Gaelic: Mac Mhaighstir Alastair: cumhachd an deilbh

Chaidh Blàr Sliabh a’ Chlamh­ain (neo Blàr Phrestonpans, neo Blàr nam Panaichean) a chur tràth sa mhadainn air 21 Sultain 1745, eadar an t-arm Gaidhealach fo Theàrlach Eideard Stiùbhart agus arm an Rìgh Deòrsa fo Shir Iain Cope.

Bha e seachad ann am mionaidean – rinn na Gaidhil a’ chùis air na deargan­aich. Taing dhan bhuaidh, chaidh arm a’ Phrionnsa bho neart gu neart agus mheàrrs iad a-staigh do Shasainn, ach cha do dh’éirich móran Shasann­ach leotha. Thill iad an rathad a thàinig iad, agus thug iad a-mach buaidh eile ann am Blàr na h-Eaglaise Brice san Fhaoill­each 1746, ach cha tug idir aig Cùil Lodair anns a’ Ghiblean.

Bha aon duine a bha ’na oifigear ann an arm a’ Phrionnsa, ’s a ghabh pàirt sna tachartasan seo air fad, a tha ainmeil an-­diugh, chan ann son a chomais air cùl claidhimh ach mar bhàrd a bha cho math ri fear sam bith eile ri linn, ann an cànain sam bith. B’e an t-ainm aige Alastair MacDhòmhnaill, neo Alastair mac Mhaighstir Alastair.

Hide Ad

Chan eil fhios againn dé an coltas a bh’ air. Eu-coltach ri Burns, chan eil dealbhan againn dheth bhon linn aige fhéin. Chan eil ann ach facail. “Mùid­eartach dubh dàna nan geur-fhac­al.” Sin a bh’ aige air fhéin. Neo: “A good singer, tall, broad-chested, fair, and good-looking.” Sin an t-iomradh a bh’ aig an
dà mhinistear Dhòmhnallach – Uibh­istich – a dh’ath-fhoillsich a chuid bhàrd­achd ann an 1924.

Ach tha dealbhan cudromach, gu seachd sònraichte an-diugh, nuair a bhios pàipearan-naidh­eachd, leabhraichean, irisean, telebhisean ’s an t-eadar-lìon loma-làn dhiubh. Duine sam bith a tha cudromach, feumaidh e ìomh­aigh. Tha saoghal nan cànanan móra – Greugais, Laideann, Ead­ailtis, Fraing­is, Beurla – làn ìomh­aighean de na gaisgich aca, agus de sheallaidhean eachdraidheil. Tha cuid ann a tha fìrinneach, tha cuid ann nach eil, tha cuid ann nach eil fhios againn.

A-nise, gu h-obann, tha dà ìomhaigh ag­ainn dhen bhàrd. Neo, ann an dòigh, trì.

Thòisich e ann an 2010 le Taip­eis nam Panaichean. Se “eal­ain choimhearsnachd” a tha seo, a dh’éirich á cuairt muinntir a’ bhaile dhan Fhraing a choimh­ead air Taipeis Bayeux. Tha Taip­eis nam Panaichean 104 meatair fada agus tha i ag innse sgeul a’ bhlàir ann an 104 panail. Chaidh a deilbh le Anndra Crummy ’s a fuaigheal le còrr agus 200 saor-thoileach air feadh na h-Alba. Tha i air a bhith air chuairt o rinneadh i, ’s tha leabhar agus mar­santachd eile ann, oir tha plan­aichean mór’ aig Urras Dual­chais Blàr Sliabh a’ Chlamhain – tha iad an dùil ionad turasachd a thogail air làrach a’ bhlàir.

Gabhaidh an taipeis air fad fhaicinn air-loidhne. Tha mac Mhaighstir Alastair a’ nochdadh (ron bhlàr) ann am panail 21. Tha mi a’ smaointinn gur e seo a’ chiad turas ann an eachdraidh a rinneadh ìomhaigh dheth. B’ i Jean Dawson á Northumberland agus Gualainn (Gullane, Loud­aidh an-Ear!) a rinn i. Tha i sealltainn a’ Phrionnsa agus a’ bhàird aig Dail Eilghe air Loch Seile, dachaigh Alastair, bho’n do rinn iad an slighe gu Gleann Fhionain aig ceann eile an locha far an do thogadh bratach Rìgh Sheumais air 19 Lùnastal. Am bàrr a’ phan­ail tha faclan a’ bhàird á ‘Gairm do Phrionnsa Teàrlach’:

Coma mur an tig thu idir

Mur an tig thu nis a chlisgeadh.

B’e ’n dara ceum leabhar sunn­dach char­tunaichean a dheanamh dhen Taip­eis. Thàinig seo a-mach fo thrì riochdan ann an 2012: Beurla, Fraingis agus Gàidh­lig. Tha an sgeul air innse le John Unwin, ’s rinneadh an t-eadar-theangachadh Gàidhlig le Seon­aidh Ailig Mac a’ Phearsain. Mar sin, mar a tha iomchaidh, tha e againn ann am brod na Gàidhlig Uibhistich. Tha Blàr Sliabh a’ Chlamhain ri fhaotainn air £10 – www.battleofprestonpans1745 .org.

Hide Ad

Ach, taing do Ghòrdan Pres­toungrange, an Sasannach beò­thail a cheannaich a’ bharan­achd, a dh’atharraich ainm ’s a tha air cùl na h-oidhirp seo air seann bhaile tionnsgalach ath-ùrachadh, tha an obair a’ leantainn gun sgur gun abhsadh. Chomisean e peantadh bho eal­ainiche ionadail, Raghnall Elliot, ’s tha e a-nist air a chrìochnachadh. Tha e air a stéidheachadh air sgeulachd a th’ againn o bheul-aithris gun do ghabh Teàrlach a bhreacaist am measg nan gunn­aichean aon uair ’s gun robh na mairbh ’s na leòintich air am faic­inn riutha ’s an àrach air a glan­adh. Chan eil an sgeul ag ràdh gun do ghabh am bàrd biadh no deoch còmhla ris, ach bha e ann an àiteigin – sgrìobh e mu na
thachair a’ mhadainn sin anns a’ chiad phearsa.

Tha ’n dealbh a’ toirt a smaoin­tinn oirnn. Tha am Prionnsa, 25, ’na sheasamh ’s am bàrd, 47, ’na shuidhe, nì nach sùilicheadh tu. Dh’fhàg a’ chasgairt Teàrlach nas sine ’s am bàrd nas truaighe. Ann an sùilean Theàrlaich tha crùn. Ach ann an sùilean a’ bhàird tha a’ bhùidsearachd a chunnaic e.