An càs anns a bheil a’ Ghàidhlig an da-rìribh

0
Have your say

’S GUN ach fichead bliadhna air fhàgail air son a’ Ghàidhlig a shàbhaladh, tha grunnan de na h-aistean ann an A’ Cleachdadh na Gàidhlig: Slatan-Tomhais ann an Dìon Cànain sa Choimhearsnachd, deasaichte le Richard A V Cox agus Timothy Currie Armstrong (Clò Ostaig, £10), a’ moladh rudan a ghabhas dèanamh gus beachdan agus comasan aig daoine air a’ Ghàidhlig atharrachadh agus piseach a thoirt air cùisean air son an àm ri teachd.

Tha 23 pàipear air an cruinneachadh san leabhar á co-labhairt a chaidh a chumail ann an Sabhal Mòr Ostaig ann an 2009, agus mar a tha na deasaichean fhèin a’ sgrìobhadh san ro-ràdh, tha an rannsachadh ’s na beachdan a cheart cho buntainneach ri cor a’ chànain an-diugh ’s a bha iad nuair a chaidh na h-òraidean a lìbhrigeadh.

Tha corra aiste a’ sgrùdadh àitean-obrach a tha cudromach bho thaobh inbhe na Gàidhlig. Gheibhear deagh gheàrr-chunntas air suidheachadh a’ chànain ann am MG Alba aig Alison Lang, a rinn rannsachadh air luchd-tadhail ’s a chum agallamhan ri 24 den luchd-obrach. Se neart a th’ ann, tha i ag ràdh, “gu bheil an luchd-obrach a’ faicinn [MG Alba] mar àite far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn agus far am bu chòir a bhith ga bruidhinn.”

Chan urrainn dhomh iomradh a thoirt air a h-uile pàipear anns an leabhar, ach gheibhear measgachadh de chuspairean, eadar sgrùdaidhean air Achd na Gàidhlig ’s air buidhnean poblach, agus cunntasan mu iomairtean cànain ’s coimhearsnachd, ann an Èirinn agus sa Chuimrigh a bharrachd air Alba fhèin.

Tha aonan de na pàipearan airidh air iomradh sònraichte ge-tà, leis gu bheil e a’ rùsgadh an t-sìoda far a’ chabair, agus chan ann ás an leth-uair. Ann an ‘Dìlseachd, Lughad agus Saor-Thoileachas: Moladh airson Iomairt Ghàidhlig a dh’Fhaodadh Obrachadh’, tha Niall MacRath a’ cur fa’r comhair an càs sa bheil a’ Ghàidhlig ann an da-rìribh. A dh’aindeoin nan “teachdaireachdan subhach” aig buidhnean oifigeil, gheibhear cùl-taic bho rannsachaidhean MhicLeòid, MhicFhionghuin, Stiùbhairt agus feadhainn eile don bharail “nach eil a’ phiseach as lugha ri faicinn a thaobh àireamh luchd-labhairt a’ chànain”.

Tha eisimeileachd air airgead bhon Riaghaltas air tè de na prìomh adhbharan aige airson cion soirbheachaidh ann am meudachadh luchd-labhairt na Gàidhlig. Le iomairtean neo-eisimeileach no saor-thoileach, dh’fhaodadh sin atharrachadh, oir “’s fheàirrde mion-chànan còmhlan beag a tha ann an da-rìribh [mu bhruidhinn Gàidhlig] na mìle a tha leam-leat mun chànan”.

Nam biodh a’ mhìle sin ann an da-rìribh mun chànan, b’ fheàirrde sin dha buileach!