A’ seinn mu chogadh ’s ag aisling mu shìth

THA mi air leth toilichte òrain shaoghalta Eachainn MhicFhion­ghain á Beàrnaraigh na Hearadh (1886–1954) fhaicinn an clò – Òrain Eachainn MhicFhionghain (Acair, £6).
Rebecca Joy Sharp. Picture: ContributedRebecca Joy Sharp. Picture: Contributed
Rebecca Joy Sharp. Picture: Contributed

Mar thuirt mi ann an An Tuil, dh’fhoillsicheadh 98 de na laoidhean aige mar-thà; seo a-nist 28 òrain, gar toirt gu 126 pìosan uile gu léir. Suim iongantach.

Dh’iompaicheadh am bàrd anns a’ chiad chogadh. Theab e a bheatha a chall nuair a chuir an nàmhaid fodha an long air an robh e a’ frithealadh sna Dard­anelles. Ged nach do sguir e a dhèanamh òrain shaoghalta bho àm gu àm bha e son an cumail sàmhach a réir choltais: mu ‘Litir gu Ruairidh a Mhac’, a rinn e san Dara Cogadh, tha e ag ràdh: “Feuch nach seinn sibh e am Beàrnaraigh / Gus an tèid am bàrd fon fhòd.” ’S ma tha aon ìomhaigh mhór os cionn chàich, se sannt a’ chuain. Ann an òran do bhàta Lochlannach a chaidh air sgeir ann an Caolas na Hearadh tha e a’ bruidhinn air “ìnean a’ chuain mhòir”.

Hide Ad

Bhiodh Eachann an sàs anns na cuspairean àbhaisteach – bòidhchead an eilein, gaol, rud­an a thachair. Chì sinn e a’ seatadh nan òran aige ri fuinn iomchaidh, ged nach eil seo daonnan air a dhèanamh soilleir. Tha mi ag aithneachadh ‘Fàilte na Mòrair’ aig mac Mhaighstir Alas­tair air cùl ‘Òran do Bheàrnar­aigh’ agus ‘Cead Deireannach nam Beann’ aig Donnchadh Bàn air cùl ‘Òran don Bhòdach’. Tha an ‘Cead Deireannach’ mu fhrìth a chaidh a dholaidh, tha ‘Òran don Bhòdach’ mu bhàta a chaidh a dholaidh; san leabhar ùr tha a’ chiad rann air a chlò-bhualadh mar shia sreathan, se th’ ann ach ochd. Nas inntinniche, chuir e ‘Òran an Radain’ air fonn ‘Mol­adh Beinn Dóbhrain’ mar gun robh an radan a bha e ag aoir­eadh cho uasal ris na féidh. ’S gu dearbh, se am brosgal aon de na h-àmhailtean a tha e feuchainn gus a’ bhrùid a bhuaireadh ás
an toll aige. “Tha thu fiosrach, fìrinneach, / Eòlach leam, / Tha gliocas do chinn / Iongantach ri inns’, / ’S creutair tha gu cinnt­each / Mion-eòlach thu.”

Ach le cho faisg ’s a tha sinn a-nis air ceud bliadhna bho
thòisich Cogadh a’ Chèasair, se gun teagamh na h-òrain a bhuineas ris as motha a ghlacas aire. Tha ‘Òran mun Chiad Chogadh’ a’ cur air shùilean dhuinn co ris
a bha e coltach a bhith ’nad Ghaidheal ann an 1914. “Tha gach rìoghachd gu h-aontach a’ cruinneachadh dhaoine, / Tha ’n cog­adh air sgaoileadh ’s a ghlaodh ris gach àit, / San àm chan eil às-colt’ ri deireadh an t-saoghail, / Tha ’n aimsir air caochladh ’s chan iongnadh mar thà . . . / Tha Kitchener deònach gun cruinn­ich e mòran / ’S e saoilsinn gur còir dhuinn gu bhòt sinn gun dàil, / Ach càit’ bheil na laoich
ud a sgiùrsadh mar chaoraich /
À dùthaich an gaoil sam bu chaomh leoth’ bhith tàmh?”

Tha na notaichean san leabhar gu math feumail. Tha an nota ri ‘Òran nan Eileanan Borghach’
a’ mìneachadh nuair roinneadh Borgh ’na chroitean ann an 1901 nach deach cóig eileanan a bha còir a bhith leis a thoirt don t-sluagh idir – bha aca ri feitheamh gu fada fada as déidh a’ chogaidh. Mar sin, “Cò a sheasadh dhuinn an t-àite / Nuair bha Gearmailtich nan àirde, / Cha b’ iad eileanan fàsail / ’S caoraich bhàn’ nan sìneadh annt’ . . . / Ma tha pàrlamaid an Sasainn / Cumail lagh is binn is ceartas, / Faiceamaid gun toir ’ad seachad / Mar a bha ri innse dhuinn.”

Ann an ‘Òran a’ Chèasair’ tha Eachann ag innse mu ghas
puinnseanach, mu bhàt’-aigeil a’ losgadh torpedo, mu luingeis-adhair “A’ seòladh gu treun os ar cionn . . . / A’ marbhadh dìll­eachdain phàistean”. Fiùs nuair a bha ’m marbhadh an ainm a bhith seachad cha robh, oir bha an Iolaire ann. Tha ‘Òran na h-Iolaire’ aig MacFhionghain ’na chloich Hearaich air càrn na chailleadh air Biastan Thuilm. Tha an rann a leanas air leth drùidhteach; cheartaich mi an sreath mu dheireadh, nach eil air a sgrìobhadh buileach ceart san leabhar.

Tha ’n Iolaire na sìneadh ann

’S na croinn aice an-àird

Air creagan corrach millteanach

Chuir crìoch oirre cho tràth;

Le fiùrain a bu chiataiche

’S a choisich riamh air sràid,

B’ i bhanaltram neo-thruasail i

’S a’ chluasag nach eil blàth.

THA Little Forks / Forcan Beaga le Rebecca Joy Sharp á Glascho (Souterrain Private Press, £10) ’na leabhar beag dà-chànanach. Is toigh leam mar a tha e air a dhèanamh: sa chiad leth gheibh sinn an leabhar Beurla air fad, san dara leth an leabhar Gàidhlig air fad. Tha sin a’ fàgail gu bheil a’ Ghàidhlig ’na seasamh air a cas­an fhéin. Nach eil?

Chan eil buileach. Bu chòir pròiseactan mar seo a bhith ’nan cothrom air luchd-Gàidhlig ’s luchd-Beurla a thoirt còmhla a bhruidhinn mu dheidhinn dé tha nàdarra ann an Gàidhlig agus dé nach eil. Mar eisimpleir, tha e neònach nuair tha an sgrìobh­adair ag innse dhuinn ann an Gàidhlig gu bheil e air a bheò-ghlacadh leatha ged nach eil i aige; agus is beag air duine sam bith a thug a bheatha a’ teagasg no ag ionnsachadh na Gàidhlig leughadh gu bheil a’ chànan an dà chuid “nàdarra agus do-dhèanta”. (Sin na rinn an t-eadar-theangair de at once instinctive and beyond my grasp.) Dé tha ceàrr air daoine? Agus on bha i bruidhinn gu pearsanta a-mhàin, car son a tha Gaidheal a’ dèanamh chùisean nas miosa fhéin le bhith ’g ràdh ann an aon fhacal gu bheil ionnsachadh na Gàidhlig “do-dhèanta”?

Hide Ad

A-rithist, bho roghnaich an t-eadar-theangair am fiaradh sin a chur am faclan an ùghdair, car son a bha e cho tràilleil nuair ràinig e Tighnabruaich, part of Argyll’s ‘secret coast’ on the Cow­al Peninsula – “Taigh na Bruaich, air ‘costa dìomhair’ Earra-Ghaidh­eil air Rubha na Comhghaill”? Aig coinneamh an eadar-theang­achaidh, bhithinn air faighn­eachd dhan ùghdar dé bha dìomhair mun àite. Nuair bha mise fàs suas ann an Glascho
bhiodh daoine dol ann fad na tìde. Agus “Rubha na Comhgh­aill”? Dh’fhaodte gu bheil Comhghall (chan e “a’ Chomhghall”) ’na seòrsa de leth-eilean ach chan eil i idir ’na rubha, ’s chan eil e ’na àbhaist “leth-eilean” a ràdh ri àiteachan san dùthaich againn fhìn ged a chanas luchd na Beurla peninsula riutha.

A thaobh an teacsa fhéin, dh’fheuch mi ri a leughadh gun sùil thoirt air a’ Bheurla ach cha b’ urra dhomh. Bha tòrr ann mu dheidhinn “fasan” agus “bràighe”. Dh’obraich mi a-mach gun robh “fasan” ceangailte ri “fas” seach fashion ’s tha fios aig a h-uile dé th’ ann am bràighe, ach an uair a ràinig mi “’S e am Bràighe a th’ ann a-nis ann am Fasan na h-àm a dh’fhalbh” leig mi seachad an oidhirp agus thug mi sùil air a’ Bheurla. Abair iongnadh. “The Clearing that is now the Homestead of the past.” Bràighe? Clearing? Ciamar? ’S dé tha ceàrr air “fosgladh”?

Hide Ad

Air a shon sin uile, chòrd Little Forks / Forcan Beaga rium. Mar tha Meg Bateman ag ràdh, tha e “mu dheidhinn nàdar an fhìorachais, agus na crìochan a’ leaghadh eadar muir is tìr, an t-àm a tha an làthair agus an t-àm a tha seachad, eadar daoine agus beathaichean”. Agus eadar bràithrean agus peathraichean.

Tha Sharp a’ cumail a-mach gur e ficsean a th’ ann, ’s tha sin ’na mhealladh dùil. Ach tha i ag aideachadh gu bheil bràthair aice, ’s gu bheil, neo gun robh, na badan uaignidh san sgeul ann a-siud an da-rìribh.

Gun teagamh, nuair tha fosgladh anns a’ choillidh air a lìonadh le craobhan, tha e a’ dol ’na aisling.