O Choinneach Mòr gu Eilean Nog – an turas annasach aig Alasdair Caimbeul

0
Have your say

NOBHAIL teaghlaich. Sin a th’ ann an Cuid a’ Chorra-Ghrithich (Clàr, £8.99) le Alasdair Caimbeul.Chaidh nobhailean math teaghlaich a sgrìobhadh roimhe, leithid Clann Iseabail le Màiri NicGumaraid, An Oidhche mus do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus Samhraidhean Dìomhair le Catrìona Lexy Chaimbeul, nighean bràthair Alasdair. Ciamar a tha an té ùr diofraichte?

Uill, chan eil poileataigs ann. Tha Alasdair a’ Bhocsair a’ creidsinn ann an daoine ’s ann an Leódhas ’s ann an Gàidhlig agus sin, a réir choltais, è. Agus, coltach ri Catrìona Lexy, tha e a’ cluich le structar, ach ann an dòigh nas sìmplidhe. Oir tha an t-iomradh a’ tighinn a-nuas mar parachute air gach ball den teaghlach dhà na thrì uairean feadh an leabhair, agus anns an dòigh sin a’ breith orra a h-uile deich bliadhna no mar sin air feadh a’ chiad leth de bheatha na mórchuid aca – se sin, cho fada ri bàs ceann an teaghlaich, Coinneach Mòr.

Bha Coinneach Mòr a’ seòladh. Phòs e Mairead. Se Coinneach Beag am mac as sine. Dh’fhàs esan “iomraiteach mar innleadair-thogalach air feadh an t-saoghail” agus an rud mu dheireadh a chluinneas sinn dheth, tha galar fala aige ’s tha e dol a bhàsachadh san Fhraing.

Si Doileag an nighean as sine. Nurs. Tha i a’ pòsadh “seòrsa de bhàrd” agus tha iad a’ fuireach ann am Bearsden.

An uair sin tha Seòras ann. Tha e ’na dhrongaire ach gheibh e taigh bho “chailleach Shuaineaboist” a tha càirdeach dhaibh. Tha a phiuthar bheag Mòr ag ràdh gur e “Seòras as coltaich ri murtair anns an teaghlach, ma bhios tu chaoidh an Cill Rìmhinn theirig ’s thoir sùil air marbh-mhasg Hare anns an taigh-tasgaidh, tha e fhèin ’s Seòras man an dà sgadan, shamhlaich mi Burke ri Ailig Dan Bellag a bha a’ suirighe orm uaireigin”.

An déidh Sheòrais tha, neo bhà, Aonghas Coinneach, a chaochail òg. Tha sin a’ toirt dhuinn caibideal nan deur faisg air an toiseach.

Agus Annabel. Cha robh dhìth air Annabal riamh ach a bhith beairteach. Chaidh i dh’Ameireaga, phòs i milleanair aois 85 “nach robh ruighinn àrd na gualainn dhith”. Nuair nach do chuir i ás dha le buille cridhe sa chiad bhliadhna dh’fheuch i salmonella agus land i sa phrìosan. Tha Annabel a’ toirt dhuinn cuid de na lachain ghàire as motha san leabhar.

Agus mu dheireadh na twins. Mòr, tidsear ann an Inbhir Pheofharain a tha pòsadh iasgair a tha dol ’na mhinistear. Agus Calum, “saor/clachair, bhana bheag uaine aige, a’ leantainn a’ choncrete anns a’ Chuimrigh, uaireigin anns na 90s”. Sann bho Chalum a thig deagh eisimpleir den dibhearsain a th’ anns an leabhar smaointeachail seo. “Ulapul!” tha Calum Beag, mac a’ mhinisteir, ag ràdh. “Seòrs’ ainm!”

“Man prais lit a’ plubadaich,” arsa Calum. “Man braim anns a’ bhath.”

Agus cuid a’ chorra-ghrithich? Duais na foidhidinn, agus ma tha teagasg idir san stòiridh, seo e. As déidh tiodhlacadh Choinnich Mhòir tha Coinneach Beag ga chuimhneachadh. “Latha bruthainneach blàth anns an Iuchar, b’ fheudar dhomh mo sheacaid ’s mo gheansaidh a thoirt dhìom; fad feasgar thug sinn a’ breacach oirre, ’s cha do rug sinn air fiach. ‘Eil thu cinnteach g’ eil bric anns an loch seo?’ thuirt mi ris. ‘Ga ar bith cò bha ’g ràdh gu robh bric anns an loch seo, bha iad ag ràdh nam breug . . . Tugainn,’ thuirt mi, m’ inntinn air ruith a-mach, a’ toirt na boiteig bhon dubhan ’s a’ pasgadh na slait. ‘Fuirich,’ thuirt e, a’ cumail air leis an flaidh. ‘Thig cuid a’ chorra-ghrithich gu chasan.’ An ciaradh an fheasgair, gun deò gaoith’ ann ’s sinn gus ar ithe beò le na meanbh-chuileagan, rug e air a’ bhreac bu mhotha a chunnaic mi riamh le mo dhà shùil.”

Nise, chan eil mi cinnteach car son a shuidheadh duine sìos a leughadh dealbh-cluiche, nas lugha na gur bodach e le sagàr ’na bheul a’ coimhead son rudeigin a chuireadh e air an stéids. Air an làimh eile, tha na nobhailean aig Alasdair Caimbeul ’s a bhràthair Tormod cho beairteach ann an cainnt ’s gu bheil cho math dhaibh a bhith ’nan dealbhan-cluiche. ’S chan eil gin dhiubh nach do chòrd rium.

Dh’fhoillsich Alasdair a-nis Sia Dealbhan-Cluiche (Clàr, £9.99), ’s tha mi air mo bhualadh leis a’ bheàrn a tha (masa fìor) eadar an fheadhainn a dh’obraicheas air an duilleig agus an fheadhainn a dh’obraicheadh air an stéids.

Tha ‘’S E Seo Do Bheatha’ agus ‘Na Craoladairean’ ’nan candaidh-siùcair a thogadh iomadh gàire. Tha iad air an seatadh an saoghal an telebhisean. Tha a’ chiad fhear ’na aon hó-ró-gheallaidh mhór. Tha eileamaidean de dh’aoir san fhear eile, leithid a’ chomhairliche ionadail a ghabhas pàirt ann an Gàidhlig: An t-Slighe air Adhart. Their e: “Tha e mar fhiachaibh oirnn, aig toiseach tòiseachaidh, mar Chomhairle, iomairtean a chur air chois, a rèir nan iarrtasan ’s nan caochlaidhean bheachdan a tha romhainn, a bhrosnaicheas ’s a mheudaicheas an oidhirp shoirbheachail a rinn na comadaidhs ’s na fo-comadaidhs dhiofraichte bho thùs anns na roinnean, buidheann corporra a stèidheachadh chum rannsachadh farsaing poblach agus sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na molaidhean . . .”

(Dhìochuimhnich e “leasachadh”, mar ann an gairm Bòrd na Gàidhlig, “Leasachadh a bhrosnachadh agus brosnachadh a leasachadh.”)

Aig ‘An Sgrìobhaiche’ tha plot math agus chòrd e glan rium. Tha cuspair ann an cumantas aig ‘An Staffroom’ agus ‘Toiseach an Earraich’: dol seachad time. Tha an aon dithist a’ coinneachadh san aon staffroom fad 40 bliadhna; fiùs as déidh na tha siud a thìde chan eil fios aigesan gu bheil e ann an gaol rithese. San fhear eile tha dà chàraid aig dà bhòrd, aon dithist aost’ agus aon dithist òg; bheir sinn an aire dha na diofaran móra dòigh-beatha a th’ eatarra. Ach ’na mo bheachd-sa cha do rinn an t-ùghdar obair gu leór air an dithist òig.

Saoilidh mi gun obraicheadh iad sin uil’ air an stéids ach chan eil mi cho cinnteach mun phìos as fheàrr ’s as fhaide san leabhar, ‘Am Fear a Chaidh dhan Eilean’. Chan eil faclan agam gu innse cho math ’s a chòrd e rium ga leughadh. Tha e loma-làn chleasan. Tha na caractaran uile, cha mhór, a’ tighinn ’nan dithistean, gu ìre ’s gu bheil co-choisiche aig a’ ghaisgeach (alter ego a bhruidhneas ris), ’s gu bheil dà thaigh-aoigheachd air Eilean Nog nach eil air an ainmeachadh uair sam bith ach còmhla, an Commercial ’s an seann Seaview salach far an “fheumadh tu do chasan a shuathadh anns an tighinn-a-mach”. Tha cha mhór a h-uile duine ’s rud ’na chaigeann ach Mr Ram Singh an ceannaiche, a bhruidhneas deagh Laideann.

Tha Eilean Nog a-mach ás a’ chomfort zone aig Alasdair a’ Bhocsair agus chòrd siud rium. Mar dhealbh-cluich tha ‘Am Fear a Chaidh dhan Eilean’ shuas am measg an fheadhainn as fheàrr aig Iain Mac a’ Ghobhainn ’s aig Iain Moireach. Ach bàtaichean? Tagsaidhean? An obraicheadh e air an stéids gun bodach a’ sagàr air a chùl? Neo a bheil mac-meanmna a dhìth orm?