Nuair tha agad ri Breatann a dhìon tha rud sam bith ceadaichte

FHUAIR luchd coimhead STV dà dhiofar thaisbeanadh de chom­asan poilitigeach air Scotland Tonight bho chionn greis. Air an dàrna làimh, an t-Urr.

Jesse Jackson, an Dùn Éideann son ceum onarach fhaighinn bho oilthigh a’ cheannabhaile, a’ comharrachadh beatha a’ strì a dh’ionnsaigh co-ionnanachd ann an Ameir­eaga far a bheil e fhathast cunn­art­ach a bhith dubh. A’ bruidh­inn ri Rona NicDhùghaill, thàin­ig e thairis mar fhear nach diùltadh an fhìrinn innse ged a bheireadh i am bàs thuige, mar dh’éirich ri a charaid Dr Martin Luther King.

Air an làimh eile, cha b’ urr­ainn Kezia Dugdale, an ceannard ùr Làbarach an Alba, ceist shìmplidh bho Iain MacAoidh a fhreagairt – an robh i air son reif­reann air Trident gus nach robh? Bha iomadach “ò”, “à”, “è”, “ù” aig Kezia bhochd gus mu dheireadh thall an d’thuirt i rudeigin mu dheidhinn “Pàrtaidh Làbarach nach eil fo eagal deasbad phob­lach a sheachnadh”. Mearachd teangaidh, ’s dòcha, ach sin mar a tha barrachd is barrachd dhaoine a’ faicinn nan Làbarach an-dràsta agus oifigich a’ phàrtaidh ann an Lunnainn (mu 80 dhiubh a réir aithris an National) trang a’ rùr­aich Facebook son fianais nach eil luchd taice Jeremy Corbyn a’ cumail ri “luachan Làbarach”. Tha tagraichean eile san taghadh cheannard a’ bagairt cùis lagh a thogail ma théid an latha le Corbyn. Bha iomadach gearain sna meadhanan sòisealta ris an naidh­eachd gu bheil Alasdair Darling a’ dol ’na mhorair, a dh’aindeoin ’s gu bheil a luachan cho fada dhan taobh dheas ’s gun do nochd e tric air an àrd-ùrlar le Tóraidhean agus iad an guail­nean a-chéile an-uiridh anns a’ bhuidhinn “Nas Fheàrr Còmhla”.

Hide Ad

Ge-tà, nuair a tha agad ri Breat­ann a dhìon, tha rud sam bith ceadaichte, fiù ’s claon-bhàidh a’ BhBC, a réir Alex Massie a sgrìobh ann an Tìm Lunnainn gu bheil am BBC fo dhleastanas taobh an Aonaidh a ghabh­ail. Thàinig sin an déidh do dh’fhear-naidheachd BBC, Nick Robinson, leabhar fhoillseachadh a dh’ath-dhùisg deasbad on bhliadhna an-uiridh eadar e fhéin agus Ailig Salmond nuair a dheasaich Robinson bhideo a thug air an luchd coimhead smuaineachadh gun do dhiùlt Salmond ceist a fhreagairt air na bancaichean móra ann an Alba. Gu mì-fhortanach do Robinson, chaidh an tachartas a chlàradh le luchd naidheachd eadar-nàis­ean­ta agus bha e furasta a dhearbhadh gun robh freagairt choil­eanta cheannsgalach aig Mgr Salmond, a tha a-rithist a’ moladh gun tig craobh-sgaoileadh ann an Alba fo riaghladh Holyrood seach Westminster.

Seonaidh Caimbeul

Related topics: