Gaelic: Litreachas Gàidhlig a’ blastadh dheth

CHAN eil crìochan air cruthachaileachd. Sin an teachdaireachd a thàinig thairis aig tachartas litreachail ann an Sabhal Mór Ostaig oidhche Chiadain.

Chuir an craoladair Mark Wringe fàilte air nobhail Ghàidhlig ficsean-saidheans le Tim Armstrong agus air cruinneachadh ùr de bhàrdachd Meg Bateman le bhith ag iarraidh air na h-ùghdairean beagan a leughadh bhon obair aca agus ceistean a fhreagairt.

Ged a tha Talfasg le Maoileas Caimbeul agus Iain am Measg nan Reultan le Iain Mac a’ Ghobh­ainn againn, sann do chloinn a tha iad, agus thug siud cothrom do dh’Armstrong an genre a leudachadh do leughadairean inbheach ann an Air Cuan Dubh Drilseach, a’ chiad nobhail ficsean-saidheans “cruaidh”, mar gum biodh. Thuirt e: “Tha an fharsaingeachd ann am fànas a’ toirt saorsa don mhac-meanma. Chan eil cànan sam bith beò ach a réir cho fallain ’s a tha a litreachas, agus sann ann am ficsean-saidheans a théid cànan nuadh a leasachadh dhan linn ùr a tha romhainn.”

Hide Ad

Mhìnich Meg Bateman car son a sgrìobh i a’ mhórchuid de Transparencies ann am Beurla. “Se seòrs’ experiment a bh’ ann. Bha mi an dùil gum biodh e na b’ fhasa a bhith a’ sgrìobhadh sa chànain mhàthareil agam, ’s gun tigeadh rudeigin gu math diofraichte ás, ach cha tàinig. Saoilidh mi gu bheil a’ cheòlraidh agam air a dealbhadh mar-thà tro dhùthchas na Gàidhlig, ’s gu bheil a làrach fhathast gu soilleir sa bhàrdachd Bheurla seo.”

Thug gnothaichean toileachas sònraichte don fhoillsichear John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean. “Air oidhche Chiadain, agus aig àm nuair nach eil móran airgid aig daoine – ’s nuair a tha a’ mhórchuid dhe na h-oileanaich air falbh – bha e gu math dòchasach 40 neach a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachd Shléite fhaicinn aig tachartas-litreachais Gàidhlig.”

Chluich Barry Shears puirt aotram air a’ phìob ann an stoidhle chruinn Cheap Breatainn a thathas den bheachd a bhiodh coltach ri mar a chluicheadh Gaidhil na h-Alba cuideachd ro thoiseach an 20mh linn. Agus ghabh Tim Armstrong rap ann an Gàidhlig a chuir iongnadh air móran, ged a chòrd ruidheam agus ceòl a chainnte ris a h-uile duine a bha an làthair.