Ban-Ameireaganach a' cosnadh dà dhuais airson bàrdachd Gàidhlig

Tha ban-Ameireaganach a tha an-diugh a' fuireach ann am Fiobha air dà dhuais a chosnadh taobh a-staigh seachdain ann am farpaisean bàrdachd eadar-dhealaichte aig dà cheann na dùhcha, anns an Eilean Sgitheanach agus am Baile na h-Ùige. Rugadh Deborah Moffatt ann am Vermont anns na Stàitean Aonaichte agus thàinig i a dh'Alba ann an 1982. Chaidh a h-oideachadh ann an Oilthigh Washington ann an Seattle agus an Oilthigh Bhoston.
Anns an dealbh chithear Deborah Moffat a faighinn a duais bhon Ridire Iain MacDhomhnaill, Cathraiche, Urras Fearainn Chlann Domhnaill. Cuideachd san dealbh (cli gu deas) tha aon dhe na britheamhan, Mark Wringe, Ard-Oraidiche aig Sabhal Mor Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, SMO agus Jan Wallwork Clarke, Ceannard Chlann Domhnaill an Eilein Sgitheanaich. Picture: Rob Ware/ Clan Donald SkyeAnns an dealbh chithear Deborah Moffat a faighinn a duais bhon Ridire Iain MacDhomhnaill, Cathraiche, Urras Fearainn Chlann Domhnaill. Cuideachd san dealbh (cli gu deas) tha aon dhe na britheamhan, Mark Wringe, Ard-Oraidiche aig Sabhal Mor Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, SMO agus Jan Wallwork Clarke, Ceannard Chlann Domhnaill an Eilein Sgitheanaich. Picture: Rob Ware/ Clan Donald Skye
Anns an dealbh chithear Deborah Moffat a faighinn a duais bhon Ridire Iain MacDhomhnaill, Cathraiche, Urras Fearainn Chlann Domhnaill. Cuideachd san dealbh (cli gu deas) tha aon dhe na britheamhan, Mark Wringe, Ard-Oraidiche aig Sabhal Mor Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, SMO agus Jan Wallwork Clarke, Ceannard Chlann Domhnaill an Eilein Sgitheanaich. Picture: Rob Ware/ Clan Donald Skye

Bhuannaich Deborah a’ chiad duais ann am farpais bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite na bliadhna seo leis an dàn An Seudar ’s an Giuthas agus choisinn i a’ phrìomh dhuais aig Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige le Clann na Coille. Seo an dàrna bliadhna às dèidh a chèile a thug i buaidh ann am farpais Bhaile na h-Ùige. Thog i an duais an-uiridh leis a’ bhàrdachd, Lilidh sa Mhachair.

Thòisich Deborah ag ionnsachadh Gàidhlig ann an 2004 agus theann i a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig ann an 2013. Tha a cuid bàrdachd sa Ghàidhlig air fhoillseachadh ann an irisean mar Northwords Now, Causeway/Cabhsair, Southlight, agus Poblachd nam Bàrd. Chaidh a bàrdachd ann am Beurla fhoillseachadh ann an iomadh iris litreachais leithid Agenda, Cyphers, Stand agus The Warwick Review. Choisinn i Duais Baker ann an 2013 leis an dàn The Moving Island agus ghlèidh i an dàrna duais san earrann Ghàidhlig dhen aon fharpais a’ bhòn-uiridh. Nochd an cruinneachadh bàrdachd aice, Far From Home, (Lapwing, Beul Feirste) ann an 2004, agus tha i ag obair a-nis air dà chruinneachadh ùr, fear ann am Beurla agus fear eile anns a’ Ghàidhlig.

Hide Ad
Hide Ad

Chaidh farpais MhicDhòmhnaill Shlèite a stèidheachadh an-uiridh leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air an nighinn aige, Deborah, a chaochail aig aois 40 bliadhna. Tha an fharpais air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig agus thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste: “Bha sinn glè dheònach gabhail ris a’ chuireadh bhon Ridire Iain an fharpais a chur air dòigh bhon a tha e a’ brosnachadh sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus a’ cur ri stòras litreachais a’ chànain.

“Bha e na mhisneachadh gun deach uimhir a dhàin a chur a-steach airson na farpais agus na thoileachas gur e trìuir a bha nan oileanaich aig a’ Cholaiste a ghlèidh na duaisean thuige seo. Tha Deborah air a bhith a’ frithealadh chùrsaichean goirid aig an t-Sabhal fhèin agus ann an sgìre Fhlòdaigearraidh ann an ceann an ear-thuath an eilein.”

Thug aon de na britheamhan air an fharpais, Mark Wringe, a tha na Àrd Òradiche aig a’ Cholaiste, seachad a bheachd air dàn Deborah : “Chaidh gach dàn air ar beulaibh ‘gun urra’, is air an dòigh seo bha na sgrìobhaichean uile ‘ùr’ dhuinn. Ach bha tarraing air leth ùr ann an An Seudar ’s an Giuthas a ghlac ar mac-meanmna. Tha an dà chuid aonachd is ioma-sgaradh san dàn seo. Tha an dualchas Iùdhach a tha mar bhonn dhan dàn aig a’ cheart àm ùr-nodha ann an Gàidhlig, ach air aithne dhuinn tron dualchas choitcheann chultarra a tha eadarainn. Tha sinn a’ cur fàilte is furan air a’ ghuth ùr seo, agus tha sinn ag iarraidh tuilleadh dheth a leughadh is a chluinntinn.”

Chaidh duais MhicDhòmhnaill Shlèite a thoirt seachad le Sir Iain MacDhòmhnaill aig Ionad Chlann Dhòmhnaill Disathairne 24 Sultain agus duais Bhaile na h-Uige aig Fèis Leabhraichean a’ bhaile air 1 Dàmhair. Chithear an dàn a choisinn duais MhicDhòmhnaill Shlèite an cois seo.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 3 Dàmhair 1936: An Rìgh ’sa Ghàidhealtachd

Tha an Rìgh ro dhéidheil air a’ Ghàidhealtachd ged nach urrainn dha móran d’a ùine chaitheamh innte. Bheireadh e an gaol so o na daoine o’n d’thàinig e oir, o linn Phrionns Albert, bu chaomh leò uile cuid de’n bhliadhna chur seachad ’na meadhoin. Tha esan mar a bha càch ann a bhi roghnachadh àm an fhoghair air son a bhi tighinn, oir is toigh leis ruaig an fhéidh air feadh nam monaidhean is nan stucan. Chan eil e, m’a dh’fhaoidte, cho gleusda air fear na cròice thoirt gu talamh ’s a bha athair ’s a sheanair, oir, an uair bu chòir dha bhi ag ionnsachadh na h-ealain so, bha e a’ cathachadh ri nàimhdean a dhùthcha agus cha b’ ann ceacharra no sgàthach a bha e ri uchd cunnairt. A réir gach iomraidh, bha e daonnan suilbhearra, geanail am measg nam fearaibh a bha dha mar chompanaich, agus fhuair e cliù a leanas ris mar dhuin-uasal eireachdail nach toireadh cùl air nàmhaid no air caraid ’nam b’ urrainn dha a sheachnadh. Tha e air ìnnseadh gu’m bheil e ’na bheachd seòladh an ath-bhliadhna a suas air Còrsa na h-Aird an Iar agus am measg nan Eileanan, oir is e so earrann de’n dùthaich nach fac e riamh fhathasd.

Bha sheanair glé eòlach innte, ach bha athair, Rìgh Deòrsa, cho aineolach oirre ris fhéin.

Gheibh e fàilte le spéis agus urram an uair a ruigeas e, oir ged nach aithne do’n t-sluagh e ri fhaicinn is aithne dhaibh gur e caraid nan uile.

Gaelic guide for learners

Hide Ad
Hide Ad

The Tobar an Dualchais web-site (www.tobarandualchais.co.uk) includes thousands of Gaelic and Scots recordings from the archives of the School of Scottish Studies, the BBC and the National Trust’s Canna Collection. With recordings dating from the 1930s to the year 2005, the richness and variety of the contributors’ vocabulary make it an extremely valuable resource for Gaelic learners. In the next few weeks, we’re going to look at some topics and tracks which are featured on the site, starting with proverbs and sayings, which have an important place in Gaelic tradition.

Nan MacKinnon (Barra), Rev Norman MacDonald (Skye), Effie MacLeod (Berneray) and Dugald MacArthur (Mull) are among the many who can be heard listing proverbs and sayings, sometimes with explanations. Here are some examples:

Chan ann air a choltas as còir duine a ghabhail (It’s not on his appearance that a person should be assessed) http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/46915/1

Cha tig an aois leatha fhèin ((Old) age doesn’t come alone) http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/70672/1

Is iomadh teine mòr a chaidh às, agus teine beag a bheothaich (Many a great fire has gone out and (many a) small fire has kindled. http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/18344/1

Dar (nuair) a thig an latha, thig comhairle (When the day arrives, advice will come) http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/101625/1

This tense can also be used to speak about something that happened habitually in the past.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.