Tha na dàin gu math diofraichte bho chéile. Tha Flòraidh ’na bàrd comasach agus nì i a h-uile seòrsa eadar bàrdachd sgìre (leithid ‘Òran an Regatta’ anns a bheil rann do gach duine fa leth a ghabh pàirt) agus a smuaintean a chur an céill ann am meadarachd shaor.
Chòrd ceithir riumsa gu sònraichte. Ann an ‘Do Ghòrdon’ dh’aithnich mi mo sheann charaid Gordon Donald, Sasannach a chaidh a dh’fhuireach a Thiriodh ’s a dh’eadar-theangaich sgeulachdan Guy de Maupassant gu Gàidhlig an eilein. Tha ‘Deise Mheallta’ ag innse mar thàinig saighdear dhan sgoil a bhrosnachadh nan sgoilearan gu gabhail san arm, ach san dara leth tha Flòraidh toirt dhuinn na dh’fhàg esan a-mach mu “dheiseachan nan stròicean ragach / Ruadh le fuil”. Tha ‘Maraiche nan Cuantan’ (an dàn) a’ tòiseachadh:
M’ ionndrainn agus m’ iargain ort, mharaiche nan cuantan,
Advertisement
Hide AdLuasgan thonn na mara cha dèan togail air mo bhuaireadh . . .
Dhòmhsa tha e cur an cuimhne na dàin mhara aig Earraghaidhealach eile, Deòrsa Caimbeul Hay. Tha an ro-ràdh a’ mìneachadh gun do rinn Flòraidh e dh’a céile Eachann, a chaochail ann an 1999 ’s gun e fiùs air an trì fichead a thoirt a-mach. Ged a tha an dàn a’ toirt dealbh cho math de bhàta a’ sàthadh tron chuan, tha e ’na òran gaoil. Mu dheireadh, chaidh mo shùil a tharraing gu ‘Duan an Dannsair’ anns a bheil ìomhaigheachd mar:
Is mis’ an eala bhàn
’S mo chridhe briste.
Is mise trilleachan na tràghad
A’ sìor chlisgeadh.
Is mis’ an ite air an oiteig,
Na Fir Chlise.
Is mis’ am faileas air an uisge,
Soills a’ priobadh.
Nuair thionndaidheas tu ’n duilleag chì thu peantadh de dhannsair ballet, agus leughaidh tu san ro-ràdh mu nighean bràthar don bhàrd: “Tha Christine na neach-ealain is a’ fuireach an California, i fhèin ’s Ridseard an duine aice. ’S ann mu dhealbh a rinn Christine a rinn Flòraidh a’ bhàrdachd ‘An Dannsair’.”
Diofar chruthan-ealain air an toirt còmhla, an-seo peantadh agus bàrdachd. Feumaidh sinn tuilleadh dheth siud. Tha mi a’ moladh Maraiche nan Cuantan gu mór.
Nuair chaochlas bàrd cudromach tha e bitheanta gum bi an obair aige air a cruinneachadh ’s air a toirt a-mach fo aon chòmhdach. Uaireannan tha seo connspaideach. Chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid do Shomhairle MacGill-Eain (1911–96), ach bha aon de na dàin as susbaintiche, ‘An Cuilithionn’, air a thoirt seachad, chan ann mar a sgrìobh e sna 30an e, ach mar a spoth e sna 80an e. (Bha còir ac’ a thoirt seachad mar dhà dhàn air leth.)
Tha Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn (1928–98) ’na dhùbhlan de sheòrs’ eile, oir sgrìobh e an t-uabhas de bhàrdachd ’s de rosg am Beurla ’s an Gàidhlig. Chaidh na dàin Bheurla a chruinneachadh mar-thà; a-nise thug Acair a-mach Iain Mac a’ Ghobhainn, A’ Bhàrdachd Ghàidhlig, deasaichte le Moray Watson (£15).
Advertisement
Hide AdChan eil dad connspaideach mu dheidhinn. Bhiodh Mac a’ Ghobhainn a’ sgrìobhadh son an t-saoghail ’s chan ann air a shon fhéin. Dh’fhaodainn connspaid a thogail mu na notaichean aig Watson – car son a tha e ’g innse dhuinn cia mheud loidhne th’ anns gach dàn nuair tha na dàin fhéin ann ’nan uile ghlòir? Ach cha b’ fhiach e.
Neo dh’fhaodainn connspaid a thogail mu na “Dàin Neo-Chruinnichte 1987–”. Tha a’ mhórchuid de na dàin air an cur air dòigh mar a nochd iad ann an leabhraichean bàrdachd, ach tha cuid air an toirt á irisean ’s pàipearan, ’s nochd ceithir pìosan ann an Gairm fo cheann ‘Smuaintean Dìomhair’, mar eisimpleir ‘Rudan Eile a Thuirt Coinneach Odhar’:
Cha bhi Taigh nan Guts ann an Steòrnabhagh.
Cha bhi Princes Street a-chaoidh an Dùn Èideann.
Cha bhi batal mòr air Culloden Road ann an Inbhir Nis.
Cha tig an Access Card tuath air Inbhir Aora.
Advertisement
Hide AdAn e bàrdachd tha seo? Dé ’n diofar, tha e éibhinn. Tha ’s ‘An Teileagram’ a leanas e, a’ tòiseachadh:
Nuair a bha Murchadh Choinnich (Bandy) ceud fhuair e teileagram bhon bhanrigh.
Cha b’ urrainn dha a leughadh, oir bha a shùilean lag.
Cuir air tòir Squashy, ars esan ri a bhean (Circumference).
’S e teileagram a tha seo bhon bhanrigh, arsa Squashy.
Dè tha i ag ràdh, arsa Murchadh Choinnich.
Tha i cur meal-a-naidheachd ort, arsa Squashy. Airson gu bheil thu ceud.
Nach eil sin snog, arsa bean Mhurchaidh. A bheil airgead na cois?
Se an ro-ràdh luachmhor aig Watson iuchair an leabhair. An toiseach tha e ’g innse mu bheatha a’ bhàird, a’ reifreansadh nan dàn as fheàrr tha a’ toirt tarraing air àm no àite air leth. An uair sin, a-rithist le pailteas reifreansan ris an teacsa, tha e a’ mìneachadh a’ bhrìgh th’ aig cuspairean sònraichte sa bhàrdachd leithid cànan, dachaigh, eilean, muir, eilthireachd. Mu “dhachaigh”, mar eisimpleir, tha e cur ’nar cuimhne gu bheil am facal a’ ciallachadh bàs cuideachd, leithid far a bheil an Iolaire a’ tighinn “dhachaigh” a Leódhas.
Tha Watson an uair sin a’ déiligeadh ri ìomhaigheachd. “Am measg nan ìomhaighean as cudromaiche,” tha e ’g ràdh, “tha dathan, bàtaichean is a’ mhuir, a’ ghealach, nàdar, a’ ghrian, an t-adhar, lasraichean (agus rudan lainnireach/deàrrsach san fharsaingeachd), leugan, solais, creutairean (gu h-àraidh caoraich is eòin, agus gu seachd àraidh iseanan), sgàthain, faileasan, taighean is seòmraichean, ròsan, rionnagan, agus na planaidean. Tha cuid dhiubh a’ seasamh airson rudan sònraichte gach turas a nochdas iad, agus tha cuid dhiubh air an cleachdadh ann an dòighean siùbhlach, sùbailte.”
Advertisement
Hide AdChithear mar sin mar a tha Watson gar stiùireadh gu cridhe (neo mionach) bàrdachd Mhic a’ Ghobhainn. Tha e fiùs a’ cunntadh. Tha geal a’ nochdadh mu 70 uair, dearg mu 60, gorm mu 40, buidhe mu 30, òr mu 10. A thaobh “ròsan” tha e ’na cheist air Watson car son tha iad a’ nochdadh cho tric, oir “chan e ìomhaigh uabhasach ‘Gàidhealach’ a tha seo”, ach “tha Mac a’ Ghobhainn ga cleachdadh gu h-àraidh mar mheatafor de a bhàrdachd fhèin”. Saoilidh mise gur e siud am mìneachadh, oir tha “ròs” a’ ciallachadh “leus de thuigse” cho math ri flùr. Mar tha Watson fhéin ag ràdh mun bhàrd, “Cha do chleachd e mòran fhacal nan dèanadh am beagan dhiubh a’ chùis . . . Bha e air leth sgileil le ìomhaigheachd a bha, a rèir choltais, sìmplidh, ach a bha iom-fhillte aig an aon àm.”
Tha A’ Bhàrdachd Ghàidhlig air a dheasachadh uil’ ann an Gàidhlig ’s tha na 331 dàin (OK, pìosan) an làthair ann an Gàidhlig a-mhàin. Bidh e air leth feumail mar chruinneachadh agus mar threòraiche. Ruaraidh MacThómais a-nist . . . ?