Aonta Pharis: na chloich-mhìle eachdraidheil dhan àrainneachd?

Faisg air deireadh na bliadhn' an-uiridh (air 4 Samhain) chaidh Aonta Pharis a chur an gnìomh, le còrr math is 100 de na 197 dùthchannan a tha an sàs ann air daingneachadh gu bheil iad a' gabhail ris an aonta. A-mach às gach nì a thachair ann an 2016, dh'fhaodadh gur e sin an naidheachd bu mhotha a bh' ann. Oir ged a bheir Brexit is Trump agus gach nì eile buaidh air ar beatha san ath 5 no 10 bliadhna, tha e na chomas dhan aonta sin stad a chur air blàthachadh na cruinne mus bi e ro fhadalach.
Teachdaireachd dhochasach ga sealltainn air Arc de Triomphe ann am Paris nuair a chaidh gabhail ris an aonta an-toiseach.Teachdaireachd dhochasach ga sealltainn air Arc de Triomphe ann am Paris nuair a chaidh gabhail ris an aonta an-toiseach.
Teachdaireachd dhochasach ga sealltainn air Arc de Triomphe ann am Paris nuair a chaidh gabhail ris an aonta an-toiseach.

Tha e na amas dhan aonta an t-àrdachadh ann an teothachd chuibheasach na cruinne a tha air a bhith ann bhon linn ro-ghnìomhachasach a chumail pìos math fo 2 °C agus nithear oidhirp mhòr gus a chumail fo 1.5 °C. Thoradh, ma thèid an t-àrdachadh a chumail fo 1.5 °C, cha bhi na cunnartan agus am milleadh a thig bhon àrdachadh cho dona. Tha e cuideachd na amas dhan aonta dùthchannan a neartachadh feuch gun urrainn dhaibh dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean a bhios san t-sìde agus a’ bhuaidh a bhios aig na h- atharrachaidhean sin.

Tha mar a chuireas gach dùthaich ri targaidean an aonta air a chur an cèill le ‘toraidhean aontaichte nàiseanta’ a stèidhicheas gach dùthaich fa leth, feuch gun gabh tomhas a dhèanamh air na dòighean sa bheil na diofar dhùthchannan a’ cuideachadh le bhith coileanadh amasan an aonta. Ach mura coilean dùthaich na targaidean a tha iad air stèidheachadh dhaibh fhèin gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh, cha tèid am peanasachadh fon lagh airson sin. Chan eil buaidh laghail aig Aonta Pharis san t-seagh sin. Coltach ri iomadh còrdadh eadar-nàiseanta a bh’ ann roimhe, tha an t-aonta an crochadh air cho comasach agus cho deònach ’s a tha na dùthchannan an t-aonta a thoirt gu buil.

Hide Ad
Hide Ad

Ach tha e mar uallach air na dùthchannan a ghabh ris an aonta aithris a dhèanamh air na ‘toraidhean aontaichte nàiseanta’ aca gus sealltainn dè an t-adhartas a tha iad a’ dèanamh. Mar sin, ged nach eil uallach laghail air dùthchannan gus na toraidhean aca a choileanadh, tha uallach moralta orra; agus seach gum feum iad cumail ris na cumhachan a thaobh a bhith a’ dèanamh aithris air adhartas, bidh e follaiseach nuair nach coilean dùthchannan na targaidean aca.

Am bi sin gu leòr? Tha tòrr dhaoine den bheachd gum bi, ach tha grunn math eile ann an amharas nach bi. Carson a dh’fheumas Dòmhnall Trump Na Stàitean Aonaichte a thoirt às an aonta, nuair nach fheum iad cumail ris na targaidean aca fon lagh? Dè an diofar a nì càineadh eadar-nàiseanta airsan? Air an làimh eile, ma chì na dùthchannan mòra an cron a tha blàthachadh na cruinne a’ dèanamh air an eaconamaidh eadar-nàiseanta, ’s dòcha gun dèan sin diofar.

Dh’fhaodadh gur e sin cnag na cùise: gu bheil e a’ fàs soilleir do riaghaltasan agus, gu cudromach, do chompanaidhean eadar-nàiseanta gu bheil blàthachadh na cruinne a’ toirt buaidh air an eaconamaidh agus cùisean ionmhasail agus gum faodadh gun tèid an droch bhuaidh sin am meud gu mòr. Tha cumhachd is teicneòlas ath-nuadhachail a’ fàs nas saoire, agus mura h-eil leithid a phrothaid sna connaidhean fosail, tòisichidh companaidhean a’ cur barrachd ionmhais an seilbh cumhachd ath-nuadhachail is eile. ’S dòcha gur ann air sàillibh ionmhais is gnìomhachais a thionndaidheas a’ chuibhle aig a’ cheann thall.

Dìreach air a’ mhìos sa chaidh dh’fhoillsich an iomairt DivestInvest naidheachd gu bheil daoine, buidhnean is companaidhean le smachd air ionmhas is stòrasan ionmhasail luach còrr is $5 trillean a-nis air gealltainn a bhith dèanamh dì-thasgadh (divestment) air airgead a bha air a thasgadh ann an earrainnean is stòrasan eile co-cheangailte ri connaidhean fosail. Tha iad an uair sin a’ tasgadh an cuid airgid is stòrasan ann an cumhachd ath-nuadhachail. Tha eaglaisean is oilthighean is daoine ainmeil air cur ris an iomairt, ach tha barrachd is barrachd chompanaidhean coimeirsealta cuideachd a-nis air tòiseachadh a’ dèanamh dì-thasgadh, air adhbharan ionmhasail, chan ann air adhbharan àrainneachd. Thòisich an iomairt seo le oileanaich ann an colaistean ann an Ameireagaidh, agus a-nis a rèir muinntir na h-iomairt, tha 688 institiudan, 58,399 daoine fa leth agus 76 dùthchannan air cur romhpa fhèin dì-thasgadh a dhèanamh a thaobh chonnaidhean fosail.

’S dòcha gum bi Aonta Pharis na chloich-mhìle eachdraidheil a thaobh na strì gus àrainneachd na cruinne a ghleidheadh gu tèarainte, a’ chiad cheum gu ruige saoghal a tha làn-chunntachail airson na nì e air a’ chruinne agus air na tha tighinn beò ann. Air neo dh’fhaodadh gur ann air adhbharan ionmhais is eaconamach a thèid dìon a dhèanamh air an àrainneachd gu ceart san àm ri teachd, agus gum bi an t-aonta na phiobrachadh don ghluasad sin agus gum bi iomairtean prionnsapalach mar DivestInvest mar phàirt den ghluasad sin.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 9 FAOILLEACH 1936

An Rìgh an Albainn

Tha e air innseadh gu ’m bheil an rìgh dol a chumail air aghaidh a’ chaisteil a th’ aige dlùth do Abar-eadhainn, agus bheir sin toileachadh do mhóran an Albainn. Is fada o’n thàinig an oighreachd air am bheil an togail so a’ seasamh gu làmhan an teaghlaich rìoghail, agus is ainneamh foghar a chaidh seachad eadar sin is so gun rìgh no bàn-righ a bhi ’n còmhnuidh oirre fad bheagan sheachduinean.

Hide Ad
Hide Ad

Tha dòchas gu’m bi an cleachdadh so air a ghiùlan air aghaidh le iomadh ginealach, oir, am feadh ’s a théid so a dhèanadh, chan eagal nach bi miadh air cairtealan foghair anns a’ Ghàidhealtachd. Is fada o’n choisich a’ Bhàn-righ Victoria air son na h-uaire m’a dheireadh air feadh nan garbhlach eadar Baile-na-leitreach agus monaidhean Mhàirr, agus dh’fhàg i dìleab aig na thàinig na déidh air an robh iad daonnan measail. Is e a h-iar-ogha a tha ’n seilbh an ceartair, agus is aithne dha gach gleann is bealach anns an àite lurach. Bidh e na’s eòlaiche orra fhathasd m’a bhios a làithean air an sìneadh, agus bidh a’ Bhàn-righ cho deònach ris féin air cuid de a h-ùine a chaitheamh anns a’ Ghàidhealtachd.

Buaidh is beannachd leis an rìgh ùr agus le a theaghlach snasail. Tha na Gàidheil cho spéiseil uime agus cho dìleas dha ri dream ’sam bith a tha fo a riaghladh.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Obair

Holiday time is now past for most of us, and it’s time to get back to work. The following piece will provide Gaelic learners with a few words and phrases about obair ‘work’.

Bidh mi ag obair ann am banca ‘I work in a bank’

ann am bùth ‘in a shop’

ann an sgoil ‘in a school’

ann an ionad-fònaidh ‘in a call center’

aig a’ chomhairle ‘at the council’

Bidh mi ag obair bhon taigh ‘I work from home’

’S e tidsear a th’ annam ‘I’m a teacher’

’S e dotair a th’ innte ‘She is a doctor’

’S e post a th’ ann ‘He is a postman’

An e dràibhear a th’ annad? ‘Are you a driver?’

You can look up your job in an online dictionary, for example faclair.com, and insert it in the correct place in the sentence. No matter what you do for a living, ’S fheàrr sìor obair na sàr obair ‘Better steady work than hard work’. If you have a difficult project to do, ’S e obair latha tòiseachadh, ’s e obair beatha crìochnachadh ‘It’s a day’s work to begin and a life’s work to finish’.

Deireadh-seachdain math dhuibh! Have a good weekend!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Related topics: