Gaelic: An saidheans air fad mu mhuilnean Ratharsair

THUG mi iomradh an seo bho chionn ghoirid air leabhar beag mu cheilp ann an Gàidhlig.

Seo a-nist leabhar beag mu mhuiln­ean ann am Beurla: The Raasay Mills / Muilnean Ratharsair le Reb­ecca S. Mackay. A-rithist, each­draidh thionnsgalach na Gaidhealtachd; ach feumaidh mi ràdh gun d’fhuair mi leabhar na ceilpe fada nas fhasa a leantainn na am fear sa.

Tha The Raasay Mills mu thrì toglaichean ’s mu na daoine bha ’nan lùib: seann mhuileann min­eadh ann an Inbhir Àrais, a thogadh a réir choltais ann an 1761,
a rinneadh ’na mhuileann-sàibh mu 1851, ’s a bhios ’na phàirt de dh’ionad dualchais a tha Urras Dualchas Ratharsair a’ togail; muileann-sàibh a rinneadh de na toglaichean aig “No. 2 Mine” mu 1915, nas fhaisge air na coilltean; agus muileann-sàibh ùr a thog Comisean na Coilltireachd ann an 1938–40.

Hide Ad

Aon de na rudan math mun leabhar se na daoine. Tha an t-ùghdar a’ toirt tarraing orra air ainm, air farainm, air sloinneadh agus/neo air àite-fuirich, uil’ ann an dòigh nàdarra, ’s gun dearmad air na boireannaich. Rud math eile se na dealbhan – tha tòrr dhiubh ann, ’s iad math dha-rìribh, eadar seann fheadhainn dubh ’s geal agus feadhainn ùra dathte – dhùraiginn mu mhóran dhiubh gun robh iad na bu mhotha.

Ach obh, obh, tha an sgrìobh­adh mu na toglaichean cho teicnigeach, ’s chan eil an t-ùghdar a’ gabhail prìosanaich! Bidh i dìochuimhneachadh innse dhuinn co air a tha i a-mach mun leum i a-staigh dhan chlàbar uair eile ’na wellies, slat-thomhais ’na dara làimh agus calcaleutair ’na t’éile. Chan eil i ag innse dhuinn an àite sam bith gur ann mu thrì muilnean a tha an leabh­ar –dh’obraich mi siud a-mach dhomh fhìn. ’S ged a tha i déiligeadh gu mionaideach ri trì muilnean-sàibh tha i ’g innse dhuinn tòrr a bharrachd mu
bhleith mineadh na mu obair na coill­tireachd. Cha b’ann ach an uair a chuir mi ’n leabhar sìos a bhuail an smuain orm gum b’ e

Coille Ratharsair

minnim, labharaig:

mo chiall cagarain,

mo leanabh cadalach

a bha ga leagadh ’s ga pronnadh ’s ga cur air muin làraidh.

Còrdaidh an teacsa ri ailtirean ’s ri Ratharsaich agus na dealbh­an ri luchd-tadhail. Gheibhear an leabhar bho Urras Dualchas Rath­arsair, 6 Pàirce Othasgaig, Ratharsair, IV40 8PB, prìs £8
+ postachd. Théid na prothaid­ean gu ath-ùrachadh na Seann Mhuil­neadh.