‘Maighistireil far a bheil e a’ cunntadh’

BIDH sinn a’ feuchainn ri rudeigin a ràdh mu dheidhinn a h-uile leabhar a th’ air a chur thugainn son léirmheas air an duilleig seo.

Uaireannan tha sinn slaodach, leis cho gann ’s a tha rùm, ach “ruigidh each mall muileann”. Mura can sinn dad idir mu leabhar àraidh, bidh siud a chionns nach deach a chur thugainn (se an seòladh Ronnie Black, Gaelic Editor, The Scotsman, 108 Holyrood Road, Edinburgh, EH8 8AS).

Tha sinn a’ toirt àrd phrìomhachas do nobhailean Gàidhlig. Dà sheòrsa nach eil a’ faighinn prìomhachas cho àrd se nobhailean Beurla agus ath-chlò-bhualaidhean.

Hide Ad

Nobhail Bheurla a thàinig thugainn o chionn ghoirid se A Method Actor’s Guide to Jekyll and Hyde le Kevin MacNeil (Polygon, £12.99), dh’fhaodte a chionns gu bheil Gàidhlig aig Kevin. Mas toil leat leughadh mu dheidhinn Dùn Éideann, boireannaich, actadh agus baidhseagalan, seo an leabhar dhutsa. Tha e math.

Tha mi cuideachd air son fàilte bhlàth a chur air dà leabhar a mhol sinn gu làidir nuair thàinig iad a-mach an toiseach ’s a tha air nochdadh fo chòmhdach bog: John MacLeod, When I Heard the Bell: The Loss of the Iolaire (Birlinn, £9.99), agus Anne Lorne Gillies, Songs of Gaelic Scotland (Birlinn, £20). Tha iad bogte le chéile ann am pearsantachd làidir an ùghdair, ach tha barrachd smachd aig MacLeod air fhéin na th’ aig Gillies. Cheartaich i cuid de na mearachdan aice, ach tha cuid ann fhathast: mar eisimpleir tha fios againn co è MacilleMhìcheil a thug ainm do ‘Chlò MhicilleMhìcheil’ (marsanta clò á Lìte) agus cha do dhiùlt na Dòmhnallaich a dhol an sàs anns an nàmhaid aig Cùil Lodair.

Ach tha When I Heard the Bell agus Songs of Gaelic Scotland ’nan obraichean maighistireil far a bheil e a’ cunntadh (na dh’éirich dhan Iolaire, na h-òrain). Chan eil mi air son aon òirleach a thoirt far an cliù ’s tha e math dha-rìribh gu bheil iad a-nist nas saoire na bhà.

Related topics: