirt air a’ Ghàidhlig cuideachd. Tha dleastanasan orra a thaobh foghlaim ach, le tuigse agus mac-meanmna agus, nan cuireadh iad uile na planaichean Gàidhlig aca an gnìomh, dh’fhaodamaid adhartas fhaicinn ann an raointean eile de leasachadh na cànain cuideachd. Gu mì-fhortanach cha bhi mòran dhaoine a’ beachdachadh air taic don chànan nuair a bhios iad a’ cur crois sa bhogsa agus ’s ann ainneamh a bhios tagraichean ga h-ainmeachadh.

’S dòcha gu bheil cuid de chomhairlean, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail, ro mhòr agus ro fhada air falbh bhon t-sluagh. ’S dòcha gum biodh cùisean na bu shoirbheachaile le buidhnean na bu lugha, le cumhachdan agus tuilleadh riochdachaidh aig ìre ionadail.

Alasdair Stephen, Glaschu

’S urrainn do chomhairle cruth-atharrachadh a thoirt air baile no sgìre. Tha e na chomas dhaibh piseach mhòr a thoirt air beatha dhaoine. Ach chan eil cus dhaoine a’ bhòtadh ann an taghaidhean ionadail, agus ’s iad an luchd-poileataigs agus na pàrtaidhean poileataigeach fhèin as motha a tha rin coireachadh airson sin.

Gus atharrachadh mòr a thoirt air baile, feumaidh lèirsinn a bhith aig pàrtaidhean poileataigeach agus feumaidh poileasaidhean a bhith aca gus an lèirsinn sin a thoirt gu buil. Tha Comhairle Baile Dhùn Dè, a tha air a ruith leis an SNP, air a shealltainn gun gabh sin dèanamh tro shàr obair ailtireachd – tha an obair sin air cur gu mòr ri cliù a’ bhaile, tha e air airgead a tharraing a-steach agus tha e air obraichean a chruthachadh. Ach, ma choimheadas tu air àite mar Obar Dheathain, chan eil mòran ailtireachd ann a tha ri moladh; chan eil lèirsinn aca.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach

O CHIONN 80 BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 17 GIBLEAN 1937

An t-Each an Albainn

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil mi dol a sgrìobhadh air mar thàinig an t-each do’n dùthaich so no mu’n chliù a bhuineadh dha a nuas troimh nan linntean. Is e a th’ agam an ceartair ’san amharc am bheil e ri dol ás an t-sealladh gu buileach no am mair e fhathasd ré uine fhada.

Is e tha coltach aig an dearbh mhionaid so gur ann na’s lugha bhios e dol an àireamh gus nach bi a bheag de ghnè ri’m faicinn idir. Tha e cheana air fhuadach am mach á carbaid nam flaithean agus nam maithean agus chan eil aige ach greim neo-chinnteach air vanachan nam marsantan agus air croinn is cairtean thuathanach. Mar a tha na bliadhnachan a’ dol seachad tha na carbadan-ùillidh air an dèanadh na’s freagarraiche air son gach caochladh gnothaich ris am bi iad air an cur, agus an ùine ghoirid nì iad gach obair a théid a chur rompa cho math ri eich, agus móran na’s sgiobalta na na brùidean sin. Tha sinn uile toigheach air an each agus cha bu mhath leinn e dhol gu léir às an t-sealladh. Ach is a th’ againn an so linn na cabhaige, agus mar is luaithe ghabhas gnìomhachas cur air aghaidh is ann is feàrr. Tha an ceithir-chasach tuillidh is mall, agus, air an aobhar so, tha e an daor chunnart a bhi air a thilgeadh ás an rathad.

Guma math is guma taitneach dha cho fad ’sa mhaireas e. Cha tig ’na àite na’s eireachdala air faiche no air sràid agus bu mhór am beud gun fhaicinn tuillidh.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

A bheil leughadairean ann a tha geur air rudan milis? Do any readers have a sweet tooth? If you do, you’ll perhaps be known to pop into the shops to buy some suiteis or even some siùcaran. It’s easy enough to understand those words and their commonality across many Gaelic dialects.

A term more common for example in the Applecross, Torridon and Gairloch areas of Ross-shire is carbhaidh. Older Gaelic speakers use it when they talk about eating sweets.

Carbhaidh appears in Dwelly’s dictionary as the Gaelic version of English ‘caraway’. Caraway seeds offer a natural hint of sweetness, something which obviously struck a chord with those looking for that flavour in locations where it might not always have been easy to buy it or find it naturally.

The plural is carbhaidhean, literally ‘caraways’; but, in the old days of big jars of sweets which would be measured out by weight, you might ask for cairteal carbhaidh a ‘quarter pound of sweets’. In Applecross, the word milis ‘sweet’ is pronounced may-lish rather than meelish.

There is another use of the word carbhaidh: it can also describe your sweetheart. A tasty term in more ways than one.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning