Alasdair Allan: Gàidhlig air an Rathad

0
Have your say

NAM shuidhe aig Port Adhar Steòrnabhaigh le mo bhaga fo m’ achlais agus mo bhlackberry nam làimh, tha mi a’ sgrìobhadh am pìos obrach seo fhàd ’s a tha mi a’ feitheamh plèan gu Beinn na Fadhla, le m’ inntinn agus mo shùil a’ tionndadh chun a’ chloc.

A bheil an làn a-muigh ann am Barraigh fhathast?

Ged a tha na h-Eileanan an Iar ainmeil airson cultar agus dualchas, gu tric tha dòighean còmhdhail gun choimeas cuideachd. As deidh Beinn na Faoghla, bidh an darna phlèan agam a’ dol air tir air an traigh mhòr ann am Barraigh, an aon phort adhar air feadh na Roinn Eòrpa far a bheil an clar-àma an crochadh air staid na mara.

Chan ann anns na h-Eileanan a rugadh mi fhèin idir, ged a tha mi a’ fuireach an Eilean Leòdhais a-nis. Tha mi cuideachd nam Bhall Pàrlamaid Albannach na sgìre, agus nam Mhinistear an Riaghaltais le dleastanas airson Gàidhlig.

Dh’ionnsaich mi mo chuid Gàidhlig anns an Oilthigh agus ged a tha Gàidhlig gu leòr na mo chlaigeann an-diugh tha mi fhathast ag ionnsachadh gach latha. Dhomh fhèin, ’s e cànan air leth inntinneach agus feumail a tha anns a’ Ghàidhlig.

Àm gu àm, bidh mi a’ cluinntinn beachdan bho dhaoine nach eil cho taiceil don Ghàidhlig. Beachdan a tha aig àmannan faoin agus cunnartach. Ach a dh’aindeoin seo, gu fortanach, tha stàitistics a sealltainn gu bheil iad anns a’ bheag-chuid. An ùiridh sheall rannsachadh ùr air beachdan a’ mhòr-shluaigh dhuinn gu bheil 81% den bheachd gu bheil e cudromach nach caill Alba a cultar agus dualchas Gàidhlig agus 70% den bheachd gum bu chòir barrachd chothroman a bhith ann airson Gàidhlig ionnsachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba mothachail gu bheil Gàidhlig uabhasach fhèin cudromach a thaobh dualchais, aithneachadh-nàiseanta agus cultar anns an latha an-diugh. Tha an Riaghaltas airson suidheachadh a chruthachadh anns am bi Gàidhlig seasmhach agus tèarainte san àm ri teachd.

O chionn ghoirid tha Bòrd na Gàidhlig air Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr fhoillseachadh . Tha amasan a’ Phlana soilleir dhuinn uile fhaicinn; ’s e sin àrdachadh a thoirt air an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh, a’ labhairt agus a’ chleachdadh na Gàidhlig ann an Alba.

Buinidh a’ Ghàidhlig do dh’Alba air fad. Ged a tha dleastanas air Bòrd na Gàidhlig Plana Cànain ullachadh, ’s e Plana nàiseanta a th’ann agus cuiridh am Bòrd air dòigh com-pàirteachas èifeachdach le Riaghaltas na h-Alba agus Buidhnean Poblach. ’S e cànan oifigeil a tha anns a’ Ghàidhlig ann an Alba: tha a beatha an urra ri taic bho shluagh agus ùghdarrasan na h-Alba.

Ach càite eile a bheil soilleireachadh inbhe agus cuideam na Gàidhlig cho soilleir ris na h-Eileanan an Iar?

Nam Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson na h-Eileanan an Iar tha mi làn eòlais air cho cudromach ’s a tha coimhearsnachdan Gàidhlig. Gun teagamh tha Gàidhlig aig cridhe eachdraidh, cultar agus dòighean beatha nan Eileanaich. Chan eil goireas ri fhaotainn a tha cho pròiseil agus luachmhòr ri coimhearsnachdan làn dhaoine a tha a’ cleachdadh Gàidhlig gach latha.

Bha mi fhèin fortanach Plana Gàidhlig aig coimhearsnachd Shiaboist, air taobh an iar Leòdhais fhoillseachadh air 26 Cèitean. ’S e ceum glè chudromach a tha seo ann an leasachadh na Gàidhlig. Feumaidh a’ Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh mòran nas fharsainge na tha i an dràsda. Seo a’ chiad phlana de sheòrsa air fhoillseachadh agus tha mi glè thoilichte fhaicinn gu bheil a’ choimhearsnachd a’ gabhail ceum cho deimhinneach ri seo a dh’ionnsaigh an cudromachd fhèin a dhearbhadh ann an cur ri seasmhachd na Gàidhlig ann an Alba san àm ri teachd.

Airson na Gàidhlig a bhith bunaiteach san àm ri teachd tha e deatamach gum bi taic ann bho mhuinntir nan Eileanan an Iar. Mar sin tha e fìor mhath gu bheil na h- àireamhan de sgoilearan ann an Foghlam Gàidhlig ag àrdachadh anns na h-Eileanan, le taic agus iarrtas bho sgoilearan, tidsearan agus pàrantan air fad.

Ach airson an dràsda ge-tà , tha mi a’ cluinntinn gu bheil am plèan gu bhith fadallach air sgath ’s a’ cheò. Saoil ciamar a gheibh mi bho phort adhar Beinn na Fadhla gu aiseag Èirisgeigh? Tha mi a’ cuimhneachadh a-nis air faclan ar bàrd ainmeil, Somhairle MacGill-Eain:

“Is labhar an Uibhist a’ Ghàidhlig” 1

’S dòcha gum faigh mi ‘lift’ ma dh’fhaighneachdas mi anns a’ Ghàidhlig.

Read a translation of Alasdair Allan’s column

• Dr Alasdair Allan is MSP for the Western Isles

• Bho Cumha Chaluim Iain MhicGill-Eain le Somhairle MacGill-Eain