Beachdan nan Eòrpach air a' cheist mhòir mun Aonadh

Tha milleanan de dhaoine bho dhùthchannan eile san Aonadh Eòrpach a' fuireach ann am Breatainn, ach cha bhi bhòt aig a' mhòr-chuid aca san Reifreann air an AE. Dè am beachd air a' cheist mun Aonadh?
Picture: Getty ImagesPicture: Getty Images
Picture: Getty Images

Tha Janni Diez às a’ Ghearmailt, agus tha i air a bhith fuireach is ag obair ann am Breatainn airson 10 bliadhna

“’S e fìor dheagh rud a th’ anns an AE. Tha tòrr laghan a’ tighinn bhon Aonadh Eòrpach a tha taiceil: a tha math airson na h-àrainneachd agus a bheir piseach air ar beatha. Tha an t-Aonadh a’ coimhead air an dealbh mhòr, tha iad a’ feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas fheàrr airson a h-uile duine. Tha an t-Aonadh Eòrpach a’ brosnachadh sìth.

Hide Ad
Hide Ad

“Cuideachd, a thaobh siubhail tha buannachdan ann. Nuair a thàinig mi an seo cha robh agam ri dad a dhèanamh. Cha robh agam ach ri dhol gu talla a’ bhaile agam fhìn, thuirt mi gun robh mi a’ dol a ghluasad agus fhuair mi pìos pàipeir agus sin e! Cha robh agam ris an cead-dràibhidh agam atharrachadh agus fhuair mi cead-obrach sa bhad. Bidh rudan ann mu na riaghailtean a chuireas dragh air daoine, ach san fharsaingeachd tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ dèanamh barrachd feum na cron. Ma tha aonadh ann, bu chòir beagan sùbailteachd a bhith ann airson diofar dhùthchannan, oir tha sinn uile diofraichte, ach san fharsaingeachd bu chòir dhuinn uile cumail ris na h-aon riaghailtean.”

Tha Inge Birnie às an Òlaind, agus tha i air a bhith fuireach ann am Breatainn airson 18 bliadhna “Ged a tha mi air a bhith fuireach an seo, ag obair agus a’ pàigheadh chìsean mar shaoranach Albannach, chan fhaigh mi fhèin no milleanan de dhaoine à dùthchannan Eòrpach cothrom bhòtadh san Reifreann seo. Bheir toradh na bhòt buaidh mhòr air ar beatha, ge-tà. Aig ìre phearsanta, tha mi air a bhith fuireach an seo airson dàrna leth mo bheatha; phòs mi an seo; agus fhuair mi obair. ’S ann ann an Alba a tha mo dhachaigh, ach chan eil nàiseantachd Bhreatannach agam, mar sin dè thachras dhan teaghlach agam ma bhios Breatainn airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail? Am bi agam ri fàgail? Dè mu dheidhinn a’ bhalaich againn, am bi esan airson Alba fhàgail agus fuireach ann an dùthaich far nach eil e eòlach air a’ chànan no cultar? Am bi riaghailtean teann ann a thaobh teachd a-steach dìreach mar a tha an seo airson dhaoine bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich?

“Gu cinnteach, chan eil na siostaman Eòrpach foirfe, ach tha cothroman agus buannachdan nas motha a’ tighinn bho bhallrachd san Aonadh Eòrpach - cothroman gus siubhal is fuireach ann an dùthchannan eadar-dhealaichte, ionnsachadh mu chultaran agus cànanan eile, gun a bhith air do chuingealachadh le visa. Tha cothroman ann do dhaoine bho thall thairis tighinn a Bhreatainn, ach cuideachd tha cothroman ann do dhaoine an seo a dhol gu dùthchannan eile agus ’s e sin an neart dha-rìribh a th’ anns an Aonadh Eòrpach.”

Tha Marcel Gurillo às an Spàinn, agus tha e air a bhith na oileanach ann am Breatainn airson dà bhliadhna

“Nam bheachd-sa ’s e mearachd mhòr a bhiodh ann nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an AE, leis a’ bhuaidh eaconamach is shòisealta a bhiodh aige sin air Breatainn agus air an Roinn Eòrpa air fad. Seo an t-àm far am bu chòir dhuinn uile a bhith cruinn còmhla mar Eòrpaich, tha sinn air ionnsachadh thairis air na linntean nach eil lethoireachd gu feum.

“’S e Spàinnteach a th’ annam, agus fhuair mi ann an Alba na h-aon chothroman mar oileanach, is mar neach, a bhiodh agam san dùthaich far an do rugadh mi, dìreach mar a bhiodh aig Albannach san Spàinn, no aig oilthigh poblach sam bith san Roinn Eòrpa. Chailleadh Breatainn tòrr le bhith dealachadh ris an AE, agus tha mi an dòchas gun tuig na Breatannaich sin mus bi e ro fhadalach.”

Tha Carmine Tommaso Colajezzi às an Eadailt, agus tha e air a bhith fuireach ann am Breatainn airson ceithir bliadhna

“Thàinig mi a dh’Alba ann an 2012. Tha mi air a bhith ag obair mar chòcaire-piotsa, agus an uair sin mar neach-glanaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil mi ag ionnsachadh na Gàidhlig is ga cleachdadh gach latha. Tha a’ Ghàidhealtachd na dachaigh dhomh. Agus, ged nach eil mi ach air obraichean beaga a dhèanamh, chaidh a h-uile doras air an do ghnog mi fhosgladh dhomh, an dà chuid a thaobh chosnaidhean agus foghlaim.

Hide Ad
Hide Ad

“Mura biodh an Rìoghachd Aonaichte na pàirt dhen Aonadh Eòrpach, ’s mathaid gum biodh e na bu dorra gluasad air adhart air an t-slighe a ghabh mi. Cha chreid mi gun atharraicheadh mo ghaol air an dùthaich, 
ge-tà. Air an làimh eile, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iomadh duine a’ gabhail brath air an t-suidheachadh mar a tha. ’S dòcha gum biodh e math ‘smachd a ghabhail’, mar a chanas iad. Ach, an uair sin, ciamar a bhite a’ dèanamh feum den smachd? Ciamar a bhiodh cothrom aig daoine, le ùidh ann an dùthaich eile, feum a dhèanamh dhi?”

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 30 Céitean 1936

Ann am baile beag dlùth do’n chladach bha dà thaigh a bh’ air an ùr thogail agus a bha comharraichte am measg chàich leis gu’n robh iad geal, bòidheach, snasail. Bhuineadh iad do dhà bhràthair aig an robh teaghlaichean a bha àluinn.

An uair a rachadh iad a threabhadh bhiodh na bràithrean so daonnan còmhla, agus bhiodh iad còmhla an uair a rachadh iad a dh’iasgach. Aon latha bha iad am mach am bàta beag agus chaidh car dhith goirid do sgeir air an robh fairge throm a’ briseadh. Fhuair fear dhiubh greim air bòrd a bha air ùrlar a’ bhàta agus ris a so chroch e gus an d’thàinig cobhair an rathad. Bha am fear eile air a roladh am measg nan tonn agus bha e ro choltach gu’m biodh e air a bhàthadh. Ach bha làmh an fhortain ’ga stiùradh agus chaidh a thilgeadh gu ràmh a chum an uachdar e gus an d’fhuair a chàirdean a thoirt air bòrd. O’n latha sin bha an dà bhàthair car coimheach ri chéile, oir chunnaic iad, an uair a thigeadh àm na h-éiginn, nach robh ann dhaibh ach a h-uile fear air a shon féin. Chaidh latha is bliadhna seachad agus cha robh móran comuinn eatorra.

An sin ghabh gillean an dà theaghlaich a’ chùis ’nan làmhan féin agus phòs mac an dara fir nighean an fhir eile. Bha dà bhanais ann, oir ghabh na h-ighinne chuige té de nigheanan bhràthair-athar, agus bha càirdeas is sonas a rithisd ’sa chlachan.

Bha dà bhanais ann, oir ghabh bràthair, agus bha càirdeas is sonas a rithisd ’sa chlachan. AONGHAS MACEANRAIG

Gaelic guide for learners

There cannot be many 18th century literary figures in Scotland more interesting than Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (Alexander MacDonald). He was, sometimes simultaneously, a poet, teacher, lexicologist, Protestant missionary, Catholic convert and a captain in the Jacobite army. His vocabulary was published in Edinburgh in 1741, the first secular work to be published in Gaelic, although at the instigation of the Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge. His poetry collection, Ais-eiridh na Sean Chánoin Albannaich or Revival of the Old Scottish Language, was published in the capital in 1751, five years after the failed Stuart rebellion. It was reported that the public hangman ordered copies of the book to be burned due to the seditious nature of the poetry.

From ‘A Song Composed in the Year 1746’ -

Tha leth-cheud pears’ is còrr

(More than fifty folk)

As fhaisge fuil is tagraichean

(Have closer blood and claims)

Na thusa san Roinn Eòrp’;

(Thank you (King George II) in Europe;)

Bu leth-oireach, lag, cam

(Remote, weak and bent)

Am meur boireann on a bhuineadh thu

(The female branch you belong to)

B’ fhìor-iomallach sa chrann.

(Far distant on the tree.)

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week

Saint Kilda - Hiort

Hide Ad
Hide Ad

The English name of this remote island sounds as if it is named after a holy person; it is however a misnomer. The Gaelic, and original, form is Hiort (Hert in 1370). The difference between the two forms came about from a well on the island called Tobar Chiolda. Tobar means ‘well’ in Gaelic, and the other element derives from the Norse kelda, also meaning a ‘well’. This name was mistakenly taken to be a saint’s name, and then this was taken to be the name of the whole island. It was likely coined by seamen.

In Gaelic, Saint Kilda has a similar role to ‘Timbuktoo’ in English, meaning a remote place. A saying to denote the extent of the traditional Gaelic speaking area in Scotland is bho Pheairt gu Hiort, ‘from Perth to Saint Kilda’.

• For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org