Gaelic: Sgeul nan Gaidheal anns a’ Ghearmailt ann an ‘Cogadh nan Seachd Bliadhna’

SE leabhar beag caran bun-os-cionn a th’ ann a From Breadalbane to Brucker Muhl: Scottish Highland Soldiers in Hesse 1759–62 le Axel Koehler (Lochar, £10.95).

Tha Gàidhlig aig an ùghdar ’s tha ùidh mhór aige ann am beul-aithris, ach tha e a’ rogh­nachadh na neartan seo a chum­ail ris na notaichean-deiridh (cuid dhiubh gu math fada ge-tà) agus am prìomh theacs’ a thoirt seachad do dh’iomradh tioram air meàrrsan agus blàir.

Se adhbhar an leabhair gun robh ceithir buidhnean Gaidh­ealach anns a’ Ghearmailt ri linn “Cogadh nan Seachd Bliadhna” (1756–63). An 87mh (Réisimeid a’ Chaimbeulaich) agus an 88mh (Réisimeid Keith) air taobh nam Breatannach; na Royal Écossois agus an Régiment d’Ogilvy air taobh nam Frangach.

Hide Ad

Tha Koehler ag ràdh nach do dh’fhàg gin de na saighdearan cunntais ann an càn­an sam bith air mar a chaidh dhaibh, ach chan eil sin buileach fìor. Anns na Memoirs aige, sgrìobhte san treas pearsa, dh’innis an Sgith­ean­ach Dòmh­nall Mac­Leòid mun àm aige anns a’ Ghearmailt ann an Réisimeid a’ Chaimbeul­aich. “In the course of different engagements, in 1760 and 1761, he received a musket shot which went in an oblique manner between two of his ribs and his right shoulder. This wound, in cold and frosty weather, and after violent exercise, such as walking against time for wagers, still gives him a good deal of pain. He received also, in the same campaigns, a musket ball in the groin, which could not be extracted, and on account of which he still wears a bandage.”

Air an làimh eile, mar a tha Koehler a’ dèanamh soilleir ann an eàrr-ràdh, tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ag ainmeachadh blàir Kampen (15 Dàmhair 1760) agus Vellinghausen (16
Iuchar 1761) ann an ‘Cumha
Ghilleasbaig Ach’ Chaladair’.

Ann an latha blàr Champain

Nuair bhuail an tacaid an seanalair

Chaidh a lot anns an àraich

’S dh’fhàg càch a’ call fala e —

Thug thu mach e air ghiùlan . . .

Se là Phealan-Hùsain

A rinn an diùbhail gu h-athghoirid

Nuair a thuit an comanndair

A b’ àird’ air na fearaibh ud —

Air a’ phiceid a bhà thu . . .

Car son ma-thà nach do chroch Koehler an leabhar air a’ bhàrdachd seo son a thoirt beò? A chionns nach eil na h-àiteachan seo ann a Hesse! Ach tha mi tuigsinn gun do rinn e airtigeal mun chumha a nochdas a dh’aithghearr ann an Scottish Gaelic Studies. Agus dh’fhaodadh e iomradh a thoirt dhuinn uair­eigin cuideachd air an réis­imeid Hessianaich a bh’ ann an Gaidh­ealtachd Shior­r­achd Pheairt, air taobh Rìgh Deòrsa, ann an 1746.

Co-dhiù, tha From Breadalane to Brucker Muhl ’na leabhar
beag taitneach, làn dhealbhan: de sheann mhapaichean, de sheall­aidhean brèagha, agus de ghill­ean an fhéilidh le boineid­ean gorm’ orra – Gearmailtich on latha an-diugh an sàs ann an reenactments. Tha an leabhar a-nist a-mach ann an Gearmailtis cuideachd, Von Breadalbane zur Brücker Mühle.