Galeic: Am bi an teachdraidh saor?

Mar Sgiathanach (gu follais­each, ’na Ghàidheal), agus a-nise mar uchdmhac nan Crìochan Albannach, a chuir seachad grunnd bhliadhnaichean sunndach ann an Lunnainn, tha mi toilichte dearbhadh gur Albannach mi.
Tha Aonghas MacNeacail a fuireach sna Crìochan s a sgrìobhadh ann an trì chànanan na h-Alba. Picture: Neil HannaTha Aonghas MacNeacail a fuireach sna Crìochan s a sgrìobhadh ann an trì chànanan na h-Alba. Picture: Neil Hanna
Tha Aonghas MacNeacail a fuireach sna Crìochan s a sgrìobhadh ann an trì chànanan na h-Alba. Picture: Neil Hanna

Bidh mi ri bàrdachd an Gàidhlig, Albais, agus (gun dragh sam bith, nuair a tha an eanch­ainn sunn­dach) am Beurla. Ged is toil leam a bhith ri rosg sa Ghàidhlig, tha barrachd coth­roman air nochd­adh am Beurla, ach chan eil sin air a bhith cràit­each dhomh.

Bhon a b’ ann am Beurla a dh’ionnsaich mi leughadh (agus sgrìobhadh) an toiseach – ged a b’e Dùn Dé a thug an Dandy ’s am Beano dhuinn, cha robh na caractaran air an d’ rinn mi eòlas ro ionadail: leithid Desperate Dan, Dennis the Menace, Minnie the Minx, Lord Snooty, Korky the Cat agus creutairean eile dhen t-seòrsa.

Hide Ad

’Nam inbheach, chòrd mo bhliadhnaichean ann an Lunn­ainn rium glé mhath. ’S dòcha gun robh barrachd Caraibich agus Éireannaich am measg mo chuid eòlaich na Sasannaich bona fide, ach cha robh nàimhdeas eadar aon seach aon againn agus Cognaidh sam bith ris na choinnich sinn. Mar sin, bhiodh e fìor nach eil crìochan air a bhith ’nam buaireadh dhan eanchainn.

Agus, air a dhol tarsaing na crìche eadar Poblachd na h-Éir­eann agus Éirinn a-Tuath, gun a bhith cinnteach, gu mionaid­each, cuin a thachair an trasdadh eadar dùthaich neo-eisimileach agus pàirt dhen Rìoghachd Aon­aichte, theirinn nach eil trioblaid buailteach a bhith romhainn, ma ghabhas Alba ceum gu neo-eisimeileachd.

Ach car son a ghabhadh Alba leithid de cheum? A réir nàimhdean a’ cheuma, tha iomadh gàbh­adh romhainn ma ghabhas sinn ris. Ach có miad dùthaich, nas lugha na Alba ann am miadachd agus àireamh sluaigh, a tha saor, soirbheachail? Na biodh dùil, no iarraidh, againn air pàrras: ach, le cothrom deasbad air nithean a tha sònraichte agus a’ sireadh coitcheannais (ris nach bi dùil buileach) shaoilinn gu bheil barrachd dòchas aonachaidh ann an amharc sluaigh nach eil cho lìonmhor.

Agus tha mise faicinn gu bheil tarraing mhaireannach, ris an abair mi “reachdachd choit­cheann”, eadar dhaoine, tha ’g éirigh ás na cinnidhean bho shean (Gàidhealach agus Crìoch­ail), far an robh dleasdanas co-chòrdach eadar tuath agus tigh­earna. Ged nach b’e co-ionnanachd a bh’ ann buileach, saoil nach eil buaidh air a bhith aice air mar a tha Albannaich a’ faic­inn a-chéile?

Tha fhios againn gun do sgar “Reachdan Ì” ceannard bho shluagh, gu ìre ’s nach robh iad a’ bruidhinn na cànain cheudna, ach am measg an fheadhainn a dh’fhan (a’ mhuinntir), theirinn gun do mhair sìneadh gu co- ionnanachd agus co-obrachadh, mar a chunnacas, gu h-each­draidheil air Cluaidh Ruadh. Agus nach eil sìneadh cosmhail ri fhaic­inn ann an stéidh nan eag­lais Albannach (’s dòcha nach eil “taghadh” cléir buileach co-ionnan ri taghaidhean eile).

Ma tha mi fiùs letheach ceart, tha sinn ann an cruinneadair­eachd air leth bho na tha sluagh-iùlachd na dùthcha aig deas bhuainn a’ leantainn. Tha adh­bhar againn a bhith an dùil gun téid roinnean mar slàinte, foghlam, na seirbheisean sòisealta agus tèarainteachd shòisealta a dhìon mar ghoireasan poblach: gun téid, air an aon àm, taigh­eadasachd phoblach a chur air stéidh dhearbhte, le gealltanas gun téid leasachadh deatam­ach a dhèanamh oirre.

Hide Ad

Co leis a bhiodh seirbheisean siubhail, trèan, bus, aiseagan agus prìomh sheirbheis-adhair, am posta rìoghail, am fón? Dé mu dheidhinn co-chomainn nàis­ean­ta? Le taic an riaghaltais agus chomhairlean, nach fhaodadh an leithid a bhith soirbheachail? Chan eil gainne nòsan cumhachd againn; gaoth, muir, deal­ain-uisgeach, grian (tha leasaich­ean daonnan gan dèanamh). ’S an gabhadh obair a dhèanamh air gual glan? Agus dé mu seilbh air fearann, na tha de ghleanntan falamh? Smachd orrasan cuid­eachd – agus daoine gan àit­eachd. Le làn phàrlamaid ann an Taigh an Ròid, bhiodh leithid de cheistean na b’ fhaisge agus na b’ fhasa an togail.

Ann an gnìomhachas, tha ola ’nar n-eòlas, ach cluinneamaid barr­achd mu na thig aiste (plastaigean mar eisimpleir). Tha Alba beò san t-saoghal leatronaigeach. Ach dé mu dheidhinn seann charaidean, mar gàraidh­ean iarainn, a thoirt beò a rithist, air ar socair iomairteach? Le làn smachd air ionmhasachd na dùth­cha, dheònaicheadh sinn buaidh chothromach fhaighinn air bancaichean agus comainn togalach – agus ás-ghluasad ionmhais gu fasgaidhean diamhair (leis na tha sin a’ cosg dhuinn).

Hide Ad

Gun a bhith an urra ri Broadcasting House agus a’ West End, bidh e inntinneach faicinn saoghal craolaidh agus ealain na h-Albainn a’ gabhail sealladh air an t-saoghal fharsaing. Car son nach tigeadh Dàibhidh Lindsay roimh Shakespeare, MacGill-Eain agus MacCaoig roimh Hughes agus Larkin, le Grassic Gibbon ’s an uair sin Dickens, ann an eòlas ar sgoilearan?

’S fhada bho chuala mi gu bheil eadar-nàiseantachd gun nàisean do-dhèanta. Smaoinich air dùthaich cho-ionnan, a’ coimh­ead a-mach thar a crìoch­an fhéin, le càil air son malairt, agus deas air son tionnsgal càirdeil. Nach eil e ’nar comas?