Gaelic: Tha fear a’ chollodion a’ tighinn

Tha an neach-togail dhealbh Alex Boyd, á Irvine ann an Siorrachd Àir, ag iarraidh ceangal a dhèanamh ri àite: dàimh, gum bi tuigse aige air an àite agus na daoine, gun cuir e eòlas orra.

Chan e seo neach-ealain a tha a’ dol a thogail a chuid dhealbhan agus teich­eadh, tha e air son gum bi càirdeas eadar e fhèin ’s an tìr ’s gum faigh e sealladh air dualchas agus dùthchas na sgìre cho math ri a h-àrainneachd fhèin.

Tha e air seo a dhèanamh mar-thà ann an Gaidhealtachd na h-Èireann nuair a chuir e seachad ùineachan am measg nan daoine ’s e a’ togail dhealbh­an camara timcheall air àite sònraichte, Pointe a’ Tárrthaidh, ann an Contae Mhaigh Eo, air taobh siar na dùthcha. Tha e a-nis am measg muinntir Shlèite san Eil­ean Sgith­eanach far a bheil e ’na “Neach-Ealain na Colaiste” aig Sabhal Mòr Ostaig. “Tha mi an dòchas tadhal air diofar àiteachan san Eilean,” tha e ag ràdh. “Bidh e mar phàirt de shreath nas motha de dhealbhan air a bheil mi ag obair a nì ‘mapa’ de na h-àiteachan air an ‘oir’ far a bheil iad a’ bruidhinn Gàidhlig.

Hide Ad

“Is dòcha do dhaoine ann an ceann a-deas na h-Alba no am meadhan na dùthcha, tha na h-àiteachan seo air an iomall, ach tha mise ga fhaicinn mar theis-meadhan saoghal aig a bheil cultar brìoghmhor. Tha mi feuch­ainn ri toirt air daoine gun a bhith coimhead air a’ chosta seo mar àite tha iomallach agus fal­amh. Nuair a smaoinicheas mi fhìn air àiteachan a tha air an iomall bhon t-saoghal agamsa, bidh mi a’ smaoineachadh air Lunnainn.

“Tha mi son coinneachadh ri daoine nuair a bhios mi siubhal, agus tha mi air son coluadair a dhèanamh riutha. Bu thoigh leam cluinntinn mu’m beatha an seo, no dè dh’fhàg an seo iad. Chan eil dad cho dona ri luchd ealain a tha tighinn gu coimh­earsnachd agus a’ feuchainn ri dealbh gun doimhneachd a tharraing de bheatha na coimhearsnachd. Tha mi son eòlas a chur air na daoine ’s an tìr ann an dòigh shusbaint­each tron t-seann ealain seo.”

Agus gu dearbh se sgeulachd inntinneach a th’ anns an dòigh sa bheil Alex a’ togail nan deal­bh­an aige an-dràsta – le leac­an-fliuch collodion, no wet place collodion process. Thòisicheadh a’ cleachdadh a’ phròiseis sna 1850an agus chan e an dòigh as fhasa dealbhan a thogail. Feum­aidh tu “seòmar dorcha” a thoirt leat, oir feumaidh tu an dealbh
a leasachadh taobh a-staigh 15
mionaidean bho thog sibh e, ’s tha tòrr cheimigean gan cur an sàs son an dealbh a thogail ’s a leasachadh. Cuideachd, tha e ’na dhòigh shlaodach air dealbh­an a thogail, agus tha an camara ’s an seòm­ar no bogsa dorcha a bhios Alex a’ cleachdadh air leth trom. Ach tha i toirt dhut deal­bh­an sònraichte agus mionaideach. Se fìor ealainiche th’ ann an Alex –bidh e a’ deanamh sgeidsichean le peansail de na h-àiteachan dhe bheil e a’ togail dealbh, agus sin uaireannan a’ cur ri dreach nan dealbhan camara a bhios e a’ tog­ail ’s a’ leasachadh. Thuirt e: “Se an t-adhbhar a tha mi ga dhèanamh mar seo gu bheil e toirt dhut sealladh àraid air an tìr, ’s gu bheil e a’ toirt orm gabh­ail air mo shocair. Tha am pròiseas air fad gu math slaod­ach, tha gach dealbh a’ toirt cairteal na h-uarach bho bhith
a’ dòrtadh nan stuthan chun a bhith a’ togail dealbh agus ga leas­achadh. Agus seach gu bheil a leithid a dh’obair anns gach dealbh, bidh thu a’ meòr­ach­adh ùine fhada air do chuspair. Tha seo cho eu-coltach ri dealbhan dids­eatach far an urra dhut ceud­an a thogail ann an ùine glè ghoirid. Bidh mi fortanach ma nì mi ceud dealbh ann an sia mìosan, no bliadhna fiùs.”

A thuilleadh air cho mionaideach ’s a tha na dealbhan coll­odion (seach gu bheil iad air an tog­ail le leacan mòra glainne), faod­aidh Alex tòrr a dhèanamh nuair a tha e gan leasachadh – rudan a dhèanamh le solas agus dorchadas, agus na ceimigean a chur an sàs gus na h-ìomh­aighean atharrachadh.

Tha seo uile gus faireachadh agus “brìgh” gach àite a thoirt dhuinn. “Chan eil mi dìreach air son nochdadh ann an àite agus dealbh a thogail. Tha mi air son ùine a chur seachad an sin gus greimeachadh ris,” tha Alex ag ràdh agus e a’ sealltainn dhomh dealbh de Dhùn Briste ann an Èirinn. “Bha an t-uisge ann, sneachd, grian, ’s bha mi air son sin a shealltainn nuair a thòisich mi a’ leasachadh an deilbh. Tha seòrsa de dheàrrsadh dealanaich ann.

“Se àite fìor spioradail tha seo, far a bheilear ag ràdh gun do chuir an Naomh Pàdraig ruaig air na nathraichean. Rinn mi fo-leasachadh air an dealbh gus am biodh e dorcha ’s caran eag­all­ach. Leasaich mi dà thuras e, agus chaith mi ceimigean air feuch am faigh­inn an loidhne gheal.”

Hide Ad

Bidh Alex cuideachd ga bhogadh fhèin ann an eachdraidh, ainmean-àite, sgeulachdan agus dualchas nan àiteachan far a bheil e togail dhealbhan. Tha e dol a dh’ionnsachadh beagan Gàidhlig fhad ’s tha e an seo. Tha ùidh aige ann an cànanan, oir sann ás a’ Ghearmailt a tha a mhàthair agus cha robh ach Gearmailtis aige gus an robh e sia nuair a
ghluais an teaghlach a dh’Alba. “Tha ùidh agam ann an cultar nan Gaidheal ’s an dòigh sa bheil agus san robh iad a’ coimhead air an tìr ’s a’ toirt ainmean dhi.

“Tha gach ainm ag innse sgeul­achd na tìre. Tha mi ’n dòch­as gun innis na dealbhan agamsa beagan den sgeulachd sin.”