Is treasa trèana na tighearna – fàilte air ais dhan Spa Express

’S e stèisean àlainn Bhictorianach a th’ ann an Stèisean Shrath Pheofhair, le àrd-ùrlar, canopy glainne agus café. Tha e dìreach mar a bha e air ais anns na 1930an ach a-mhàin nach eil trac no trèanaichean ann tuilleadh. Ach cha mhòr 70 bliadhna às dèidh dha dùnadh, tha a h-uile coltas ann nach bi fada gus an tèid rathad-iarainn Shrath Pheofhair fhosgladh as ùr.
Stèisean Shrath Pheofhair an-diugh, s e ann an deagh thrum, le gach nì na àite fhathast ach na rèileachan. Clì, Stèisean Shrath Carrann: an tig an latha bhios e comasach a-rithist trèana a ghabhail on Chaol gu Srath Pheofhair?Stèisean Shrath Pheofhair an-diugh, s e ann an deagh thrum, le gach nì na àite fhathast ach na rèileachan. Clì, Stèisean Shrath Carrann: an tig an latha bhios e comasach a-rithist trèana a ghabhail on Chaol gu Srath Pheofhair?
Stèisean Shrath Pheofhair an-diugh, s e ann an deagh thrum, le gach nì na àite fhathast ach na rèileachan. Clì, Stèisean Shrath Carrann: an tig an latha bhios e comasach a-rithist trèana a ghabhail on Chaol gu Srath Pheofhair?

Chaidh meur-loidhne Shrath Pheofair a dhùnadh do luchd siubhail ann an 1946 agus do bhathar ann an 1951. Cha robh cùisean furasta dhi bho thùs. Bha còir aig Srath Pheofhair a bhith air an loidhne eadar Inbhir Nis is Port an t-Sròim / Caol Loch Aillse ach chuir uachdaran na sgìre, Uilleam MacCoinnich, an aghaidh oidhirpean na companaidh rèile gus an rathad-iarainn a chur tron bhaile. Mar sin, ged is e baile mòr is beartach a bh’ ann, chaidh rathad-iarainn nan eilean a thogail dà mhìle a tuath air Srath Pheofhair.

Chan fhada gus an do dh’atharraich an suidheachadh seo, ge-tà. Nuair a chaochail MacCoinnich, bha beachd gu math eadar-dhealaichte aig an uachdaran ùr, agus chaidh meur-loidhne a thogail le Rathad-Iarainn na Gàidhealtachd bho loidhne a’ Chaoil aig ceann-rèile Fhodhraitidh (Fodderty) gu Srath Pheofhair fhèin. Dh’fhosgail seo ann an 1885.

Hide Ad

Bha Srath Pheofhair air leth cudromach mar bhaile turasachd, mar thoradh air spà ainmeil an àite. Bha na mìltean de luchd-turais a’ tighinn ann gach bliadhna gus na h-uisgeachan a ghabhail às na fuarain pronnaisg. Dh’fhàs Strath Pheofhair le barrachd taighean is taighean-òsta mar thoradh air an rathad-iarainn, agus aig aon àm bha trèana sònraichte, an Strathpeffer Spa Express, a’ coinneachadh ri trèanaichean bho Lunnainn anns an Aghaidh Mhòr agus a’ dol gu Inbhir Pheofharain is Srath Pheofhair gun a bhith a’ stad aig stèisean sam bith eile.

Ach ged a bha an loidhne soirbheachail an toiseach, thòisich crìonadh air turasachd dhan bhaile às dèidh a’ Chogaidh Mhòir agus “gabhail nan uisgeachan” a’ dol à fasan. Mean air mhean, chaidh na seirbheisean a lughdachadh gus an deach an loidhne air fad a dhùnadh aig deireadh an Dàrna Cogaidh.

Is dòcha gum bi greis mus fhaic sinn an Strathspey Spa Express a-rithist, ach tha a h-uile coltas ann gun till trèanaichean dhan bhaile ann an cruth air choireigin. Tha an Strathpeffer Spa Railway Association, le taic bhon chomhairle coimhearsnachd ionadail agus bhon uachdaran, ag amas air mìle den t-seann rathad-iarainn ath-fhosgladh a-mach bhon stèisean dhan ear. Thathar an dùil gun toir seo togail mòr do thurasachd san sgìre. Tha am pròiseact air cead-dealbhachaidh fhaighinn, agus cho luath ’s a thèid an obair lagha a chrìochnachadh gus seilbh air làrach na loidhne a thoirt don chomann, tòisichidh obair clìoraigidh agus togail feansaichean air an t-slighe. Bu chòir obair a thòiseachadh an ath-bhliadhna.

Tha a’ bhuidheann ag amas an toiseach air rathad iarainn a bhios mu mhìle a dh’fhaid, a’ cleachdadh shunter dìosail, ach ma bhios seo soirbheachail, bu toil leotha an loidhne air fad ath-fhosgladh le stèisean ùr aig Fodhraitidh a fhritheileadh an dà chuid loidhne ghlèidhte Shrath Pheofhair agus loidhne a’ Chaoil air an lìonra nàiseanta. San ùine fhada, bu toil leis a’ chomann trèanaichean smùide a ruith eadar Inbhir Pheofharain air loidhne a’ Chaoil agus rathad-iarainn Srath Pheofhair, turas còig mìle a leigeadh le luchd-turais tadhal air a’ bhaile gun a bhith a' dràibheadh ann.

Nì an rathad-iarainn ùr feum dhan sgìre gun teagamh, ach ’s e an t-ìoranas as motha mun t-suidheachadh gum biodh stèisean fhathast ann an Srath Pheofhair air an lìonra nàiseanta nan robh an t-uachdaran air aontachadh an loidhne a leigeil tron oighreachd aige air ais anns na 1860an.

Tha sinn uile eòlach air an abairt “is treasa tuath na tighearna”, ach a rèir coltais, bhiodh e cuideachd fìor a bhith ’g ràdh “is treasa trèana na tighearna”!