Gaelic: ‘Ma dh’obraicheas sinn gu dìleas chì sinn àrdachadh ann an 2021 no 2031’

THA toradh Cunntais Shluaigh 2011 a’ toirt dhuinn adhbhar a bhith misneachail mu chor na Gàidhlig san àm ri theachd. Tha fiùs fianais gu bheil stad a’ tighinn air crìonadh na cànain.

Sin an teachdaireachd a tha Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, air faighinn bho Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh air son na h-Alba. Ged a chaidh an àireamh a bhruidhneas i sìos bho 58,652 ann an 2001 gu 57,375 ann an 2011, chan eil lughdachadh de bheagan a bharrachd air 1,200 duine idir cho dona ’s a bhathas an dùil leis mar a chaidh an àireamh sìos 17,300 an turas roimhe.

Tha àireamh na h-òigridh a tha ga bruidhinn air dol suas 0.1 ás a’ cheud, comharradh beag gu bheil obair a’ Bhùird ga stiùir­eadh air slighe shoirbheachail. Thuirt Mgr MacAoidh: “Bha mi fhìn a’ faireachdainn gu math dòchasach mu chùisean fiùs mus tàinig na figearan as ùire a-mach, ach se deagh naidheachd a tha seo ann an iomadach dòigh. Se an t-àrdachadh anns an àirimh fo aois fichead an rud as motha a tha ann. Se beachd Tim Ellis, ceannard na h-Oifis Chlàraidh an Dùn Éideann, gun urra dhuinn a bhith cinnteach gu bheil an àir­eamh chloinne a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus àireamh an luchd ionnsachaidh a’ dèanamh diofar.”

Hide Ad

Ged a dh’fhaodadh àrdachadh 0.1 ás a’ cheud coimhead caran ìosal, tha Mgr MacAoidh den bheachd gum bu chòir sin a bhith ga thuigsinn an coimeas ri lughdachadh dhen t-sluagh fo aois 15 ann an Alba san fharsaingeachd. “Chaidh sluagh na h-Alba suas 4.6 ás a’ cheud ged a thuit an àireamh chloinne san dùthaich 5.8 ás a’ cheud. Ach aig a’ cheart àm chaidh an àireamh de dhaoine òga le Gàidhlig suas. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil rud mór mór air tachairt ann an saoghal na Gàidhlig.”

Chan ann a-mhàin air clann a tha am Bòrd a’ coimhead ge-tà. Tha ro-innleachd aca gus barr­achd inbhich, gu h-àraidh pàrantan, a thoirt a-steach air gnoth­aichean. “Bha treiseag ann far an robh daoine a’ cur an cuid chloinne gu sgoiltean Gàidhlig gun a bhith a’ dèanamh oidhirp aig an taigh. Tha sinne a’ toirt air daoine a bhith mothachail air cho cudromach ’s a tha an cànan san dachaigh agus a-nise tha sinn a’ faicinn barrachd phàrantan ag iarraidh clasaichean Gàidhlig. Tha sin a’ tachairt gu h-àraidh anns na bailtean móra agus chan e a-mhàin pàrantan chloinne a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

“Tha an sgeama Gàidhlig sna bunsgoiltean a’ toirt cothrom do chlann beagan còmhraidh agus amhrain ionnsachadh agus tha sin gu math cudromach cuid eachd. Chì pàrantan cho toilichte ’s a tha an fheadhainn bheaga a’ dèanamh sin agus bidh iad fhéin ag iarraidh Gàidhlig ionn­sachadh. Cuideachd tha mìltean air clàradh air son cùrsaichean Ùlpan ’s tha sinn a’ toirt coth­roman ionnsachaidh do luchd obrach nan comhairlean ionadail air feadh na dùthcha, rud nach robh ann roimhe seo. Agus tha sin uile a’ dèanamh diofar.”

Tha na figearan as ùire air son an fheadhainn uile gu léir aig a bheil comas air choreigin sa chànan, eadar bruidhinn, tuig­sinn, sgrìobhadh agus leughadh, air dol sìos: 87,056 ann an 2011 an coimeas ri 92,400 ann an 2001, lughdachadh de 6 ás a’ cheud. Nach eil sin fhéin a’ riochdachadh dùbhlan don Bhòrd?

“Se an dùbhlan as motha an crìonadh eaconomaigeach, oir tha an t-airgead cho gann an coimeas ris na tha sinn ag iarr­aidh a dhèanamh. A dh’aindeoin sin, tha sinn a’ toirt prìomhachais dha trì roinnean bunaiteach: an dachaigh, foghlam agus leasachadh a dh’ionnsaigh Gàidhlig a bhith ga bruidhinn mar chainnt choimhearsnachd.”

Ge-tà, tha am Bòrd mothachail gu bheil àitean sna h-Eileanan Siar, ’s dòcha gu h-àraidh ann an Leòdhas, far nach eil daoine fhath­ast air blàthachadh ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e col­tach gu bheil baile Ghlaschu, aig a bheil deagh chliù son sgoiltean agus planaichean cànain, agus fiùs Dùn Éideann, le sgoil ùr Ghàidhlig, fada air thois­each air Steòrnabhagh.

Hide Ad

“Mean air mhean tha na h-eileanan deas air Leòdhas a’ tighinn thairis gu foghlam Gàidhlig. Ach mun cuairt air Steòrnabhagh, far a bheil sluagh nas motha, sin far a bheil na h-àireamhan de sgoil­earan Gàidhlig nas ìsle. Tha sinn ag obair leis a’ Chomhairle feuch nach atharraich sinn cùisean anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

“Rinneadh obair ionmholta ann an sgìre Shiabost mar-thà, agus théid barrachd dhaoine thrèanadh ann an obair leasachaidh choimhearsnachd. Tha an fhianais ag innse dhuinn gu bheil an crìonadh a bha cho domhainn air tighinn gu crìoch. Tha sinn a-nise sùileachadh air an ath chunntas ann an 2021.
Ma dh’obraicheas a h-uile buidh­eann còmhla, gu dìleas agus gu dripeil a’ cur air adhart adhbhar na Gàidhlig, chì sinn àrdachadh anns na figearan an ath thuras, no co-dhiù ann an 2031.”