Gaelic: Oifigeil – tha e tòrr nas saoire a bhith beò ann am baile na air an dùthaich

THA diofar bhuidhnean, ’nam measg deich comhairlean ionadail, Scottish Enterprise agus Highlands and Islands Enterprise, air sgrùdadh a chur air bonn a tha a’ deanamh coimeas eadar cosgaisean ann an sgìrean dùthchail agus ann am bailtean.

Tha an aithisg a’ sealltainn nach eil màl agus a’ chìs chomhairle cho àrd air an dùthaich, ach bha prìs cumhachd agus prìs connaidh gu math nas àirde. A bharrachd air a-sin bha cosgaisean air aodach, biadh agus bathar taighe suas gu mòr air an dùthaich.

Choimhead an aithisg air cosgaisean ann am bailtean “beaga” mar Steòrnabhagh, Leurabhaig, Inbhir Ùige agus Ceann Loch Chille Chiarain. Tha iadsan ann an àiteachan iomallach a’ pàigheadh deich ás a’ cheud a bharrachd orrasan anns na bailtean “beaga”. Se adhbhar iomagain a tha an sin oir cha bhi teaghlaichean cho deònach fuireach air an dùthaich. Ged a tha cùisean air a bhith mar sin bho chionn fhada, sann a’ sìor dhol nas miosa a tha iad. Thuirt Alasdair MacNeacail bho HIE, “Bheir na co-dhùnaidhean sin cothrom dhuinn beachdachadh air an t-suidheachadh.”

Hide Ad

A-nis tha connspaid air èirigh anns na h-Uibhistean a tha a’ cur ri co-dhùnaidhean na h-aithisg. Tha companaidh mhòr nàiseanta chungaidhean leighis an dùil bùth fhosgladh ann am Beinn na Faoghla. Is iad dotairean ’s an luchd taic anns na h-ionadan meadaigeach a tha gan toirt seachad an-dràsta. Ma dh’fhosglas a’ bhùth, caillidh feadhainn de na dotairean ’s an luchd taic an cuid obrach. Chan e sin a-mhàin ach feumaidh euslaintich triall air astar chun na bùtha. Bidh e duilich agus cosgail do gach neach ann am Beàrnaraigh, Loch Portain, an Lùdag agus Èirisgeigh siubhal gu Beinn na Faoghla.

Tha an seanfhacal ag ràdh, “Si a’ chungaidh leighis as goirte as fheàrr,” ach ann an Uibhist an-diugh “Si a’ chungaidh leighis as fhaide air falbh as daoire.”

Related topics: