Gaelic: Uibhist: an cabhsair a tha a’ dèanamh cron

CHAN eil agad ach coimhead air na tha air tachairt anns na Philippines air son faicinn gun e nàbaidhean glè mhì-chomhartail a th’ ann an eileanaich agus a’ mhuir a tha timcheall orra.

Gu dearbh, chan ann an-dè neo an-diugh a thòisich muinn­tir Uibhist a’ cumail sùil nas gèire air gluasadan na mara. Leis cho luath ’s a tha na cladaich air a bhith crìonadh, gu h-àraid mu na costaichean gainmheachail air taobh an-iar nan eilean, chan eil rathad aig duine a bhith dìochuimhneachadh na buaidh a th’ aig a’ mhuir air ar beatha làitheil. ’S fhada bhon a mhoth­aich na h-Uibhistich gu bheil i ag ithe na talmhainn, agus se adh­bhar dragh a tha anns a h-uile gaoth làidir agus làn àrd.

Gu fortanach, cha do dh’èirich sìon cho sgràthail ris na Philippines anns na h-Eileanan Siar, agus chan eil coltas sam bith ann gun èirich. Ach ann an 2005 thànaig cùisean gu math faisg.

Hide Ad

Air an 11mh den Fhaoilleach thànaig cruin­neachadh de dh’eil­eamaid­ean còmhla a chruthachadh na stoirm as miosa ann an cuimhne dhaoine. Shèid a’ ghaoth fad còrr agus deich uairean a thìde, a’ bualadh astair cho làidir ri 120 mìle san uair aig aon àm.Cuide ris a’ ghèile bha an làn aig ìre fìor àrd. Agus nuair thànaig an dà chuid còmhla, fhuair Uibh­ist sgailceadh dona bho na cladaich a-staigh gu tìr. Chaidh rathaidean, cabhsairean agus
tog­alaich, ’nam measg Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, a bhriseadh ás a-chèile. Chaidh mòran stoc a dhìth, talamh croitearachd a mhil­leadh agus fiach fortain a chall ann an innealan agus uidh­eamachd. Rinneadh cron air
tòrr thaighean cuideachd, an dà chuid a thaobh na gaoithe agus tuiltean sgriosail.

Sann san Ìochdar, air ceann a-tuath Uibhist a-Deas, a bha na
tuiltean as miosa. Sann san aon bhaile a bha an call as motha, ’s còignear de theaghlach air am marbhadh tron oidhche.

Ged a bha e follaiseach gun robh an t-sìde dona, aig ìre nach deach fhaicinn riamh roimhe sin, mar a bhiodh dùil bha ceis­tean aig gu leòr mu car son a bhuail a’ ghaoth an t-àite cho fìor chruaidh an oidhch’ ud. Dè an dòigh ’s gun robh na tuiltean uabhasach tha siud air tighinn an cois na h-aimsir, gu h-àraid mu sgìre an Ìochdair? Bha gu leòr a’ cur na coire air a’ chabhsair a tha a’ ceangal Uibhist a-Deas le Beinn na Fadhla, a’ ruith bhon Ìochdar tarsainn an Fhadh­ail a-Deas gu Creag Ghoraidh.

Nuair a chaidh a thogail ann an 1983, cha deach fhàgail air ach aon fhuasgladh, 15 meatair tarsainn, air son uisge na mara a leigeil a-mach bho thaobh a’ Chuain Siar chun a’ Chuain Sgìth. Air oidhche na stoirm ann an 2005 bha ìre an làin dà mheatair na b’ àirde air taobh siar a’ chabhsair. Saoil nach e sin a dh’fhàg pìosan mòra den Ìochd­ar ’s den Chàrnan air ceann a-deas na fadhla a’ dol fodha? Saoil nach robh gnothach aig a’ chabhsair le mar a bha na clad­aich a’ crìonadh mun sgìre?

Se pìos cladaich annasach a tha san Fhadhal a-Deas. Gu sìmplidh, tha cumadh air mar bhobhla mòr – cearcall, ann an dòigh. Air an taobh an-ear tha an cabhsair. A-tuath tha bailtean Chreag Ghoraidh agus Lìonacleit ann am Beinn na Fadhla, agus an t-Ìochdar agus an Càrnan a-deas.

An-iar tha structar eile, ach nàdarra an turas seo, co-shìnte ris a’ chabhsair. Sin eilean na Guailne. Se pìos talmhainn gainmheachail, fada agus caol, a tha sa Ghualainn, a’ fàs a-mach á Baile a’ Gharbhaidh san Ìochdar, cha mhòr dìreach tarsainn gu Lìonacleit. Bhiodh a’ Ghualainn riamh a’ cumail fasgadh leis na bàigh am broinn na fadhla.

Hide Ad

Bha latha ann nach faiceadh muinntir Lìonacleit mullach taighe san Ìochdar air sgàth ’s cho àrd ’s a bha a’ Ghualainn.
An-diugh chan eil i ach beagan throighean ann an àird. Air oidh­che na stoirm ann an 2005 chaidh an làn seachad air mul­lach na Guailne. Sin cho dona ’s
a bha i air briseadh air falbh.
A-rithist se an cabhsair a bha a’ faighinn na coire.

An dèidh mar a thachair an oidhche sin thug Riaghaltas na h-Alba seachad £200,000 air son sgrùdadh a mhair ceithir bliadhna. Se feallsanachd an South Ford Hydrodynamic Study, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh, soill­eir­eachadh a thoirt air mar a tha an làn a’ gluasad san Fhadhal
a-Deas, ciamar a tha cùisean ag atharrachadh, agus dè a thachair ann an 2005.

Hide Ad

Bha gu leòr ann an Uibhist riamh den bheachd nach robh an cabhsair a’ leigeil an uisge air falbh mar bu chòir, gu robh e mar bhalla mòr. Sheall an sgrùd­adh gun robh seo ceart, gu ìre.

Mar phàirt dheth, choimhead luchd-saidheans gu dlùth air dè bha tachairt san fhadhal – ciamar a bha an làn a’ gluasad agus dè na bha e toirt leis de ghainmheach. A’ cleachdadh dòighean ùra air dealbhachadh, choimh­ead na rannsaichean air map­aich­ean eachdraidheil ’s dh’ob­raich iad a-mach mar a bha structaran mar a’ Ghualainn air crìonadh air an socair thairis air linn. Choimhead iad cuideachd air a’ chabhsair ’s a’ bhuaidh a bh’ aige ann an 2005. Mar eisimpleir, dè bha air tachairt mura biodh cabhsair idir ann, no nam biodh fuasglaidhean nas motha air?

Sheall an sgrùdadh nam biodh fuasgladh nas motha air a’ chabh­sair, mu 200 meatair, nach biodh an crìonadh cho dona mu na cladaich ’s nach biodh tuil­tean cho cumanta. Ach sheall e cuid­eachd gu bheil na cladaich air a bhith ag atharrachadh gu mòr bho chionn bhliadhnachan – tha pàirt aig a’ chabhsair, ach chan eil ann ach aon eileamaid. Mar eisimpleir, dhearbh e gu bheil a’ Ghualainn air a bhith gluasad bho chionn faisg air ceud bliadhna. Tha i air àirde a chall ’s tha i nas caoile, ach tha i cuideachd air fàs gu math nas fhaide.

A thaobh mar a tha an làn a-nis a’ gluasad, tha an cladach aig Lìonacleit, air taobh a-tuath an fhadhail, a’ crìonadh nas luaithe. Mar sin tha am barrachd gainmhich a’ gluasad ann am bobhla an fhadhail, ’s tha gu leòr dhith a’ cruinneachadh anns an drèana a tha a’ ceangal Loch Bì leis a’ mhuir air taobh a-deas an fhadhail, a’ fàgail tuiltean nas cum­anta air taobh an Ìochdair.

Se an co-dhùnadh gu bheil cùisean mu na cladaich ag ath­arrachadh, agus bhà riamh. Chan eil tòrr as urrainn do dhuine a dhèanamh.

Gu fortanach, chaidh mòran a chosg air son Uibhist a chur ceart as dèidh 2005. Gu cinnt­each tha gu leòr a’ ràdh nach deach gu leòr. Cha deach fuasg­ladh nas motha a chur air cabhs­air an Fhadhail a-Deas oir bhiodh a’ chosgais ro mhòr. Cha deach sìon a dheanamh leis a’ Ghual­ainn nas motha, ged a bhios fathannan a’ nochdadh an-dràsta ’s a rithist gun tig uaireigin.

Hide Ad

Chan eil teagamh nach eil sinne, mar eileanaich sam bith, beò an dòchas gum bi an aimsir ’s a’ mhuir coibhneil leinn. Chan eil an còrr ann ach a bhith cho deiseil ’s a ghabhas agus sùil gheur a chumail san eadar-àm.

• Se Iain Stephen Moireasdan ([email protected]) deas­aiche pàipeir-naidheachd coimh­earsnachd Uibhist, Am Pàipear